Skip to content
SMO Generic Banner Image

Togalach ùr aig Sabhal Mòr Ostaig gu bhith air ainmeachadh air Sir Iain Nobail



Tha a’ chiad togalach ann an Leasachadh na Cille Bige gu bhith air ainmeachadh air Sir Iain Nobail nach maireann, fear a bha gu mòr an sàs ann a bhith stèidheachadh na Colaiste o chionn còrr is 40 bliadhna. ’S e “Ionad Iain Nobail” a bhios air an togalach ùr a tha gu bhith na dhachaigh do luchd-obrach na colaiste, na ghoireas teagaisg agus rannsachaidh agus na ionad airson gnothachais.

Thubhairt am Morair Minginis, Cathraiche Bòrd Stiùiridh na Colaiste: “Tha e uile-gu-lèir iomchaidh gum biodh an togalach ùr a tha seo – a’ chiad cheum ann an leasachadh na Cille Bige – air ainmeachadh air Iain Nobail. Mura b’ e Iain cha bhiodh leithid de rud ri Sabhal Mòr Ostaig ann agus cha bhiodh dad dhen bhuannachd smuaineachail a tha air tighinn gu Ceann a Deas an Eilein Sgitheanaich an cois na Colaiste air tachairt. Ach tha e freagarrach ann an dòigh eile cuideachd. ’S ann mu dheidhinn ùrachadh, ath-bheothachadh agus adhartas a tha a’ Chill Bheag: na dearbh rudan dhan do choisrig Iain a bheatha nuair a thàinig e a Shlèite. Mar sin, bidh an togalach na shuaicheantas air an duine.”

B’ ann air sgàth lèirsinn agus oidhirpean Shir Iain a chaidh Sabhal Mòr Ostaig a chur air bhonn ann an 1973, a tha a-nis na Cholaiste Ghàidhlig a tha a’ tabhann ghrunn chùrsaichean aig ìre fo-cheum is for-cheum tro mheadhan a’ chànain. Choisinn Sir Iain cliù dha fhèin na bheatha mar bhancair, neach-gnothaich agus neach-gnìomhachais, ach air a’ Ghàidhealtachd ’s dòcha gur e as motha a bhios cuimhne aig daoine air, an obair a rinn e a thaobh na Gàidhlig.

Thuirt banntrach Shir Iain, a’ Bhaintighearna Lucilla Nobail: “Tha e a’ toirt toileachas mòr dhomh gur e Ionad Iain Nobail a bhios air a’ chiad togalach ann an Leasachadh na Cille Bige. Tha fios agam gum bi seo na adhbhar tlachd do charaidean Iain, an seo agus air feadh an t-saoghail. Bha aige ri aghaidh a chur ri iomadh dùbhlan ann a bhith stèidheachadh Sabhal Mòr Ostaig, agus bha e ag obair agus a’ strì gus cànan, dualchas is foghlam na Gàidhlig a thoirt air adhart fad a bheatha. Mar sin, tha e gu math iomchaidh gum mair ainm Iain mar phàirt den Cholaiste fhèin cho fad ’s a tha i ann. Guma fada a mhaireas Sabhal Mòr Ostaig!”

Thèid Ionad Iain Nobail fhosgladh gu h-oifigeil nas fhaide air a’ bhliadhna, fhuaras taic-airgid le cosgaisean £6.2m airson Ìre 1 den leasachadh aig a’ Chill Bhig bho Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba, Riaghaltas na h-Alba, Mhaoin Leasachaidh Roinnean na h-Eòrpa (Convergence) aig an Aonadh Eòrpach, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Chomhairle na Gàidhealtachd agus Urras Leasachaidh Sabhal Mòr Ostaig, a tha a’ gabhail a-steach Maoin na Gàidhealtachd a chleachd a bhith ann agus Urras na h-Aiseirigh.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578