
Gnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna 2011 Ceuman beaga gu soirbheachas aig Fàs Mòr
‘S e’Fàs Mòr’, ionad cùram chloinne tro mheadhan na Gàidhlig ann an Slèite an Eilean Sgiathanaich, a th’ air duais’Gnìomh Gnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna 2011 – a bhuannachd.
Aig an ìre sa tha 75 duine cloinne clàraichte leis an ionaid, far am bheil a h-uile tachartas is conaltradh ga chumail sa Ghàidhlig is le sin tha iad a’ cuir gu mòr ri neart na cànain san sgìre sin airson na bliadhnachan ri teachd.
Seo an dàrna bliadhna a thathas air tiotal’Gnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna’ a thoirt seachad ann am farpais a th’ air a stiùireadh le Comunn na Gàidhlig (CnaG) le taic bho Iomairt na Gàidhealtachd’s nan Eilean (HIE). Thathas ag amas air am farpais mar mheadhan air inbhe is cliù tharraing chun Ghàidhlig le bhith a’ comharrachadh na th’ann de ghnìomhachasan is companaidhean a tha chleachdadh aig cridhe an cuid obrach bho latha gu latha.
Thòisichear’Fàs Mòr’, a tha stèidhichte air làrach Sabhal Mòr Ostaig, ach a tha na ghnìomhachas uile gu lèir fa-leth, bho chionn 7 bliadhna. Thathas a’ tabhann cùram chloinne do chlann eadar 0 agus dà bhliadhn’ deug a dh’aois le h-uile càil dha dhèanamh’sa Ghàidhlig’ ged a bhitheadh a chlann an làthair fad an latha, neo dìreach uair a thìde na dhà.
Chaidh tagraidhean na farpais am meas le pannal de bhritheamhan, a’ cunntas riochdairean ChnaG, HIE agus Bòrd na Gàidhlig. Bha iad aontaichte gun robh Fàs Mòr airidh air a cheud àite san fharpais leis cho bunaiteach’s a bha a’ Ghàidhlig ri obair làitheil na buidhne chan ann a mhàin anns an còmhradh ris a’ chlann, ach anns a h-uile sanas, poileasaidh agus fiosrachadh a tha ri sgaoileadh dha pàrantan, agus air an làrach-lìn.
‘Sì Kathryn NicAoidh a tha na stiùiriche air Fàs Mòr, is thuirt ise:’Tha sinn air leth toilichte gun do choisinn sinn an duais Gnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna agus taingeil do Chomunn na Gàidhlig agus do InG airson an taic-airgid a tha na chois. Ann am Fàs Mòr bidh sinn a’ brosnachadh agus a’ cleachdadh na Gàidhlig leis a h-uile pàiste, ged nach biodh facal Gàidhlig aca nuair a thòisicheas iad. Tha Fàs Mòr gu mòr an crochadh air buidhnean agus tabhartasan dhen t-seòrsa seo agus tha e na bhrosnachadh don sgioba againn air fad gu bheilear ag aithneachadh cho cudromach’s a tha an obair anns a bheil sinn an sàs.’
Tha duais de £3,000 ga thoirt seachad dhan gnìomhachas a ghlèidheas a’ cheud duais, agus duaisean de £1,500 is £500 a’ dol dha na tagraidhean a chuir na britheamhan san dàrna is an treasaibh àite. Am bliadhna b’ iad sin companaidh ùr’Facal’ a tha stèidhichte ann an ceann a tuath Chataibh is a tha tabhann eadar-theangachadh is seirbhisean Gàidhlig eile; agus bùth Cho-chomainn Èirisgeigh.
Thuirt John Watt, Stiùiriche Leasachadh Coimhearsnachdan aig Iomairt na Gàidhealtachd:’Tha sinn làidir dhan bheachd gum bheil, anns an sgìre seo, cothroman cosnaidh agus cothroman gnìomh anns a’ Ghàidhlig, agus chan eil dearbhadh nas fhèarr air a sin ach na tagraidhean a bhitheas sinn a’ faicinn airson am farpais seo. Tha mise gu sònraichte toilichte gum bheil companaidh mar Fàs Mòr air an duais seo ghlèidheadh, oir tha a’ Ghàidhlig gu follaiseach aig cridhe na tha iad a’ dèanamh, agus a bharrachd air sin gum bheil iad an sàs ann an obair òigridh is tha mi cinnteach gun cuir an òigridh sin ri misneachadh na coimhearsnachd sin’sna bliadhnachan ri teachd.’
Chaidh duais na bliadhna-sa thoirt seachad dha Fàs Mòr le Cathraiche ùr ChnaG, a tha cuideachd na chomhairle sgìreil air Comhairle na Gàidhealtachd, Hamish Friseal:’Bha e na adhbhar fhìor thoileachas dhòmhsa a bhith a’ toirt an duais a tha seo do ghnìomhachas a tha cho mòr an sàs ann a bhith a’ neartachadh a’ Ghàidhlig sa choimhearsnachd sa. Tha a’ choimhearsnachd a tha seo a’ tuigsinn luach dà-chànanas do chloinne agus tha e na adhbhar thlachd is misneachd a bhith a’ faicinn a’ chlann is an luchd-obrach seo cho dlùth an sàs anns a’ Ghàidhlig. Tha iad airidh air a’ chliù, agus tha mi a’ guidhe gach soirbheachas dhaibh sna bliadhnachan ri teachd.’