
Latha fosgailte don choimhearsnachd aig Ionad Iain Nobail ann an Slèite
Thèid latha fosgailte a chumail aig Ionad Iain Nobail air Diciadain 3 Gearran airson cothrom a thoirt do mhuinntir na coimhearsnachd tighinn a thadhal air an togalach ùr aig Sabhal Mòr Ostaig OGE, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach.
Chaidh a’ chiad thogalach an lùib Leasachadh na Cille Bige fhosgladh gu h-oifigeil san Dàmhair 2015 le Ciad Mhinistear na dùthcha, Nicola Sturgeon BPA, agus chaidh ainmeachadh air Sir Iain Nobail, nach maireann, a stèidhich a’ Cholaiste o chionn còrr is 40 bliadhna.
Chaidh Ionad Iain Nobail a thogail airson Obair Sgoilearachd, Rannsachaidh, Aiseag Eòlais agus Tionnsgalachd agus tha an t-ionad cuideachd na dhachaigh do luchd-obrach na Colaiste a b’ àbhaist a bhith ag obair san t-seann’shabhal’ aig Àrainn Ostaig.
Am measg na bhios a’ dol air an fheasgair seo, bidh taisbeanadh clàr-cuimhne Iain Nobail le bhanntrach, a’ Bhaintighearna Lucilla Nobail; òraid bhon eòlaiche eachdraidh, Dr Seumas Mac an t-Sealgair; ceòl bho oileanaich ciùil an t-Sabhail agus cuairt den togalach.
Fhuaireas taic-airgid le cosgaisean £6.2m airson Ìre 1 den leasachadh aig a’ Chill Bhig bho Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba, Riaghaltas na h-Alba, Mhaoin Leasachaidh Roinnean na h-Eòrpa (Convergence) aig an Aonadh Eòrpach, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Chomhairle na Gàidhealtachd agus Urras Leasachaidh Sabhal Mòr Ostaig, a tha a’ gabhail a-steach Maoin na Gàidhealtachd a chleachd a bhith ann agus Urras na h-Aiseirigh.