Skip to content
SMO Generic Banner Image

Neach-ciùil an t-Sabhail Mhòir le coimisean iomraiteach airson Geamannan a’ Cho-fhlaitheis



Tha Ceòladair na Colaiste aig Sabhal Mòr Ostaig Màiri Anna NicUalraig air coimisean fhaighinn airson cuirm-chiùil shònraichte a dhealbh agus a chur air dòigh mar phàirt de sgioba eadar-nàiseanta airson na h-iomairt chiùil iomraiteach ‘Ceòl Ùr 2014’ aig PRSF airson Geamannan a’ Cho-fhlaitheis 2014 ann an Glaschu.

’S e compàirteachas eadar-nàiseanta a bhios san ‘Aiseag’ a chuireas Gàidhlig aig cridhe Geamannan a’ Cho-fhlaitheis. Ag obair còmhla ri Màiri Anna bidh an sgrìobhaiche-ciùil Canèidianach Scott Mac a’ Mhaoilein, An Dealbhaiche Fuaime Nick Turner bho Watercolour Music agus am bàrd iomraiteach Aonghas ‘Dubh’ MacNeacail. Bidh ‘Aiseag’ a’ togail air na ceanglaichean eadar daoine agus na ceanglaichean cultarach a th’ ann eadar Gàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba agus sluagh Gàidhlig Alba Nuadh ann an Canada.

’S e a th’ ann an ‘Ceòl Ùr 2014’ a’ phrìomh iomairt taice airson ceòl ùr aig Urras Comann nan Còraichean airson Cluich Ceòl no (PRS for Music Foundation) airson Geamannan a’ Cho-fhlaitheis. Thèid 20 coimisean ùr bho air feadh na Rìoghachd Aonaichte a thaisbeanadh ann an diofar àiteachan air feadh na dùthcha mus tig iad cruinn còmhla aig cruinneachadh mòr san Ionad Southbank ann an Lunnainn san Iuchar 2014, agus bidh cuirm-chiùil shònraichte eile ann aig na Geamannan fhèin san Lùnastal.

Tha Màiri Anna a’ fuireach ann an Àird Ghobhar ann an Loch Abar, toiseach slighe a bheir sibh gu Àrd nam Murchan, sgìre a tha an urra ri còig dhiofar sheirbheisean aiseig. Agus tha e air leth iomchaidh gur e ‘aiseag’ an samhla a bhios a’ stiùireadh na h-obrach thoradh tha aiseagan is seirbheisean aiseig deatamach do dh’eileanan agus coimhearsnachdan na Gàidhealtachd agus Alba Nuadh, an dà chuid nar latha fhèin agus sna linntean a dh’fhalbh. Bidh ‘Aiseag’ cuideachd a’ toirt àite cudromach do cheòl Gàidhlig ann an ‘Ceòl ùr 2014’ agus sna tachartasan a bhios a’ comharrachadh Glaschu 2014.

Am measg an luchd-ciùil is nan seinneadairean a bhios a’ dol an sàs sa phròiseact bidh seinneadairean bhon Ghàidhealtachd agus Alba Nuadh, luchd-ciùil clasaigeach bho Alba agus Còisir Ghàidhlig Inbhir Nis. Cuideachd fighte sa cheòl bidh electronica agus fuaimean a thèid a thional bho aiseagan is saoghail an dà dhùthcha.

Thòisich Màiri Anna NicUalraig mar Cheòladair na Colaiste aig Sabhal Mòr Ostaig san t-Samhain an-uiridh agus tha a dreuchd mar phàirt den phrògram chòmhnaidheach, ‘Cinn-uidhe Chruthachail’ (no Creative Futures), a tha air a mhaoineachadh le Alba Chruthachail. ’S ann bhon teaghlach cheòlmhor ainmeil, Caimbeulaich a’ Ghnìoba san Eilean Sgitheanach, tha Màiri Anna agus tha cliù agus am pailteas eòlais aice mar neach-ciùil, seinneadair, sgrìobhadair-ciùil, riochdaire agus craoladair agus tha i air leth fiosrach mu chànan, ceòl is beul-aithris nan Gàidheal. Mar phàirt de a dreuchd aig a’ cholaiste an-dràsta tha i ag obair air pròiseact co-cheangailte ri ceòl a teaghlaich fhèin, agus tha i ag obair air clàr de dh’òrain Ghàidhlig le ceangal ri Glaschu, a thèid fhoillseachadh ann an 2014.

