Skip to content
SMO Generic Banner Image

Leabhraichean Shomhairle MhicGill-Eain ann an Leabharlann an t-Sabhail Mhòir



Fhuair Leabharlann an t-Sabhail Mhòir o chionn ghoirid cruinneachadh sònraichte de leabhraichean a bhuineadh don bhàrd ainmeil Somhairle MacGill-Eain. Tha cha mhòr 1,800 tiotal anns a’ chruinneachadh, a’ gabhail a-staigh seann leabhraichean a bha leis an teaghlach, leabhraichean a ghlèidh Somhairle mar dhuaisean anns an sgoil, agus tiodhlacan bho ùghdaran eile, cho math ris na leabhraichean a chruinnich e fhèin.

Rugadh Somhairle MacGill-Eain (1911-1996) ann an Ratharsair agus dh’fhàs e gu bhith na bhàrd aig an robh cliù gu h-eadar-nàiseanta. Bha meas mòr aige a-riamh air a’ Ghàidhlig agus bha e an sàs ann an teagasg airson a’ mhòr-chuid dhe bheatha. Bha e cuideachd am measg a’ chiad urrasairean aig a’ Cholaiste, agus air fear dhen chiad fheadhainn a bh’ ann an dreuchd Sgrìobhadair na Colaiste. Mar sin, tha e iomchaidh gum bi a leithid de chruinneachadh suidhichte anns a’ Cholaiste.

Tha farsaingeachd mhòr anns a’ chruinneachadh, ach tha e gu h-àraid ceangailte ri litreachas Beurla agus Gàidhlig, eachdraidh na Gàidhealtachd, agus ealain. Chan e a-mhàin gu bheil e a’ cur gu mòr ri goireasan an Leabharlainn, ach tha e cuideachd a’ toirt sealladh dhuinn air beatha fear de phrìomh bhàird na 20mh linn ann an Alba, agus bidh e na ghoireas air leth inntinneach do dh’oileanaich, do luchd-rannsachaidh agus don mhòr-shluagh.

Thuirt Iseabail Nic Gill-Eain, nighean Shomhairle:  “Leis gur e ionad foghlaim le cliù eadar nàiseanta airson cànan is cultar na Gàidhlig a th’ anns an t-Sabhal, tha e dha rìribh iomchaidh gun tèid an cruinneachadh a chumail a seo.  Tha e a’ toirt toileachas mòr dhuinn gu bheil an cruinneachadh air an cumail ri chèile san Eilean Sgitheanach, is gu sònraichte ann an leabharlann an t-Sabhail Mhòir.  Gheibh a h-uile duine a thig don Eilean cothrom a-nis sùil a thoirt air na leabhraichean agus bidh e comasach do dhaoine nach eil fiù’s faisg air a’ Cholaiste an cruinneachadh fhaicinn tro ghoireasan didseatach na Leabharlann.”

Chaidh an cruinneachadh a thaisbeanadh gu h-oifigeil aig cuirm Dihaoine 27 Iuchar, far an robh a chàirdean agus urrasairean bho Urras Shomhairle an làthair.

A-measg na bha an làthair aig a’ chuirm, bha an Dr Ann NicMhathain, Cathraiche Comataidh Comhairleachaidh an Leabharlainn, a thuirt:  “Bidh ùidh aig oileanaich, luchd-acadaimigeach agus aig saoghal nas fharsainge sgoilearachd agus de dh’ ùidh phoblach ann an cruinneachadh phearsanta, luachmhor leabhraichean Shomhairle, a tha na sholarachadh buileach annasach do Leabharlann Shabhal Mòr Ostaig, agus fo chuid ghleidhidh, thèid meas a chur air is cùram a ghabhail dheth san àm a th’ ann agus airson ghinealach ri teachd.”

Thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, an t-Oll Boyd Robasdan, a bha sa chathair aig a’ chuirm: “Tha solarachadh a’ chruinneachaidh mhìorbhailich agus ioma-ghnèthich seo de dh’aon de phrìomh laoich litreachais Albannaich an 20mh linn a’ cur gu mòr ri beairteas leabharlann na Colaiste agus tha e cubhaidh gu bheil an t-ionad ris an robh uimhir de cheangail aig Somhairle gus a bhith a’ gabhail cùraim na h-ulaidh ro phrìseil seo.”

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578