HMIE a’ foillseachadh lèirmheas air èifeachdas nan ullachaidhean làithreach airson foghlam Gàidhlig
Tha HMIE an-diugh air lèirmheas fhoillseachadh Foghlam Gàidhlig: A’ togail air nithean soirbheachail, a’ dèiligeadh ris na bacaidhean, mu na nithean a tha an urra ri foghlam Gàidhlig ann a bhith a’ toirt taic do Phlana Nàiseanta na Gàidhlig, a tha ag amas air a bhith a’ stèidheachadh àm ri teachd a bhios seasmhach dhan chànan. Tha an aithisg stèidhichte air fianais bho sgrùdaidhean ann am Foghlam Gàidhlig a ghabh àite thar air an ama 2006 gu 2011 agus air agallamhan a chaidh an cumail le prìomh chluicheadairean a tha an sàs ann an leasachadh foghlam Gàidhlig. Tha i a’ cur an cèill cuid de na prìomh eileamaidean a tha air a bhith an lùib foghlam meadhan Gàidhlig soirbheachail de dh’àrd chàileachd. Gus leasachadh leantainneach a choileanadh, tha an aithisg air eileamaidean a shònrachadh a tha coimhead mar gu bheil iad a’ cur bacaidh air an t-solar Ghàidhlig. An uair a gheibhear thairis orra sin, tha HMIE ag ràdh gu bheil iad misneachail gum bi an comas aig Alba a bhith na mhodail eadar-nàiseanta de dheagh chleachdadh ann a bhith ag àrdachadh choimhearsnachdan mion-chànanach.
Ghabh HMIE orra fhèin an obair seo leis an amas:
- a bhith a’ comharrachadh soirbheachasan agus bacaidhean ann an solar Foghlam Gàidhlig de dh’àrd chàileachd
- a bhith a’ moladh mar a dh’fhaodar faighinn thairis air bacaidhean ann an leasachadh Foghlam Gàidhlig gus am faighear air cumail a’ gluasad air adhart gu bhith a’ coinneachadh ri targaidean Plana Nàiseanta na Gàidhlig; agus
- a bhith ag obair le stèidheachaidhean Gàidhlig, com-pàirtichean agus buidhnean gus leasachaidhean ann am Foghlam Gàidhlig a choileanadh.
Tha an aithisg seo a’ dèiligeadh ri grunnan phrìomh raon agus taobh a-staigh gach fear, tha molaidhean air a dhèanamh airson tuilleadh leasachaidh. Tha iad sin air am foillseachadh mar phuingean gnìomha gus an t-slighe air adhart a chomharrachadh sna raointean a leanas:
- Foghlam Meadhan Gàidhlig sna bliadhnaichean tràth agus sa bhun-sgoil.
- Foghlam Meadhan Gàidhlig sna h-àrd-sgoiltean.
- Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig sna bun-sgoiltean is sna h-àrd-sgoiltean.
- Foghlam Gàidhlig: Ceannardan is Com-pàirtichean.
Is e taobh chudromach den aithisg seo a bhith ag altram obair chom-pàirteachail eadar an fheadhainn a tha an sàs ann a bhith ag àrdachadh foghlam Gàidhlig gus a bhith a’ toirt stiùir agus gus an lean a’ Ghàidhlig oirre a bhith soirbheachail.
Ann a bhith a’ toirt a bheachd air an aithisg, tha An t-Oll Bill Maxwell, Prìomh Àrd Neach-sgrùdaidh HM ag ràdh,’Tha an aithisg seo a’ toirt stiùir mu bhith a’ gluasad na Gàidhlig air adhart. Ann a bhith a’ toirt an aithisg seo ri chèile, is e ar prìomh amas a bhith a’ neartachadh buaidh foghlam Gàidhlig’.
Thuirt e cuideachd,’Tha an aithisg a tha seo a’ riochdachadh ar ciad sealladh farsaing a thaobh adhartais agus cùisean gu nàiseanta, bhon dh’fhoillsich sinn ann an 2005 an aithisg A’ leasachadh Coileanadh sa Ghàidhlig. Tha i a’ sealltainn gu bheil feum sònraichte ann a bhith a’ cur fòcas air bogadh aig ìre ro-sgoil, bun-sgoil agus àrd-sgoil gus cuideachadh ann a bhith a’ stèidheachadh toraidhean leasaichte do dhaoine òga a tha ag ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig. Tha grunnan phuing gnìomh air nochdadh cuideachd do cheannardan agus chom-pàirtichean air am faod iad beachdachadh gus faighinn a-mach mar as fheàrr a thogas iad air nithean soirbheachail agus mar a dhèiligeas iad ris na bacaidhean’.
Tha Bill Maxwell a’ crìochnachadh le bhith ag ràdh,’Ann a bhith a’ faighinn fuasglaidh air na cùisean sin, agus a’ coileanadh amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig, feumar dealas seasmhach agus com-pàirteachas làidir a bhios ag obair thar sgoiltean, ùghdarrasan ionadail agus buidhnean nàiseanta. Tha mi toilichte dearbhadh, tro fhoillseachadh na h-aithisg seo, ar dealas ann a bhith a’ cluich ar pàirt sa chom-pàirteachas sin chun ìre as motha’.