Skip to content
SMO Generic Banner Image

Guthan on Chladh Beag



Geàrr-chunntas air Guthan on Chladh Bheag

 B’ e bàs truagh nam mìltean de naoidheanan a thiodhlaiceadh gun fhios, a dh’oidhche, ann an talamh neo-choisrigte, agus am briseadh-cridhe a lean an cleachdadh seo (a mhair ann an Èirinn gu meadhan an 20mh linn), a dh’adhbhraich am phròiseact, Glórtha ón gCillín/Guthan on Chladh Bheag/Voices from the Cillín. ’S e an tuigse fharsaing air na cladhan beaga gun tiodhlaicte na leanaban annta a chaochladh aig àm am breithe, no goirid na dhèidh, mus deach am baisteadh. Le linn rannsachadh na cùise, thàinig e am follais gun robh clann suas gu seachd no ochd bliadhna a dh’aois gan cur sna cladhan beaga cuideachd, mar thoradh air bochdainn am pàrantan a rèir an t-sluaigh. Chaidh inbhich adhlacadh annta a bharrachd air sin, mar eisimpleir daoine a chuir an làmh nam beatha fhèin, daoine a chaidh a mhurt, daoine gun chreideamh a b’ aithne do chàch agus cuirp a thug an làn-mara a-steach.

Tha adhlacadh leanaban ann an àiteachan sgaraichte o adhlacadh inbheach a’ dol air ais na mìltean de bhliadhnachan ann an eachdraidh na Roinn Eòrpa. Mun àm cheudna a thàinig Crìostaidheachd a dh’Èirinn, bha an N. Augustine a’ teagasg gun robh am peacadh gine air gach mac màthar, agus mar thoradh air sin, nach b’ urrainn do phàiste nach robh air a bhaisteadh dhol gu Nèamh oir ghineadh san drùis e. Mun dàrna linn deug chruthaich an eaglais bun-smuain ùr mu Limbus Infantium, staid eadar Nèamh agus Ifrinn, anns am biodh leithid a chloinn air an cumail gu sìorraidh. Nuair a chuimhnichear air tricead na breithe agus, air sàillibh sin, air tricead bàs naoidhean a bha faisg air 7% gu ruige na 1930an, chan fhaodar cràdh nam pàrantan a thomhas, gu h-àraidh cràdh nam màthraichean aig nach robh cead a bhith an làthair nuair a chuirte na naoidheanan agus a chreideadh nach coinnicheadh iad a-rithist ri chèile ann am flaitheanas. Feumar a ràdh gun deach naoidheanan eile a thiodhlacadh  a chaidh a mhurt air adhbhar air choreigin. Chuidich dìomhaireachd nan cladhan beaga ri a leithid a dh’eucoir a chumail am falach. 

Bhrosnaich a’ chiad sealladh a bh’ aig Sheena Graham-George air cladh beag an Eilean Acla i gus rannsachadh a dhèanamh air a’ chuspair agus obair ealaine a chruthachadh mu na làraichean seo.  Chaidh rudan am meud nuair a thachair i ris a’ bhàrdBríd Ní Mhórain a chaidh a togail, i fhèin, faisg air cladh beag, agus i an dèidh dàn a sgrìobhadh air a’ chuspair. Bhruidhinn Sheena ris an neach-ealain digiteach agus fuaime Angelica Kroeger a tha a’ fuireach ann an Ullapul. Tha Bríd na deagh charaid aig Máire Breathnach a tha air tè den luchd-ciùil thradaiseanta agus den luchd-dèanamh-ciùil as fheàrr ann an Èirinn, agus dh’iarr Bríd oirrese an ceòl a dhèanamh a thèid an co-bhonn an fhilm. Thug i cuideachd cuireadh do Meg Bateman, a tha na bàrd, na h-eadar-theangaiche agus na h-òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach, pàirt a ghabhail còmhla riutha. Sin mar a chaidh snàithlean a’ phròiseict fhighe còmhla. On a thòisich iad air an obair, tha an dithis aca, Angelika agus Meg, air cladhan beaga a lorg an Alba – ceangal eile eadar an dà dhùthaich a thoilleas tuilleadh rannsachaidh. Ged a tha na cladhan seo rin lorg air feadh na h-Èireann, tha sinne air amas, airson na mòr-chuid, air an fheadhainn an iar-dheas na dùthcha, air na trì rubhaichean Corca Dhuibhne, Uíbh Ráthach agus Béarra.

 Tha sinn a’ toirt taing do iomadh duine thall ’s a-bhos sna sgìrean ud airson ar stiùireadh chun nan làraichean sònraichte, agus airson an cuid eòlais a roinn gu fialaidh oirnn. Tha sinn an comain nan sgoilearan agus nam buidhnean a thug taic dhuinn, gu h-àraidh Colm Cille, Oidhreacht Chorca Dhuibhne, Ealaín na Gaeltachta, An Lab, Féile na Bealtaine, Tech Amergin,  Anam Chara, Roinn Bhéaloideas Éireann, agus an Alba, do Shabhal Mòr Ostaig agus  Fèisean nan Gàidheal.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578