
Fuinn, fiosrachadh is fearas-chuideachd aig Ceòl Mòr Ostaig
Bha latha is oidhche air leth aig Sabhal Mòr Ostaig aig Ceòl is Craic ann an Glaschu aig an deireadh-sheachdain. Thàinig àireamh mhath de dhaoine cruinn còmhla aig Ceòl Mòr Ostaig, tachartas sònraichte, a chuir a’ cholaiste is Ceòl is Craic air dòigh gus taisbeanadh a dhèanamh air ceòl, obair is tàlantan muinntir na colaiste.
Thuirt Alasdair MacAoidh, Manaidsear nan Cùrsaichean Goirid aig Sabhal Mòr Ostaig: “Air latha blàth samhraidh, bha sgioba sònraichte againn shìos ann an Glaschu airson oidhche mhòr aig Ceòl is Craic. ’S e deagh chothrom a bh’ ann airson na Colaiste a bhith a’ toirt fios do dhaoine anns a’ bhaile mhòr mu na cùrsaichean agus an tàlant a th’ againn aig Sabhal Mòr Ostaig. Bha sinn gu math fortanach gun robh dithis sheinneadairean cliùiteach ann air an oidhche bhon Cholaiste, Christine Primrose is Maighread Stiùbhart. Còmhla ris na seinneadairean fìor mhath seo air an àrd-ùrlar, bha an ‘trio’ aig Aonghas MacNeacail, agus an sgrìobhadair aig a’ Cholaiste, Pàdraig MacAoidh, na h-oileanaich bhon chùrsa chiùil is Artair Donald mar fhear an taighe. Cuideachd, ron a’ chuirm-chiùil fhèin bha taisbeanadh mun Cholaiste is bùithtean-obrach a thug cothrom do dhaoine a bhith a’ tachairt ri muinntir na Colaiste agus beagan ionnsachadh mun Ghàidhlig is a cultar. Ged as e latha math a bh’ ann airson bhith a-muigh, bha sinn air leth toilichte leis an àireamh de dhaoine a bh’ againn aig na bùithtean-obrach is air an oidhche. Chòrd e rinn gu mòr a bhith ann an Glaschu a’ tachairt ris na daoine agus tha dùil aig a’ Cholaiste barrachd thachartasan mar seo a dhèanamh sna bailtean-mòra.”
Am measg nam bùithtean-obrach a chaidh a chumail bha tè airson seinn Ghàidhlig, bùth-obrach ann an Sgilean Telebhisein is Dràma, agus bha cothrom beagan Gàidhlig ionnsachadh. A thuilleadh air sin bha taisbeanadh ann mun cholaiste, agus chaidh filmichean a rinn oileanaich TBh an t-Sabhail a shealltainn san cinema.
Thuirt Deirdre Mhoireach, an Co-òrdanaiche aig Ceòl is Craic: “Bha sinn air leth toilichte gun robh Sabhal Mòr Ostaig againn airson an tachartas mu dheireadh againn ron t-samhradh. Bha an luchd-ciùil is seinneadairean is daoine tàlantach eile bhon cholaiste dìreach sgoinneil agus chòrd an oidhche gu mòr ri daoine agus tha sinn an dòchas gun tèid againn air togail air a’ chàirdeas seo agus gum bi oidhcheannan eile mar seo againn.”