Thuirt Màiri Anna NicUalraig: “’S e urram mòr a th’ ann gu bheil an cothrom seo againn Gàidhlig a chur teis-meadhan tachartasan cultarach nan Geamannan, gu sònraichte nuair a tha iad gu bhith sa bhaile far an do thogadh mi fhìn, Glaschu. The mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri Scott, Nick agus Aonghas – agus ri bhith taisbeanadh saoghal mara nan Gàidheal tro cheòl is ealain air bruaichean Abhainn Chluaidh agus Abhainn Thames!”

Thuirt Donaidh Rothach, An Stiùiriche aig Sabhal Mòr Ostaig airson Leasachaidh, Tional-airgid agus nan Ealain: “’S e naidheachd mhath dha-rìribh a tha seo, airson Màiri Anna fhèin, mar neach-ciùil is riochdaire aig a bheil ainm eadar-nàiseanta, agus gu dearbh airson Sabhal Mòr Ostaig far a bheil i na Ceòladair an-dràsta. ’S e seo an dearbh seòrsa cothruim a bha sinn an dòchas a thigeadh às a’ phrògram againn le luchd-ealain air mhuinntireas. Leis a’ phròiseact iongantach seo, chan e a-mhàin gu bheil Màiri Anna a’ cur cànan is cultar na Gàidhlig aig cridhe nan tachartasan cultarach a bhios a’ comharrachadh Geamannan a’ Cho-fhlaitheis, ach tha i a’ toirt àite dhan chànan agus dhan chultar sna h-ealain eadar-nàiseanta.”

Chaidh an iomairt ‘Ceòl Ùr 2014’ a stèidheachadh le PRSF ann an co-bhuinn ri Alba Chruthachail, Comhairle Ealain Shasainn agus Comhairle Bhreatainn. Chaidh iarraidh air buidhnean bho air feadh Bhreatainn beachdan a chur a-staigh airson coimiseanan ciùil a bha iad airson a chur air adhart còmhla ri sgrìobhaiche ciùil a bha stèidhichte ann am Breatainn. Mar thoradh air a’ phròiseact seo thèid 20 coimisean ùr a thoirt gu buil airson 2014, bliadhna nuair a bhios an Rìoghachd Aonaichte agus Alba a’ cur fàilte air Geamannan a’ Cho-fhlaitheis. Thèid dà thachartas a chumail thairis air dà dheireadh-seachdain leis a’ cheòl bhon 20 coimisean. Thèid a’ chiad tachartas a chumail san Ionad Southbank ann an Lunnainn (4-6 Iuchar) agus thèid an dàrna fear a chumail mar phàirt de ‘Ghlaschu – Baile Ciùil UNESCO’ (2-4 Lùnastal) as t-samhradh 2014 agus na dhà dhiubh a’ comharrachadh mar a tha Geamannan a’ Cho-fhlaitheis gan cumail ann an Glaschu. Bidh tachartas sònraichte ron dà thachartas seo air a’ Ghàidhealtachd far am faigh daoine a’ chiad chothrom èisteachd ri ‘Aiseag’.

Tha ‘Ceòl Ùr 2014’ a’ togail air mar a shoirbhich don Olympiad Chultarach ann an 2012. Chaidh iarraidh air daoine beachdan a chur a-staigh airson coimiseanan a thogadh air ceanglaichean eadar-nàiseanta mar a chìthear an lùib thachartasan mar Gheamannan a’ Cho-fhlaitheis. Rinn pannal de bhritheamhan breithneachadh air na beachdan a chuireadh a-staigh, le Roger Wright, Riaghladair Rèidio 3, sa chathair agus thèid na coimiseanan ùra a thaisbeanadh air an àrd-ùrlar ann an 2014 agus air Rèidio 3.

Chaidh na buidhnean a fhuair coimisean fhoillseachadh an-diugh (Dihaoine 26) ann an Lunnainn.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578