Skip to content
SMO Generic Banner Image

Iomairt àrainneachd ùr aig SMO ga chur air bhog aig Fèis Jazz an Eilein Sgitheanaich



Thèid iomairt àrainneachd ùr aig Sabhal Mòr Ostaig, ‘Lioft’, a chur air bhog Dihaoine 1 Samhain mar phàirt de dh’Fhèis Jazz an Eilein Sgitheanaich. Tha an iomairt ùr a’ brosnachadh dhaoine a bhith siubhal còmhla san aon chàr nuair a tha iad a’ dol gu tachartas ealain aig a’ cholaiste, feuch nach bi an uiread sgaoilidhean carboin ag èirigh bho na tachartasan sin.

Fhuair Sabhal Mòr Ostaig £4,500 bhon sgeama Make:IT:Happen aig AmbITion Scotland, a tha air a mhaoineachadh le airgead a’ Chrannchuir Nàiseanta tro Alba Chruthachail. Tha am pròiseact ùr mar phàirt de Phlana Lùghdachadh Carbon na Colaiste a tha còmhdach nam bliadhnaichean 2011-15, agus SMO ag amas air na tha iad a’ sgaoileadh de charbon a lùghdachadh 20%.

Bidh an sgeama ùr a’ cuideachadh le aon de phrìomh amasan a’ Phlana, sgaoilidhean nach eil gu tur air adhbharachadh tro obair na Colaiste a lùghdachadh. Nì an sgeama sin le bhith toirt fiosrachadh do dhaoine a chuidicheas iad gus siubhal còmhla san aon charbad gu tachartasan ealain. Bidh còrr is 8,000 neach a’ tadhal air a’ Cholaiste gach bliadhna tro dhiofar thachartasan, a’ gabhail a-staigh tachartasan ealain.

Tha an sgeama ga chur an sàs ann an co-bhuinn ri SEALL, a’ bhuidheann ealain a tha air a bhith cur air dòigh tachartasan ann an Ceann a Deas an Eilein Sgitheanaich bho 1990.

B’ e Chris Mitchell, bhon bhuidhinn chruthachail Cànan a tha stèidhichte aig SMO, a chuir an t-iarrtas a-staigh as leth na Colaiste. Thuirt Chris: “Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith faicinn mar a dh’obraicheas an iomairt seo ann an Ceann a Deas an Eilein Sgitheanaich. Tha AmbITion Scotland air a bhith glè chuideachail, agus trompa-san chuir sinn eòlas air eòlaichean àrainneachd agus chuidich iad sin le bhith cruthachadh plana. Tha e a-nis an urra rinne aig Sabhal Mòr Ostaig oidhirp a dhèanamh feuch an siubhail barrachd dhaoine còmhla nuair a tha iad a’ tighinn chun na Colaiste agus nuair a thèid iad dhachaigh.”

Thuirt Dòmhnall Angaidh MacIllInnein, Ceannard Oighreachd is Sheirbheisean aig SMO: “Bidh an iomairt seo aig cridhe oidhirp na Colaiste gus daoine a bhrosnachadh a bhith a’ siubhal còmhla san aon chàr agus a’ cur ri obair a’ Phlana Lùghdachadh Carbon. Tha sinn mothachail gu bheil deagh chuid de dh’oileanaich is luchd-obrach na Colaiste a’ frithealadh tachartasan Seall feadh na bliadhna agus gu bheil sinn stèidhichte ann an sgìre dhùthchail far nach eil na seirbheisean siubhail poblach a’ freagradh air a h-uile adhbhar siubhail. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil a’ mhòr-chuid againn an eisimeil a’ chàir gu ìre mhòr. Bidh sinn ag obair le Chris is sgioba a’ phròiseict gus leudachadh air toraidhean na h-obrach agus gus feuchainn ri deagh bhuaidh a thoirt air dòighean siubhail luchd-cleachdaidh na Colaiste air fad.”

Thèid ‘Lioft’ a chur air bhog aig cuirm-ciùil leis a’ chòmhlan an Stu Brown Sextet a bhios ga chumail aig 7.30f aig Sabhal Mòr Ostaig air 1 Samhain mar phàirt den Fhèis Jazz. Thathar an dùil rannsachadh a dhèanamh, sa chiad dol a-mach, air ciamar a bhios daoine a’ siubhal gu tachartasan ealain aig a’ cholaiste. Thèid aire dhaoine a tharraing don phròiseact tro stuthan margaidheachd agus ri ùine thèid iomairt shanasachd a chur an sàs. Agus bithear a’ tarraing aire dhaoine gu làraichean-lìn far am bi daoine a’ toirt seachad fiosrachadh mu chothroman gus siubhal còmhla, airson tuilleadh fiosrachaidh tadhlaibh air http://www.lioft.smo.uhi.ac.uk.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578