Oileanaich chiùil an t-Sabhail a’ togail fonn sa choimhearsnachd
Mar phàirt den bhliadhna sa bheil Sabhal Mòr Ostaig a’ comharrachadh 40 bliadhna bhon a chaidh a’ cholaiste a stèidheachadh, tha oileanaich bhon BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta gu bhith dol air chuairt air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean sa Mhàrt, far am bi iad, còmhla ri luchd-ciùil eile le ceangal ris a’ cholaiste, a’ cluich aig diofar chonsairtean.
Bidh a’ chuairt a’ tòiseachadh Dihaoine 8 Màrt nuair a bhios na h-oileanaich a’ dèanamh air Uibhist far am bi iad a’ cluich do luchd-obrach is sgoilearan Sgoil Lìonacleit mus tog iad orra a Bharraigh airson consairt agus dannsa air an oidhche còmhla ri Dàimh, còmhlan a thàinig còmhla aig a’ cholaiste o chionn còrr is deich bliadhna. Bidh na h-oileanaich an uair sin ann an Uibhist a Deas air 9 Màrt airson consairt aig àm diathaid Disathairne ann an Talla Staoinibrig, a chaidh a leasachadh às ùr o chionn ghoirid, agus bidh iad a’ cumail bùithtean-obrach do dh’òigridh na sgìre an sin cuideachd. Mus fhàg iad Uibhist bidh na h-oileanaich a’ dèanamh consairt is dannsa eile còmhla ri Dàimh ann an Talla an Ìochdair air oidhche Shathairne. An ath Dhihaoine, 15 Màrt, bidh na h-oileanaich a’ cluich sa Cheilidh Place ann an Ulapul còmhla ris an t-seinneadair Ghàidhlig iomraiteach Christine Primrose a tha air a bhith air sgioba obrach na colaiste nas fhaide na duine sam bith. Thig na h-oileanaich cruinn còmhla an uair sin còmhla ri Ailean Dòmhnallach aig a’ cholaiste fhèin Diardaoin 21 Màrt agus an uair sin cuiridh iad crìoch air a’ chuairt aca ann an Tiriodh Dihaoine 29 Màrt agus iad a’ cluich còmhla ri Ceòladair na Colaiste, Màiri Anna NicUalraig.
Thuirt Stiùiriche a’ Chùrsa, am pìobaire ainmeil Dr Decker Forrest: “Às dèidh mar a chòrd na tachartasan againn aig Celtic Connections ann an Glaschu cho mòr ri daoine san Fhaoilleach, bha sinn airson cumail oirnn a’ dèanamh sanasachd air mar a tha sàr cheòl agus sàr luchd-ciùil aig cridhe obair is beatha na colaiste agus bha sinn ag iarraidh aire dhaoine a tharraing gu mar a tha ceòl aig a’ cholaiste a h-uile latha.”
Thuirt Dr Forrest cuideachd gum biodh cothrom aig na h-oileanaich stiùir a ghabhail air mar a thèid na consairtean a chur air dòigh agus a shanasachd.
Thuirt Eilidh NicPhàidein, oileanach air an dàrna bliadhna den phrògram ciùil: “Tha ceangal againn uile ri co-dhiù aon de na h-àiteachan air am bi sinn a’ tadhal, tha triùir ann à Uibhist a Deas agus ’s ann à Tiriodh a tha mi fhìn. Bha sinn airson gum biodh barrachd fios aig daoine sna coimhearsnachdan againn mun phrògram chiùil againn, ach bha sinn cuideachd airson airgead a thogail airson buidhnean-carthannais ionadail le bhith gabhail tabhartasan agus a’ ruith rafal aig na consairtean.”
’S iad na buidhnean-carthannais dham bi na h-oileanaich a’ toirt taic: Cobhair Bharraigh, Maighstir Cailean ann an Ecuador; Young Carers an Eilein Sgitheanaich; agus Cùram Thiriodh.
Thòisich am BA (le Urram) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta ann an 2007 agus tha sgioba air leth de luchd-ciùil agus sgoilearan le Gàidhlig ga theagasg, leithid Christine Primrose, Ingrid agus Ailean MacEanraig, Feargaidh Dòmhnallach, Mairead Stiùbhart, Dr Iain Purser agus Dr Ùisdean Cheape.