Oileanaich an t-Sabhail am measg an luchd-buannachaidh aig Duaisean FilmG 2018
Chaidh cuirm duaisean FilmG a chumail ann an Glaschu Dihaoine sa chaidh agus iad a’ comharrachadh deich bliadhna bhon a thòisich an fharpais filmichean goirid Gàidhlig aig MG ALBA. Tha an fharpais air a ruith leis a’ chompanaidh Cànan a tha stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach.
Bha grunn oileanaich bho Shabhal Mòr Ostaig an làthair air an oidhche a bha air a’ chùis a dhèanamh àite fhaighinn air a’ gheàrr liosta ann an diofar roinnean den fharpais. Bha cuideachd mòran luchd-ceumnachaidh SMO ag obair aig an tachartais a bha air an Dioplòma sna meadhanan Gàidhlig no am BA (le Urram) Gàidhlig agus na Meadhanan a dhèanamh aig a’ Cholaiste agus iad a-nis ag obair sa ghnìomhachais gu proifeiseanta.
B’ e oidhche air leth soirbheachail a bh’ aig Lana Pheutan às an Eilean Sgitheanach, a rinn an cùrsa Gàidhlig is Conaltradh aig Sabhal Mòr Ostaig o chionn beagan bhliadhnaichean is a tha a-nise na h-oileanach aig Oilthigh Napier Dhùn Èideann. Bhuannaich i dà dhuais – Cluiche As Fheàrr agus Film As Fheàrr le Oileanach – airson am film ‘Còig Puing a Trì’ agus nochd i air trì gheàrr liostaichean cuideachd. Bhuannaich i cuideachd duais Roghainn an t-Sluaigh bho bhòtaichean a’ mhòr-shluaigh.
Fhuair Peggy-May Chapple, a tha an-dràsta na h-oileanach air a’ Chùrsa Comais aig SMO, àite air trì gheàrr liostaichean cuideachd – am Film Fòn-làimhe as Fheàrr, an Stiùiriche Ùr as Fheàrr agus Cluich as Fheàrr airson am film ‘An Fhìrinn mu dheidhinn GERD’. Shoirbhich cuideachd le oileanach eile a tha aig an t-Sabhal an-dràsta san roinn Film Fòn-làimhe as Fheàrr airson am film èibhinn aigesan, ‘Fàilte dhan Diungail: Beathaichean Gàidhlig’. Tha Ross Christie à Earra-Ghàidheal agus air an dàrna bliadhna a’ dèanamh BA Gàidhlig agus na Meadhanan.
Rinn Rachel Ellen NicAoidh, a cheumnaich bhon t-Sabhal an-uiridh as dèidh dhith an Dioplòma sna Meadhanan Gàidhlig a dhèanamh, a’ chùis air dà gheàrr liosta a ruighinn airson am Film Dùthchais as Fheàrr agus an Stiùiriche Gnìomhachais as Fheàrr son am film aice ‘Gin Galore!’. Tha Rachel, a bhuineas do Leòdhas, an-dràsta ag obair airson a’ chompanaidh neo-eisimeileach, Solas TV, ann an Glaschu. Fhuair tè eile a rinn a’ Chùrsa TBh aig a’ Cholaiste, air a’ gheàrr liosta son An Stiùiriche Gnìomhachais as Fheàrr son am film aicese ‘Amas na Bliadhn’ Ùire’. Tha Victoria Kilgour, à Glaschu, air a bhith ag obair mar neach-deasaiche aig a’ chompanaidh riochdachaidh Bees Nees Media bhon a cheumnaich i.
Bha a’ Cholaiste cuideachd air a riochdachadh leis a’ Phrionnsapal, an t-Ollamh Boyd Robasdan, a thug seachad an duais airson Film Dùthchais ann an roinn nan inbheach. Thug SMO cuideachd taic do dhuaisean na Gàidhlig, fileantaich is luchd-ionnsachaidh, le £500 an duine mar dhuais. A’ bruidhinn mu na Duaisean, thuirt an t-Ollamh Robasdan: “ ‘S e tachartas air leth tlachdmhor a th’ ann an cuirm nan duaisean aig FilmG agus tha e na mhisneachadh a bhith a’ faicinn uimhir a dh’ òigridh a’ gabhail pàirt san fharpais agus a’ frithealadh na cuirme. Tha sgioba Cànan a’ dèanamh obair ionmholta ann a bhith a’ ruith na farpais gach bliadhna, a’ brosnachadh dhaoine gu filmichean a dhèanamh agus a’ toirt taic is trèanadh do na farpaisich. Bha e na thogail cridhe dhomh fhìn is do dh’Iain Tormod MacLeòid, a tha air a bhith os cionn an fhoghlaim aig an t-Sabhal fad 35 bliadhna, gun robh oileanaich is seann oileanaich na Colaiste cho lìonmhor is cho follaiseach aig a’ chuirm.”