
Leabhar ùr aig Clò Ostaig
Cànan is Cultar/Language and Culture: Rannsachadh na Gàidhlig 9
Air a dheasachadh le Meg Bateman agus Richard A. V. Cox
ISBN 978-0-9562615-5-7, viii + 320 dd., còmhdach bog £15.99
’S e co-chruinneachadh de dh’uilt a tha san leabhar seo, stèidhichte air òraidean air an lìbhrigeadh aig Rannsachadh na Gàidhlig 9, an naoidheamh co-labhairt ann an sreath de cho-labhairtean air cànan agus cultar na Gàidhlig a tha ga chumail ann an Alba (Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, Oilthigh Obar Dheathain) agus ann an Albainn Nuaidh (Oilthigh an Naoimh Fransaidh Xavier) bho 2000.
Gheibhear sgrìobhaidhean stèidhichte air rannsachadh air cànanachas, gu h-àraidh briathrachas is faclaireachd (na dathan anns a’ Ghàidhlig; Faclair na Gàidhlig; meatafoir ann am briathrachas tinneis; a’ tional briathrachas ciùil; a’ gleidheadh Gàidhlig Mhanainn), litreachas (àite a’ chiùil ann am bàrdachd; dòighean air an sgrùdar rannaigheachd ann am bàrdachd; Baileadan Inbhir Aora; an iris Gairm; dràma na Gàidhlig; bàrdachd shoisgeulach; poileataigs ann an obair Dhonnchaidh Bhàin) agus sòisio-chànanachas, gu h-àraidh poileataigs cànain agus fèin-aithne (a’ sgrìobhadh sa Ghàidhlig; a’ cleachdadh shoighnichean Gàidhlig; tùs an fhèilidh; cleachdadh diamhair na sgriobt ogham; inbhe cànain aig ìre dualchainnt (ann an Cataibh an Ear) agus luach na Gàidhlig aig ìre eaconamaich).
Air fhoillseachadh an t-Sultain 2019 le Clò Ostaig, Sabhal Mòr Ostaig, Slèite, An t-Eilean Sgitheanach IV44 8RQ.