Naidheachdan air Leasachadh na Cille Bige
Tha atharrachadh mòr air tighinn air sgìre Ostaig thar nan trì mìosan a dh’fhalbh aig làrach na Cille Bige agus a’ chompanaidh togail Robertson air a bhith trang leis a’ chiad ìre den phròiseict leasachaidh aig an t-Sabhal Mhòr. Tha an obair aig luach £6m a’ leantainn mar dà chùmhnant fa-leth – obair cladhach is ceanglaichean ri drèanaichean, òtrachas, uisge, dealan agus fòn mus tèid rathad a thogail suas chun a’ chiad togalaich ùir; agus an obair ris an togalach fhèin. Bidh an obair cladhach deiseil aig deireadh an Iuchair agus an togalach ùr deiseil ro dheireadh an Fhaoillich 2015. Bidh seòmraichean teagaisg, oifisean luchd-obrach, àiteachan airson obraichean ùra agus cafaidh san togalach ùr. Bidh cuideachd siostam teas bi-connaidh ùr air a thogail a loisgeas fiodh air a chumail ris a’ Cholaiste tro Urras Coimhearsnachd Shlèite a-mach à Coille an Tòirr Mhòir.
Tha a’ Cholaiste mothachail gun robh e na thàmailt do mhòran sa choimherasnachd a bhith a’ faicinn cuid de na craobhan ris an rathad mhòr aig Àrainn Ostaig air an leagail aig toiseach na h-obrach. Bha seo a’ leantainn air obair sgrùdaidh neo-eisimeileach a bh’ aig a’ Cholaiste ri choileanadh mar phàirt den chead dealbhachaidh le Comhairle na Gàidhealtachd agus gus cumail ri riaghailtean sàbhailteachd an rathaid ùir air an tèid carbadan a-mach ‘s a-steach às an ionaid.. Bha e cudromach nach robh gnothaich aig a’ Cholaiste, na h-ailtirean no duine sam bith eile bhon Sgioba Dealbhachaidh san obair sgrùdaidh seo air na craobhan. Cha deach an toirt às le Robertson ach na craobhan a chaidh an comharrachadh dhaibh tron sgrùdadh agus le deagh chuid dhiubh a bha marbh no fo chunnart tuiteam. Tha e na phàirt chudromach den phròiseict gum bi craobhan ùra air an cur aig deireadh chùisean mus tèid an togalach ùr fhosgladh an-ath-bhliadhna.
Tha Bòrd-stiùiridh na Colaiste an-dràsta a’ cnuasachadh diofar bheachdan airson ainm freagarrach Gàidhlig a thoirt air an togalach ùr agus chuireadh iad fàilte air beachdan bho mhuinntir na sgìre a th’ airson cur ris an deasbad.
A bharrachd air an obair air a’ chiad ìre leasachaidh aig a’ Chill Bhig, tha còmhraidhean a’ leantainn leis a’ Bhuidheann Taigheadais is Comhairle na Gàidhealtachd gus taighean ùra an togail air an talamh a thathar a’ deasachadh an-dràsta. Bidh an ath leasachadh seo a’ toirt stiùir bho mholaidhean an sgrùdaidh ionadail air feumalachdan taigheadais a thathar a’ dèanamh air feadh Shlèite an-dràsta le dòchas gum bi na ciad taighean ùra rim faicinn aig a’ Chill Bhig taobh a-staigh dhà no thrì bhliadhnaichean.
Chaidh cuideachd iarrtas taic-airgid a-steach o chionn ghoirid bhon Cholaiste chun an sgeama Legacy 2014 aig Riaghaltas na h-Alba gus cuideachadh le goireasan ùra spòrs is cur-seachad a thogail dhan choimhearsnachd mar ìre leasachaidh eile. Tha dùil ri freagairt air ais ro dheireadh an t-samhraidh. Tha a’ Cholaiste gu mòr airson goireasan spòrs ùra fhaighinn aig a’ Chill Bhig cho luath sa ghabhas agus thèid beachdan na coimhearsnachd air na goireasan a tha dhìth an sireadh.