Skip to content
SMO Generic Banner Image

Sàr Ghàidheal is sàr neach-iomairt airson na Gàidhealtachd air caochladh aois 79



John Farquar MunroChaochail Iain Fearchar Rothach, a chleachd a bhith na BPA airson Ros, an t-Eilean Sgitheanach agus Inbhir Nis an Iar, Latha na Sàbaid (26 Faoilleach) na dhachaigh aois 79.

Bha Mgr Rothach na Bhall de Phàrlamaid na h-Alba airson nan Libearalaich Deamocratach bho 1999, nuair a chaidh a’ Phàrlamaid a stèidheachadh gu, 2011, agus san ùine sin, agus ron sin mar chomhairliche Gàidhealach fad 33 bliadhna, rinn e tòrr às leth muinntir na Gàidhealtachd agus nan eilean. Bha e gu mòr an sàs san iomairt gus cìsean a thoirt far Drochaid an Eilein Sgitheanaich, bha e daonnan a’ cur air adhart cor na Gàidhlig agus a’ strì airson còraichean chroitearan agus thug e a thaic do dh’iomairt an fhearainn.

Bha Mgr Rothach na Urrasair air an t-Sabhal fad deich bliadhna bho 1997 gu 2007, agus mar aithneachadh air na rinn e às leth nan Gàidheal, na Gàidhlig agus na Gàidhealtachd, chaidh an t-urram Sàr Ghàidheal a bhuileachadh air ann an 2011 leis a’ Cholaiste.

Thuirt Cathraiche Sabhal Mòr Ostaig, an Siorraidh Iain Ruaraidh MacLeòid: “Bha mi uabhasach duilich an naidheachd seo a chluinntinn. ’S iomadh rud a dh’fhaodadh a ràdh – agus a thèid a ràdh – mu Iain Fearchar ach, air mo shon-sa, bha dà rud sònraichte mu dheidhinn.  ’S e a’ chiad fhear, an ìre chun an robh e a’ seasamh air leth bhon treud: an comas a bh’ aige tighinn gu a cho-dhùnaidhean fhèin air cùisean agus an sgil a bh’ aige air  na co-dhùnaidhean sin a thoirt air adhart. Chan e fear a bh’ ann a ghabhadh smachd a chumail air le ceannard partaidh neo neach sam bith eile nuair a thigeadh e chun nan rudan sin. ’S e an dara rud a dhìlseachd dha dhùthchas agus dha dhualchas – dhan Ghàidhealtachd, dha na Gàidheil agus dhan Ghàidhlig – fad 45 bliadhna, an-toiseach na chomhairliche agus an uair sin na Bhall Pàrlamaid. ’S e duine a bh’ ann a rinn feum nach gabh a thomhas agus air an robh ionndrainn fiu ’s mus do chaochail e. Chan fhaic sinn a leithid a-rithist. Tha adhbharan sònraichte againn aig an t-Sabhal a bhith taingeil airson na rinn e dhuinn agus bha am Bòrd uabhasach toilichte urram a chur air mar Shàr Ghàidheal bho chionn dà bhliadhna. Cha robh duine riamh nas airidh air. Às leth a h-uile duine aig Sabhal Mòr Ostaig, tha mi airson ar co-fhaireachdainn a chur gu Celia agus an teaghlach. Am measg a’ chaoidh tha adhbharan gu leòr aca airson moit agus gàire.”

Thuirt Proifeasair Boyd Robasdan, Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig: “Thog Iain Fearchar aire poball na h-Alba gu cùisean na Gàidhealtachd eadar iasgach, croitearachd, ceist an fhearainn, cor na Gàidhlig, camanachd agus còmhdhail.  Le ghuth shocair, shèimh, bha e  aithnichte air na meadhanan craolaidh ann am Beurla is ann an Gàidhlig agus bha e na thlachd a bhith ag èisteachd ris a’ còmhradh ann an dualchainnt bhrèagha Chinn t-Sàile a tha ro annasach an-diugh. Chuir e gu mòr ri ath-bheothachadh a’ chànain agus an dualchais mar chomhairliche, mar bhall-pàrlamaid, mar chathraiche air a’ Bhuidhinn Thar-Phartaidh air Gàidhlig sa Phàrlamaid agus mar urrasair air an t-Sabhal agus chaidh sin aithneachadh nuair a chaidh inbhe Sàr Ghàidheal a bhuileachadh air leis a’ Cholaiste aig a’ Cheumnachd ann an 2011. Tha gach neach san Eilean Sgitheanach is Loch Aillse na chomain airson na rinn e gus cur às do chìsean na drochaid – iomairt a sheall a smior agus innleachdas. Duine bàidheil, gasta, àbhachdach. Gàidheal gu chùl. ”

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578