Skip to content
SMO Generic Banner Image

LEASACHADH BAILE NA CILLE BIGE – ÌRE 1



Thòisich obair an t-seachdain seo ann an Slèite san Eilean Sgitheanach air Ìre 1 den phròiseact mhòr, ùr, ‘Leasachadh Baile na Cille Bige’, a tha air a stiùireadh le Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig. Tha cunnradairean a’ phròiseict, Robertson Construction Northern Ltd, air tòiseachadh ag obair air làrach na h-iomairte ùire seo aig a bheil cinn-uidhe an dà chuid lèirsinneach agus dòchasach.

Mar thoradh air iomairt na Cille Bige, thèid a’ chiad ‘bhaile ùr’ a chruthachadh san Eilean Sgitheanach o chionn cha mhòr 100 bliadhna, agus bidh sin na chloich-mhìle chudromach ann an eachdraidh an eilein. Cuideachd, togaidh e air a’ bhuaidh a tha air a bhith aig a’ Cholaiste air eaconamaidh is beatha muinntir na sgìre bho chaidh a stèidheachadh le Sir Iain Noble ann an 1973.

Thèid am baile ùr a thogail air fearann a chaidh a cheannach le Sabhal Mòr Ostaig o chionn ghoirid ’s a fhuair taic fhialaidh bho Urras Leasachaidh Sabhal Mòr Ostaig.

Mar phàirt den obair aig Ìre 1, thèid an làrach ullachadh airson leasachaidhean a thig an cois ìrean eile den phròiseact agus thèid bun-structar is seirbheisean a stèidheachadh ris an tèid eileamaidean eile de Mhòr-phlana Baile na Cille Bige a chur mean air mhean thar ùine a mhaireas 10-15 bliadhna, thathar an dùil.

Cho math ri seirbheisean is bun-structar, aig Ìre 1 thèid togalach ùr a thogail airson Obair Sgoilearach, Rannsachaidh, Aiseag Eòlais agus Tionnsgalachd, agus bidh pàirt den ionad ùr seo na dhachaigh do chuid de phrìomh luchd-obrach na Colaiste a tha an-dràsta ag obair san t-seann ‘shabhal’ aig Àrainn Ostaig. Bheir sin cothrom an uair sin leasachadh is obair ghleidhidh a dhèanamh air an togalach ainmeil is eachdraidheil sin, agus cothrom goireas a dh’aona-ghnothach a chruthachadh airson co-labhairtean is tachartasan, amas a tha na phrìomh bhunait de ro-innleachd airson a bhith leasachadh làrach is fearann na Colaiste.

An lùib ìrean eile den Mhòr-phlana, thathar an dùil diofar sheòrsaichean taigheadais, ionadan reic is gnìomhachais, taigh-òsta is goireasan spòrs is cur-seachad a thogail don t-Sabhal Mhòr agus don choimhearsnachd mun cuairt.

Thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, am Proifeasair Boyd Robasdan, an-diugh: “Tha mar a tha an obair togail a-nis air tòiseachadh a’ toirt dhuinn fianais dha-rìribh air sealladh is cinn-uidhe a’ Mhòr-phlana airson Baile na Cille Bige, agus tha e na chloich-mhìle chudromach eile air an t-slighe leasachaidh a tha sinn air a bhith leantainn aig Sabhal Mòr Ostaig agus ann an Slèite o chionn iomadh bliadhna. ’S e com-pàirteachas a th’ ann an Iomairt Baile na Cille Bige eadar Sabhal Mòr Ostaig, Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill agus Urras Coimhearsnachd Shlèite às an tig buannachdan mòra don Cholaiste agus don choimhearsnachd. Ri linn pròiseact na Cille Bige, thèid goireasan is seirbheisean na Colaiste a leudachadh agus bheir e spionnadh às ùr don iomairt leasachaidh airson eaconamaidh is sluagh na sgìre a thòisich Sir Iain Noble tràth sna 70an.”

A’ bruidhinn às leth Riaghaltas na h-Alba, a tha air a bhith air leth taiceil don iomairt, thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond BPA, an-diugh,

“Tha e sgoinneil gu bheil Sabhal Mòr Ostaig a-nis comasach air a’ cheum iomraiteach seo a ghabhail agus iad a’ tòiseachadh air a’ phròiseact lèirsinneach seo. Tha an t-airgead a thèid a chosg air pròiseactan mar Baile na Cille Bige ro chudromach ann a bhith a’ brosnachadh fàs san eaconamaidh air feadh Alba. Tha e deatamach gun toir sinn taic do chothroman gus obraichean ùra is dreuchdan preantais ùra a chruthachadh, agus taic do dh’àiteachan a tha a’ cuideachadh le bhith leasachadh agus a’ toirt piseach air ar coimhearsnachdan dùthchail. A thuilleadh air a bhith tabhann foghlaim agus a bhith cur air adhart na Gàidhlig, tha Sabhal Mòr Ostaig cuideachd a’ cur gu mòr ris an sgìre ann an grunn dhòighean eile. Nì Baile na Cille Bige dìon air a’ Cholaiste san ùine ri thighinn agus, còmhla ris a’ choimhearsnachd, togaidh iad a’ chiad bhaile ùr a chunnacas san eilean o chionn còrr is 100 bliadhna.”

