Skip to content
SMO Generic Banner Image

Foillseachadh Plana Cànain Sabhal Mòr Ostaig airson co-chomhairle phoblaich



Chaidh Plana Cànain Shabhal Mòr Ostaig OGE, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, a chur air bhog an-diugh le cothrom aig a’ mhòr-shluagh beachdan a chur mu choinneamh.

Fhuair Sabhal Mòr iarrtas bho Bhòrd na Gàidhlig plana cànain a dheasachadh fo chùmhnantan Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 am measg buidheann de cholaistean is oilthighean eile air an deach iarraidh plana a sgrìobhadh.   Chaidh am Plana a dheasachadh le Oifigear Leasachaidh Cànain na Colaiste agus luchd-obrach eile a tha mion-eòlach air leasachadh is planadh cànain.  Tha am Plana a’ togail air Poileasaidh Cànain na Colaiste a bh’ ann roimhe agus a’ neartachadh cleachdadh na Gàidhlig am measg oileanaich agus luchd-obrach an t-Sabhail.

Thuirt Prionnsapal na Colaiste, An t-Oll. Boyd Robasdan:’Chaidh Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh air an fheallsanachd gun e àite-ionnsachaidh làn-Ghàidhlig, àite-obrach làn-Ghàidhlig agus coimhearsnachd làn-Ghàidhlig a bhiodh ann. Tha am Plana Cànain a’ cur an cèill gu soilleir na tha tachairt an seo gus inbhe agus cleachdadh a’ chànain a bhrosnachadh agus mar a thèid oirnn air àrainneachd Ghàidhlig na Colaiste a neartachadh.

‘Tha sinn an dòchas gum bi am Plana seo mar fìor dheagh eisimpleir do bhuidhnean eile agus gun gabh daoine an cothrom na beachdan aca mun Phlana a chur thugainn.’

Thuirt Ceannard Bòrd na Gàidhlig, Iain Aonghais MacAoidh:’Tha inbhe aig Sabhal Mòr Ostaig mar ionad sàr mhathais nàiseanta airson na Gàidhlig an Alba is tha e ceart is cothromach gum biodh an Sabhal na dheagh eisimpleir air ionnsachadh is cleachdadh cànain anns gach suidheachadh. Gus sin a thoirt gu buil tha gach cuid poileasaidh is plana gnìomh cudromach. Tha sinn a’ cur fàilte air an iomairt seo agus a’ coimhead air adhart ri thoraidhean.’

Thèid am Plana Cànain aig Sabhal Mòr Ostaig a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig air 31 An Dàmhair 2011.  Tha am Plana agus foirm luachaidh ri fhaotainn air làrach-lìn na Colaiste agus bidh cothrom aig daoine air beachdan a nochdadh mu dheidhinn gus an latha sin fhèin.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578