
Latha làn spòrs, cur-seachad agus Gàidhlig don choimhearsnachd aig SMO
Tha Sabhal Mòr Ostaig OGE gu bhith cumail an dàrna Fèill Ghàidhlig aca Disathairne (20 Giblean) – latha làn spòrs is geamannan, le Gàidhlig aig cridhe ghnothaichean. Chaidh a’ chiad Fhèill Ghàidhlig a chumail an-uiridh agus chòrd e gu mòr ri daoine agus tòrr theaghlaichean an làthair.
A thuilleadh air na geamannan is cur-seachadan a bhios ann am-bliadhna, bidh an Fhèill a’ dèanamh sanasachd air a’ Ghàidhlig agus air buidhnean is daoine le ceangal ris a’ Ghàidhlig. Am measg na bhios a’ dol air an latha bidh: an gèam Frangach Pétanque, cothrom air boghadaireachd, ceòl bho oileanaich ciùil na colaiste, clas Gàidhlig do luchd-tòiseachaidh, caisteal leum, peantadh aodainn, farpais tarraing ròpa, bùithtean-obrach, bathar ga reic, biadh agus deochan. Cuideachd bidh grunn bhuidhnean is daoine ann le bòrd a’ taisbeanadh na h-obrach aca, leithid SEALL, Ainmean-àite na h-Alba, Comann nan Oileanach aig UHI, Clì Gàidhlig, Comann nam Pàrant Shlèite agus gu leòr eile.
’S e latha a th’ ann don choimhearsnachd agus don Ghàidhlig agus tha cùisean a’ tòiseachadh aig 12f agus a’ tighinn gu crìch aig 5f. Thèid an Fhèill a chumail a-muigh shìos aig Àrainn Chaluim Chille ma bhios sìde fhàbharach ann, no a-staigh san togalach ma bhios an t-uisge ann. Bidh cèilidh ann air an oidhche aig 9f leis a’ Glenfinnan Ceilidh Band. Tha tiogaidean airson an cèilidh £5, no £3 airson oileanaich agus gheibh clann a-staigh an asgaidh.
Thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig am Proifeasair Boyd Robasdan: “Tha an Fhèill mar aon dhe na tachartasan a tha a’ comharrachadh an 40mh bliadhna dhen t-Sabhal Mhòr agus bidh e mar uinneag air beatha agus coimhearsnachd na Colaiste. Tha e toirt cothrom dhan phoball tighinn a dh’fhaicinn an àite is na goireasan a th’againn. Gheibhear fios mu na cùrsaichean is seirbheisean a tha sinn a’ tathann is mu leasachaidhean a tha san amharc agus bidh cothrom ann eòlas a chur air oileanaich agus luchd-obrach an t-Sabhail.”
Thuirt Janni Diez Oifigear Leasachaidh Cànain Sabhal Mòr Ostaig: “Bha an fhèill uabhasach soirbheachail an-uiridh agus bha daoine a’ tighinn còmhla, a’ cluich, a’ còmhradh agus bha pailteas de spòrs aca. Tha e cho math gu bheil leithid de thachartasan ann a bheir cothrom do dh’oileanaich agus muinntir na coimhearsnachd tighinn còmhla. Tha sinn an dòchas aire air a’ Ghàidhlig sa choimhearsnachd againn a thogail agus cothrom a thoirt do dhaoine a bruidhinn aig tachartas spòrsail, aotrom.”