Latha don choimhearsnachd agus don Ghàidhlig aig Sabhal Mòr
Chaidh a’ chiad Fhèill Ghàidhlig a chumail Disathairne (21 Giblean) aig Sabhal Mòr Ostaig far an robh spòrs is dibhearsan am pailteas ann air latha a chuir a’ cholaiste air dòigh gus sanasachd a dhèanamh air a’ Ghàidhlig agus air diofar bhuidhnean agus daoine aig a bheil ceangal ris a’ Ghàidhlig.
A thuilleadh air a bhith na latha don Ghàidhlig b’ e latha don choimhearsnachd a bh’ ann, agus bha gu leòr ann ri dhèanamh don a h-uile duine le Gàidhlig agus gun Ghàidhlig agus bha tòrr theaghlaichean an làthair air an latha. Am measg na bha a’ dol air an latha bha: seisean ciùil, bùithtean-obrach ealain is dràma, leasanan Gàidhlig do luchd-tòiseachaidh, taisbeanadh dhealbhan le Cailean MacIllEathain, bufaidh agus cèilidh. Bha grunn gheamannan is chur-seachadan a’ dol fad an latha cuideachd, leithid tarraing ròpa, caisteal leum, ealain, peantadh aodainn, cuairt ealain agus iomadh rud eile. Agus bha grunn bhuidhnean is daoine ann bhon cholaiste, bhon choimhearsnachd agus bho àiteachan eile aig an robh stàile.
Thuirt Dòmhnall Angaidh MacIllInnein, Ceannard Oighreachd is Sheirbheisean Sabhal Mòr Ostaig:’Tha a’ cholaiste air cliù a chosnadh mar àite air leth freagarrach airson tachartasan de gach seòrsa a bhios a’ gabhail àite fad na bliadhna agus an uiridh bha còrr is 7,000 duine a’ frithealadh nan co-labhairtean, cuirmean-ciùil, agus oidhcheannan film is dràma a chaidh a chumail againn. Tha seo a’ cur gu mòr ri obair acadaimigeach an t-Sabhail agus beatha nan oileanach agus bha e cho math an uiread bhon choimhearsnachd fhaicinn còmhla rinn a-rithist aig a’ chiad Fhèill Ghàidhlig’.
Thuirt Janni Diez, Oifigear Leasachaidh Cànain Sabhal Mòr Ostaig:’Bha latha sgoinneil againn agus bha spòrs gu leòr aig a h-uile duine. Tha e cho cudromach gum bi cothrom aig daoine Gàidhlig a bhruidhinn ri chèile aig tachartasan mar seo. Chan eil an cothrom aig a h-uile duine agus tha e cudromach tachartasan neo-fhoirmeil tro mheadhan na Gàidhlig a bhrosnachadh gus an cànan a chumail mar chànan bheothail na coimhearsnachd agus misneachd nan daoine a thogail.’
Thuirt Una NicLeòid às an Teanga ann an Slèite, a bha an làthair aig an Fhèill:’Chaidh mi dhan chlas aig Cailean MacIllEathain airson ionnsachadh mu bhith togail dhealbhan camara agus bha sin uabhasach mhath. Chòrd an latha rium gu mòr. Bha a h-uile duine cho càirdeil agus dh’obraich a h-uile rud bha iad air cur air dòigh fìor mhath. Tha mi an dòchas gun cùm iad fèill eile an ath bhliadhna.’