
Fàilte bhlàth air luchd-tadhail aig Latha Fosgailte an t-Sabhail
Chùm Sabhal Mòr Ostaig OGE Latha Fosgailte Dihaoine 1 Samhain do sgoilearan àrd-sgoile, daoine òga agus duine sam bith eile le ùidh ann an cùrsaichean Gàidhlig.
B’ e seo an latha a bu mhotha dhe leithid a bha a’ Cholaiste air a chur air dòigh gu ruige seo agus bha e gu math soirbheachail, le còrr is trì fichead neach a’ tadhal air an Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich.
Chaidh an iomairt seo a chur air dòigh gus aire sgoilearan, sa chiad dol a-mach, a bhiodh a’ fàgail na h-àrd-sgoile an ceann bliadhna no dhà, a tharraing gu na cùrsaichean a tha rim faighinn aig SMO is airson a h-uile fiosrachadh a thoirt dhaibh mu na diofar chothroman a dh’fhaodadh a bhith romhpa nan cumadh iad orra ann am foghlam Gàidhlig. Ach cuideachd bha e fosgailte do dhuine sam bith le ùidh ann an cùrsa a dhèanamh, aig aois sam bith, is thàinig gu leòr dhaoine a bha air Gàidhlig ionnsachadh air astar no a rinn Cùrsaichean Goirid an t-Sabhail roimhe.
Fhuair na bha an làthair fàilte is fiosrachadh bho Phrionnsapal na Colaiste, an Dr. Gillian Rothach, agus bho gach Stiùiriche Cùrsa, a bharrachd air luchd-obrach is oileanaich na Colaiste. Chaidh an toirt air chuairt timcheall làraich na Colaiste agus fhuair iad sealladh air cò ris a tha e coltach a bhith nad oileanach ann, bhon fheadhainn a tha ann an-dràsta.
Thàinig sgoilearan is an tidsearan bho ghrunn sgoiltean bho air feadh na dùthcha; Inbhir Nis, an t-Òban, Drochaid an Easbaig, Cille Bhrìghde an Ear agus Port Rìgh. Bha inbhich eile ann a bha air siubhal bho cho fada deas ris na Crìochan.
Thuirt Megan NicGillFhaolain, Oifigear Trusaidh SMO, a chuir an tachartas air dòigh: “Bha latha air leth soirbheachail againn – bha sinn cho toilichte leis an àireamh de dhaoine òga a thàinig a chèilidh oirnn Dihaoine is cho taingeil gun d’ chuir sgoiltean taic ris. Chan e a-mhàin gun tug seo togail dhuinne, ach ‘se rud fìor mhath a th’ ann don Ghàidhlig cuideachd, is gu leòr dhaoine òga an dùil leantainn orra leis a’ chànan as dèidh dhaibh an sgoil fhàgail.”
Bidh cothrom eile aig daoine tadhal air a’ Cholaiste agus na diofar chùrsaichean a shanasachd do thagraichean nuair a thèid Latha nan Tagraichean a chumail aig SMO air an 20mh den Mhàrt, 2020.