
Ionad Spòrs Shlèite – sgrùdadh iomchaidheachd
Tha Sabhal Mòr Ostaig air sgrùdadh iomchaidheachd a chur an sàs airson ionad spòrs ùr a thathar a’ moladh an lùib an leasachaidh leantainnich aig baile ùr na Cille Bige ann an Slèite.
‘S e goireas riatanach air an robh feum fad iomadh bliadhna a th’ ann an ionad spòrs airson muinntir Shlèite agus ceann a deas an Eilein Sgitheanaich anns am biodh sàr uidheam spòrs airson luchd-obrach agus oileanaich an t-Sabhail Mhòir. Tha mòr-phlana baile na Cille Bige air taic mhòr fhaighinn bho mhuinntir an àite agus cead dealbhaidh slàn bhon ùghdarras dhealbhaidh.
Tha Sabhal Mòr Ostaig fìor thoilichte an naidheachd a sgaoileadh gu bheilear air na h-eòlaichean spòrs, Alan Jones Associates, fhastadh airson sgrùdadh iomchaidheachd a ghabhail os làimh às leth na Colaiste. Tha obair an sgrùdaidh air tòiseachadh agus thathar a’ sùileachadh ris an athisg dheireannaich agus a’ phlana ghnìomhachais ro dheireadh na Sultaine.
Thuirt Stiùiriche Leasachaidh, Maoineachaidh is nan Ealainean aig SMO, Dr Donnie Rothach, an-diugh “Tha an obair seo riatanach an cois phlanaichean sam bith airson Ionad Spòrs na Cille Bige agus am measg na thèid sgrùdadh thèid comhairleachadh poblach iomlan a ghabhail os làimh cuide ri Comhairle Coimhearsnachd na sgìre, Urras Coimhearsnachd Shlèite agus a h-uile neach-ùidh agus a h-uile duine agus buidheann aig am bi ùidh. Cha tèid leasachadh cudromach sam bith a leithid seo air adhart nach eil bonntaichte air co-obrachadh làidir agus tuigse shoilleir air feuman agus dùilean a h-uile duine a tha an sàs ann. Tha Sabhal Mòr Ostaig fìor thoilichte a bhith a’ cur na h-obrach seo an sàs agus tha fiughair againn ri co-dhùnaidhean agus molaidhean an sgrùdaidh an ceann seala.”
Thuirt Alan Jones, stiùiriche na companaidh comhairleachaidh: “Tha sinn a’ cur fàilte mhòr air an naidheachd gun deach ar taghadh an lùib a’ phròiseict inntinnich seo agus sinn a’ sùileachadh gu bheil miann mòr aig muinntir Shlèite air sàr ghoireasan spòrs. Tha sinn a’ dèanamh fiughair mhòr ri bhith ag obrachadh gu dlùth le muinntir is buidhnean na sgìre agus luchd-obrach is oileanaich Shabhal Mòr Ostaig is iad a’ coileanadh an cuid dhòchasan.”
Chuir an t-ùghdarras ionadail agus ionad slàinte Shlèite fàilte mhòr air an naidheachd cuideachd agus thuirt dotair na sgìre, Dr Aonghas Venters: “Tha na buannachdan slàinte an cois eacarsaich follaiseach agus tha sinn an cruaidh fheum air a lethid seo airson na coimhearsnachd gu lèir, sean is òg.”
Thuirt Prionnsapal Shabhal Mòr Ostaig, Proifeasair Boyd Robasdan: “Tha feum mòr air goireasan spòrs a ghabhas cleachdadh leis na h-oileanaich againn agus le muinntir Shlèite. Chaidh seo aithneachadh le luchd-stiùiridh na Colaiste o chionn fhada agus tha e mar phrìomhachas an lùib leasachadh na Cille Bige. Bidh an sgrùdadh seo a’ sireadh bheachdan nan oileanach agus an luchd-obrach againn agus na coimhearsnachd gu lèir feuch dè na goireasan a tha dhìth agus ciamar a thèid na feuman seo a shnìomh an lùib plana gnìomh as urrainnear a thoirt gu buil.”
Tha an sgrùdadh iomchaidheachd a’ faighinn taic bho na leanas: Big Lottery ‘Investing in Ideas’, Maoin Fo Ùghdarras – Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Sabhal Mòr Ostaig.