
Is i Laura, tè a thuigeas na meadhanan, oileanach na bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig OGE
Tha oileanach air leth a tha fìor dhealasach airson na Gàidhlig agus a cultar an dèidh bhith air a h-ainmeachadh mar oileanach na bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig UHI. Tha Laura NicIllFhinnein à Leòdhas 21 bhliadhna a dh’aois, agus chan eil i ach an dèidh crìoch a chur air bliadhna mu dheireadh a’ chùrsa cheuma BA (le Urram) aice ann an Gàidhlig is na Meadhanan.
Chaidh Laura àrach ann am Barbhas air taobh siar an eilein is Gàidhlig aice o dhùthchas, agus chaidh a moladh airson na h-obrach chùrsa air leth aice cho math ri cho dealasach ’s a tha i airson a’ chànain. Airson an aiste a sgrìobh i sa cheathramh bliadhna aice rinn i coimeas o thùs, a’ rannsachadh cleachdadh a’ chànain agus craoladh ann an Alba agus Èirinn. Tha luchd-oideachaidh sa cholaiste Ghàidhlig, a tha na pàirt de dh’Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, den bheachd gun toir an obair iùl is brosnachadh do rannsachadh san raon seo fhathast.
Chuir Laura gnàth-eòlas ris a’ chunntas-beatha aice nuair a fhuair i obair shamhraidh le BBC Scotland ann an Steòrnabhagh, agus tha i an-dràsta ag obair mar rannsaiche le BBC Radio nan Gàidheal. Ged a chuir i eòlas air a bhith a’ preseantadh, is e obair air chùl ghnothaichean ann an craoladh Gàidhlig a tha i an dòchas a dhèanamh aig a’ cheann thall.
Thuirt òraidiche Laura, Mòrag Stiùbhart: “Bha obair Laura sa bhliadhna mu dheireadh aice air leth, dìreach, is i a’ faotainn ìre A anns gach uile measadh. Agus Gàidhlig aice o dhùthchas, tha i fìor dhealasach airson a’ chànain agus toileach sin a chur an cèill sa chlas agus air àrainn an oilthigh. Bha i na modail anabarrach math do dh’oileanaich, agus le cho dealasach ’s a tha i airson a’ chànain is a’ chultair tha i na h-eisimpleir air leth do luchd-ionnsachaidh is fileantaich na Gàidhlig an dà chuid air àrainn an oilthigh agus nas fhaide às.”
Thuirt Prionnsapal Shabhal Mòr Ostaig OGE an t-Àrd-ollamh Boyd Robasdan: “’S i Laura a’ chiad oileanach a cheumnaich le urram sa chùrsa Gàidhlig is na Meadhanan agus rinn i sin aig sàr-ìre a’ cosnadh ceum sa Chiad Rang. A bharrachd air a h-euchdan barraichte sgoileireach, tha Laura air cur gu mòr ri beatha nan oileanach agus tha i air a bhith na tosgaire ainmeil dhan t-Sabhal Mhòr air greisean gnìomhachais, ann an ceanglaichean le buidhnean bho thaobh a-muigh na Colaiste agus rè na h-ùine a bha i aig oilthigh ann an Èirinn.”
Thuirt Laura fhèin: “Tha mi uabhasach fhèin toilichte a bhith air m’ ainmeachadh mar Oileanach na Bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig OGE is bha e ciatach sin a chosnadh is gun mi idir am fiughair ris. Na ceithir bliadhna seo chaidh a chuir mi seachad san Eilean Sgitheanach, chòrd iad rium gu mòr, is bha mi gu math fortanach na h-òraidichean as fheàrr a bhith agam airson na Gàidhlig agus nam Meadhanan an dà chuid. Tha seo mìorbhaileach mar chrìoch air a’ bhliadhna mu dheireadh agam aig an t-Sabhal Mhòr.”
Coisnidh Laura £150 mar Oileanach na Bliadhna Shabhal Mòr Ostaig OGE. Gheibh i an duais aice nuair a cheumnaicheas i air 5 Dàmhair, agus thèid i air aghaidh cuideachd mar thagraiche airson duais Oileanach na Bliadhna Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean san fharsaingeachd.