“Mar a tha fhios aig iomadh Gàidheal, chan e dìreach cànan a th’ anns a’ Ghàidhlig. Tha i na pàirt ro chudromach de dh’fhèin-aithne is dualchas na Gàidhealtachd agus nan Eilean, agus air sgàth obair an t-Sabhail, tha a’ Ghàidhlig a’ buntainn ri ar beatha an-diugh a cheart uiread agus a bha i o chionn 40 bliadhna, no fiù ’s 400 bliadhna.”

Thuirt Stiùbhart Mac a’ Phearsain bho HIE a thug taic don phròiseact, 

“Tha e a’ toirt toileachas mòr do HIE gu bheil am pròiseact air tòiseachadh agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith faicinn na buaidhean eaconamach is shòisealta a bheir e air an àite agus a’ choimhearsnachd.”

Thuirt Donnie Rothach, Stiùiriche SMO airson Leasachaidh, Tional-airgid agus nan Ealain, an-diugh,

’S e àm air leth gealltanach a tha seo don t-Sabhal Mhòr agus don choimhearsnachd mun cuairt oirnn, agus tha an iomairt seo mar thoradh air tòrr phlanaidh is cho-rèiteachaidh a chaidh a dhèanamh agus tha e na dhearbhadh air mar a tha miann mòr aig Sabhal Mòr Ostaig fhathast togail air an t-soirbheachadh iongantach a chunnacas thar nan 40 bliadhna a dh’fhalbh. Nì na modhan-dealbhachaidh, a chaidh aontachadh airson a’ phròiseict, cinnteach gun tèid na h-inbhean as àirde a choileanadh a thaobh na h-àrainneachd agus obair ailtireachd, agus bidh e na shàr eisimpleir a thaobh leasachaidhean dùthchail a tha seasmhach agus freagarrach airson an latha an-diugh.”

Thuirt Neach-cathrach Sabhal Mòr Ostaig, An Siorraidh Ruaraidh Iain MacLeòid,

“Fad nan 40 bliadhna bho chaidh Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh, cha robh riamh àm ann far nach robhar a’ coimhead air adhart. Tha Baile na Cille Bige a’ comharrachadh na h-ath ìre den leasachadh sin a tha air a bhith dol gun abhsadh. Ach tha e a’ comharrachadh tòrr a bharrachd na dìreach sin. Cha ghabh luach gu leòr a chur air a’ chom-pàirteachas le Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill, a thug dhuinn am beachd airson na h-iomairte seo sa chiad dol a-mach, agus le Urras Coimhearsnachd Shlèite. Tha a’ Cholaiste air ceann a’ phròiseict seo, ach ’s e iomairt chom-pàirteach a tha seo agus bu chòir taing is urram a thoirt don a h-uile neach a tha air cuideachadh le bhith ga toirt gu buil. Mar sin, bu thoil leam iomradh sònraichte a thoirt air Maoin na Gàidhealtachd a chleachd a bhith ann, agus Urras na h-Aiseirigh, thoradh ’s ann air sgàth nan tabhartasan fialaidh a thug an dà bhuidheann sin do Urras Leasachaidh Sabhal Mòr Ostaig a b’ urrainnear fearann Baile na Cille Bige a cheannach. Tha sinn cuideachd air leth taingeil don taic a fhuaras bho HIE, an ERDF, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Mhaoineachaidh na h-Alba agus cha bhiodh am pròiseact seo air tachairt idir mura b’ e an taic ro chunbhalach a thug Riaghaltas na h-Alba, agus Prìomh Mhinistear na h-Alba gu pearsanta, dha. Mo thaing dhaibh uile, agus gu dearbh do ar luchd-obrach fhèin agus don luchd-chomhairle phroifeiseanta a tha fhathast, tro an obair chruaidh is dhìcheallach, a’ toirt gu buil am miann is an sealladh a th’ againn.”

Thuirt Frank Reid, àrd-mhanaidsear sgìreil airson Robertson: “Tha e na thoileachas mòr dhuinn gun deach ar fastadh mar chunnradair don phròiseact iomraiteach is togarrach seo. Tha e na urram a bhith ag obair do Shabhal Mòr Ostaig agus a bhith an sàs ann a bhith cruthachadh goireas a ghlèidheas cliù air feadh an t-saoghail agus a chuidicheas le bhith gleidheadh eaconamaidh is dòigh-beatha muinntir an Eilein Sgitheanaich agus cànan nan Gàidheal.”

Thuirt Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Drew Hendry: “Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ cur fàilte air an naidheachd seo an-diugh a tha a’ comharrachadh àite cudromach ann an leasachadh Sabhal Mòr Ostaig agus ann an Slèite, san Eilean Sgitheanach agus sa Ghàidhealtachd. Tha a’ chiad bhaile ùr san Eilean Sgitheanach fad 100 bliadhna na shamhla air ath-bheothachadh na sgìre agus tha sinn ro dheònach ar taic a chur ris a’ phròiseact seo.”

Tha Manaidsear a’ Phròiseict, Donaidh MacFhionghain bho MacKinnon Associates, os cionn a’ phròiseict. Air an sgioba dealbhachaidh tha: na h-ailtirean Holmes Miller ann an com-pàirt ris na h-ailtirean Sgitheanach Rural Design a tha air duaisean a ghleidheadh; na Measadairean Cosgais, Currie is Brown; na h-Innleadairean Catharra, Halcrow; na h-Innleadairean Seirbheis, DSSR; agus an Co-òrdanaiche CDM, Aecom.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578