Skip to content
SMO Generic Banner Image

Is urrainn do theòiridh agus rannsachadh cuideachadh ann an ath-bheothachadh na Gàidhlig



Bithear a’ sgrùdadh dhòighean anns an urrainn do obair speisealaichean a bhith feumail do luchd-iomairt na Gàidhlig aig òraid leis an Àrd-ollamh Rob Dunbar, stiùiriche pròiseact rannsachaidh cudromach a chaidh a stèidheachadh gus taic a thoirt don Ghàidhlig agus a cultar.

Tha an t-Àrd-ollamh Dunbar – a thug an tiotal’Teòiridh, rannsachadh agus droch-fhaclan eile ann am poileasaidh agus planadh-cànain’ air an òraid aige – a’ stiùireadh na pròiseict com-pàirteachaidh Soillse as fhiach £5.29 millean a bheir bunait fiosrachaidh do phoileasaidhean poblach mu thaic dhan Ghàidhlig. 

Aig ceann Shoillse tha UHI, Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a tha an-dràsta ga chruthachadh, a’ gabhail a-steach a cholaistean com-pàirteach Sabhal Mòr Ostaig UHI san Eilean Sgitheanach agus Colaisde a’ Chaisteil UHI air Eilean Leòdhais, agus oilthighean Obar Dheathain, Dhùn Èideann agus Ghlaschu. 

Tha na ceithir stèidheachdan ag obair le buidhnean cudromach, nam measg a’ bhuidheann leasachaidh nàiseanta Bòrd na Gàidhlig, a neartachadh oidhirpean aig ìre nàiseanta agus ìre ionadail gus crìonadh na Gàidhlig a chur an comhair a chùil, agus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh ann an sgìrean far nach eilear ga bruidhinn gu traidiseanta.

Agus e roimhid na sgoilear san lagh a bha a’ speisealachadh ann an dìon bheag-chodaichean, gu sònraichte beag-chodaichean cànain, agus a ghabh pàirt ann an cruthachadh agus dreachdadh Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, bheir Rob Dunbar seachad an òraid-inntrigidh aige mar àrd-ollamh aig oifis stiùiridh UHI air Slighe Nis, Inbhir Nis, Dimàirt 14mh Dùbhlachd, bho 4.30f gu 6.30f.

Tha an tachartas seo saor an asgaidh agus fosgailte dhan mhòr-shluagh. Bu chòir suidheachain a ghleidheadh le Paul Ellison aig UHI air 01463 279344 neo paul.ellison@uhi.ac.uk

Thuirt an t-Àrd-ollamh Dunbar, àrd-ollamh rannsachaidh Shoillse:”™S e aon dhe na comharran coitcheann de dh’™iomairtean gleidheadh agus ath-bheothachadh mion-chànain an t-àite bunaiteach aig a bheil luchd-strì dìoghrasach annta.  Gu tric, ge-tà, chan eil ach beagan eòlais aig na daoine seo air teòiridh agus cleachdadh poileasaidh agus planaidh-cànain, agus tha fiosrachadh a dhìth orra gus na h-iomairtean leasachaidh aca a dh’ fhiosrachadh agus a stiùireadh.  Ged a thèid aig eòlaichean air lèirsinn agus fiosrachadh a thoirt a-steach dha na h-iomairtean seo, tha an càirdeas eadar eòlaichean agus luchd-strì uaireannan doirbh, ri linn caochladh adhbharan a dh’ fhaodamaid an t-ainm’˜connsachadh cultair’ a thoirt orra.

Anns an òraid agam, thèid meòrachadh air na h-innealan teòiridheach a tha a’ buntainn ri poileasaidh agus planadh-cànain airson mhion-chànanan leithid a’ Ghàidhlig, air an fhiosrachadh air a bheil na h-innealan sin stèidhichte, agus air na feumannan agus na prìomhachasan-rannsachaidh a tha na h-innealan sin a thogail.  An tèid aig teòiridh agus aig rannsachadh air leasachadh poileasaidh agus air cleachdadh a dh’ fhiosrachadh agus a chuideachadh ann an dòighean a leigeas leinn an’˜connsachadh cultair’ a sheachnadh?’

Tha pròiseact Shoillse a’ faighinn maoineachadh bho Chomhairle Maoineachaidh Foghlam Adhartach is Àrd-Ìre na h-Alba (SFC), Bòrd na Gàidhlig, UHI, Iomairt na Gàidhealtachd’s nan Eilean (HIE), agus oilthighean Obar Dheathain, Dhùn Èideann agus Ghlaschu. 

Tha Soillse air cur an dreuchd triùir rannsaiche agus ceathrar oileanach PhD a stiùireadh aig institiudan com-pàirteach. Thèid rannsaiche a bharrachd, òraidiche agus tuilleadh oileanaich PhD a thrusadh dhan phròiseact. Thèid toraidhean rannsachaidh fhoillseachadh aig co-labhairtean bliadhnail, ann an irisean sgoilearach agus air làrach-lìn Shoillse (www.soillse.ac.uk).

Mus deach a chur an dreuchd, bha an t-Àrd-ollamh Dunbar, a tha à Canada bho thùs, na leughadair ann an lagh agus Ceiltis aig Colaiste an Rìgh, Oilthigh Obar Dheathain, far an tug e gu bith prògram for-cheum ann am poileasaidh agus planadh cànain airson mhion-chànanan. Tha e na bhall de Bhòrd na Gàidhlig agus MG ALBA (a bhios a’ ruith na seirbheis didseataich Gàidhlig air BBC ALBA an co-bhann ri BBC Scotland). Bha e roimhid na stiùiriche air Comunn na Gàidhlig, agus na chathraiche air a’ bhuidhinn obrach aige air inbhe laghail dhan Ghàidhlig, a dhreachd molaidhean airson Achd Ghàidhlig. Tha e cuideachd na eòlaiche do Chomhairle na h-Eòrpa a thaobh Cairt Eòrpach nam Mion-chànanan no Cànanan Roinneil.

Tha an t-eòlas a th’™aig an àrd-ollamh air lagh, poileasaidh is planadh mhion-chànainean aithnichte air feadh an t-saoghail, agus tha e air comhairle a thoirt do riaghaltasan, buidhnean chòirichean daonna, agus buidhnean neo-riaghaltasach ann an caochladh dhùthchannan air cùisean cànain agus còirichean daonna.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578