Latha Stèidheachaidh an t-Sabhail ga chomharrachadh agus a’ Cholaiste 40 bliadhna a dh’aois
Thàinig oileanaich, luchd-obrach is luchd-taic, còmhla aig Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, Dimàirt sa chaidh (10 Sultain) gus an dearbh latha chaidh a’ cholaiste Ghàidhlig a stèidheachadh o chionn 40 bliadhna a chomharrachadh.
’S ann an 1973 a chaidh Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh mar urras carthannais agus e na amas don bhuidhinn a bha air cùl ghnothaichean ionad foghlaim a chur air bhonn le Gàidhlig aig a chridhe. Bhon uair sin tha e air fàs, chun na h-ìre a-nis gu bheil e a-nis na ionad nàiseanta airson a’ chànain agus na colaiste àrd-ìre Ghàidhlig le 81oileanaich làn-thìde agus 16 a tha pàirt-thìde air làrach na colaiste, 280 a tha dèanamh cùrsa air astar agus bidh mu 800 duine a’ dèanamh cùrsa-goirid innte gach bliadhna.
Mar phàirt den latha, bha ceòl ann bho oileanaich an t-Sabhail, caismeachd le pìobairean, òrain Ghàidhlig leis a’ bhana-sheinneadair ainmeil Christine Primrose, leughaidhean agus cuimhneachain bhon a’ chiad Stiùiriche làn-thìde a bh’ aig a’ cholaiste, Fearchar MacGill-Fhinnein, agus thug an sgoilear an t-Ollamh Tormod Dòmhnallach òraid seachad air ‘Toiseach an t-Sabhail agus na Làithean Tràtha’.
A’ bruidhinn mun latha, thuirt Iain Tormod MacLeòid, Leas-phrionnsapal agus Stiùiriche an Fhoghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig: “Bha là air leth spèisealta againn, le òraidean, ceòl, bàrdachd agus tachartasan eile a bha air leth iomchaidh agus tlachdmhor agus a thug togail dhuinn uile. Tha Sabhal Mòr Ostaig air adhartas sònraichte a dhèanamh anns na 40 bliadhna mu dheireadh agus bha e math a bhith a’ coimhead air ais agus a’ comharrachadh lèirsinn luchd-stèidheachaidh na Colaiste agus sin ann an cuideachd luchd-obrach agus oileanaich bho làithean roimhe suas gu an là an-diugh. Mar eisimpleir, ghlac Fearchar MacGill-Fhinnein, a thòisich na dhreuchd ann an 1975, aire dhaoine le a bhith a’ leughadh bàrdachd Shomhairle MhicGill-Eain a bha na Fhilidh aig an àm.”
Thuirt an t-Ollamh Dòmhnallach: “Tha mi ga mheas mar urram mòr gun deach m’ iarraidh airson an òraid a dhèanamh air a’ chiad Latha Stèidheachaidh aig an t-Sabhal. Chaidh agam air a’ chiad litir a fhuair mi fhèin riamh bho Iain Nobuil a shealltainn; chaidh a sgrìobhadh sa Ghiblean 1974; bha mi fhathast nam oileanach ann an Obair Dheathain, agus thadhail mi air an t-Sabhal airson a’ chiad uair air an ath mhìos. Tha mi ’n dòchas gum bi mi air ais ann an deich bliadhna eile nuair a bhios an Sabhal Mòr leth-cheud. Cumaidh Latha Stèidheachaidh gach bliadhna nar cuimhne cò as a thàinig SMO agus cuideachaidh e le amasan a chumail nar fradharc.”
Thathar an dùil gun tèid an Latha Stèidheachaidh a chomharrachadh gach bliadhna bho sheo a-mach, latha far am bi cothrom ann gàirdeachas a dhèanamh ri obair is soirbheachadh na colaiste.