
Cuirm Rìoghail shònraichte gus meal-a-naidheachd a chur air Sabhal Mòr Ostaig OGE
Chaidh cuirm-fàilteachaidh shònraichte a chumail ann an Lùchairt Taigh an Ròid ann an Dùn Èideann an t-seachdain sa chaidh far an tàinig A Mhòrachd Rìoghail Am Prionnsa Teàrlach, air neo Diùc Baile Bhòid mar as ainm dha ann an Alba, agus luchd-obrach is càirdean Shabhal Mòr Ostaig OGE cruinn còmhla gus an 40mh ceann-bliadhna aig a’ Cholaiste a chomharrachadh.
Tha an Diùc air a bhith na Neach-taice den Cholaiste fad 28 bliadhna, agus thug e cuireadh do Shabhal Mòr Ostaig agus aoighean sònraichte eile tighinn gu Lùchairt Taigh an Ròid airson a’ bhliadhna eachdraidheil seo a chomharrachadh. Am measg nan daoine a bha an làthair, bha Rùnaire an Fhoghlaim Mìcheal Russell bho Riaghaltas na h-Alba, Cathraiche Comhairle Maoineachaidh na h-Alba John McClelland agus a’ Bhean-uasal Lucilla Noble, banntrach Sir Iain Noble, fear a bha gu mòr air cùl stèidheachadh na Colaiste. Rinn an Diùc moladh air obair an t-Sabhail Mhòir, agus chuir e meal-a-naidheachd air a’ Cholaiste agus gach neach a bha an sàs ann an soirbheachadh an ionaid fhoghlaim Ghàidhlig.
A’ bruidhinn às dèidh làimhe, thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ollamh Boyd Robasdan: “Tha mòran chruinnichidhean is thachartasan againn tron bhliadhna airson 40mh bliadhna na Colaiste a chomharrachadh, ach bha am fear seo buileach sònraichte. Bhuilich A Mhòrachd Rìoghail urram mòr air an t-Sabhal le bhith a’ cur cuirm dhe leithid air dòigh ann an ionad cho eachdraidheil agus cho eireachdail, agus chuir e an cèill na òraid an spèis a th’ aige dhan obair a tha a’ Cholaiste a’ dèanamh às leth a’ chànain. Bhruidhinn an Diùc ris gach neach a bha air aoigheachd agus nochd e ùidh anns na ceanglaichean a bh’ aca ris an t-Sabhal.”
Thuirt Donaidh Rothach, Stiùiriche airson Leasachaidh, Tional-airgid agus nan Ealain aig Sabhal Mòr Ostaig: “Tha Sabhal Mòr Ostaig air clach-mhìle shònraichte a ruighinn nar n-eachdraidh, agus bha an Diùc mar Neach-taice dhan Cholaiste gu mòr airson sin a chomharrachadh còmhla rinn. Tha e air a bhith air leth taiceil dha Sabhal Mòr Ostaig fad iomadach bliadhna, agus tha dealas aige airson mion-chànanan bho air feadh an t-saoghail agus airson an obair a tha ga dhèanamh gus an gleidheadh, an neartachadh agus an leasachadh. Bidh an Diùc a’ faighinn fiosrachadh gu cunbhalach air an adhartas a bhios sinn a’ dèanamh, agus tha sinn gu mòr na chomain airson an ùidh a th’ aige nar n-obair agus an taic a bhios e a’ toirt dhuinn.”