Leasachadh Baile na Cille Bige: Chaidh am pròiseact a chur a dhol le Ailig Salmond BPA, Prìomh Mhinistear na h-Alba
Ghabh Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond BPA, an cothrom o chionn ghoirid, agus e a’ tadhal air an Eilean Sgitheanach, am pròiseact leasachaidh Baile na Cille Bige a chur a dhol gu h-oifigeil ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich – leasachadh a tha Sabhal Mòr Ostaig, t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, a’ stiùireadh. An làthair còmhla ris a’ Phrìomh Mhinistear bha riochdairean bho na prìomh bhuidhnean maoineachaidh: Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, Prògram ERDF na h-Eòrpa, Comhairle na Gàidhealtachd agus Urras Leasachaidh Sabhal Mòr Ostaig, agus iad uile air cur ris a’ £6.6m de mhaoineachadh a tha dhìth airson a’ chiad ìre.
Thèid bun-structair agus seirbheisean a stèidheachadh le Ìre 1 airson a’ chiad 4 acair de làrach nas motha a tha comharraichte ann am Prìomh Phlana na Cille Bige. Cuideachd, le Ìre 1 thèid togalach ùr a stèidheachadh aig SMO airson Rianachd, Rannsachadh, Roinn Eòlais agus Tionnsgalachd a bheir dachaigh do 20 dreuchd a th’ ann mu thràth agus a chruthaicheas suas gu 20 obair ùr sa choimhearsnachd, agus thig buannachd eaconamach às luach còrr is £400,000 gach bliadhna. Thathar an dùil gun tòisich an obair togail a bhios an lùib Ìre 1 san t-Sultain 2013 agus gun toir e 15 mìosan. Thèid 50 obraichean a chruthachadh ri linn na h-obrach togail agus cosnaidhean luach £1.6m don eaconamaidh.
Thuirt am Prìomh Mhinistear agus e a’ foillseachadh an leasachaidh eachdraidheil ùir seo:
“Tha pròiseact na Cille Bige na eisimpleir iongantach de na dòighean anns an urrainn dhuinn fàs eaconamach a phiobrachadh air feadh na h-Alba, agus sinn aig an aon àm a’ gleidheadh ar coimhearsnachdan dùthchail agus ar cànanan tùsail san 21mh linn agus sna linntean às dèidh sin.
“Bidh na goireasan a thig às na leasachaidhean seo gu buannachd muinntir an Eilein Sgitheanaich agus thèid barrachd airgid a chur an seilbh san sgìre air an sgàth.
“Tha mar a tha a’ choimhearsnachd an sàs ann an dealbhachadh is lìbhrigeadh iomairtean eaconamach is sòisealta, a nì ath-nuadhachadh air sgìrean ionadail, riatanach do mar a shoirbhicheas leotha, agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith tilleadh an seo sna mìosan a tha romhainn feuch am faic mi an t-adhartas a bhios ga dhèanamh.
Nuair a bhios am pròiseact leasachaidh sàr lèirsinneach seo deiseil bidh a’ chiad ‘bhaile ùr’ san Eilean Sgitheanach o chionn còrr is 100 bliadhna air a thogail agus cuiridh sin ris a’ bhuaidh ro mhòr a th’ aig Sabhal Mòr Ostaig air soirbheachadh eaconamach is sòisealta na sgìre seo a chleachd a bhith ga mheas mar ‘sgìre lag’, sgìre far a bheil an àireamh sluaigh a-nis air dùblachadh o chionn beagan bhliadhnaichean agus sin aig àm far a bheil an caochladh fìor ann an sgìrean eile.
Thuirt Raonaid NicCarmaig, Stiùiriche HIE airson Neartachadh Choimhearsnachdan:
“Tha soirbheachadh Sabhal Mòr Ostaig a’ toirt buaidh air saoghal sòisealta, cultarach is eaconamach iomadh neach gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta. Tha HIE air taic làidir a thoirt do SMO gus iomadach pròiseact lèirsinneach a thoirt gu buil thar nam bliadhnaichean, agus chan e a-mhàin gu bheil iad air a bhith gu buannachd na colaiste, an luchd-obrach agus nan oileanach, ach cuideachd tha iad a’ cur ri fàs na coimhearsnachd ionadail. Tha HIE air leth toilichte gu bheil sinn an sàs ann a bhith a’ cur a’ phròiseict seo a dhol a tha air a stiùireadh le àrd-amasan agus a chruthaicheas obraichean ùra, agus goireasan a bharrachd a chuidicheas le bhith cruthachadh teachd-a-steach agus a thàlaidheas agus a chumas barrachd dhaoine òga air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan.”
Thuirt Proifeasair Boyd Robasdan, Prionnsabal Sabhal Mòr Ostaig:
“Tha an leasachadh seo air leth cudromach do Shabhal Mòr Ostaig agus don sgìre mun cuairt oirnn, agus togaidh e air dìleab nan iomadh iomairt a tha air soirbheachadh mu thràth ann an eachdraidh ghoirid na colaiste. Tha e gu sònraichte iomchaidh gu bheil seo a’ tachairt sa bhliadhna a tha sinn a’ comharrachadh ar 40mh Ceann-bliadhna, agus thig e gu bhith na chomharra air lèirsinn, misneachd agus diongmhaltas Sir Iain Noble agus nan ciad Urrasairean a stèidhich a’ cholaiste.”