
Luchd obrach bhon t-Sabhail a’ toirt seachad taisbeanadh aig Oilthigh Hawaii
Bha Alasdair MacMhaoirn ann an Hawaii a’ mhìos seo, a’ toirt seachad taisbeanadh aig Oilthigh Hawaii. Seo mar a chaidh leis:
‘Sa mhios seo chaidh, fhuair mi cothrom a dhol dhan 2nd International Conference on Language Documentation and Conservation (ICLDC), “Strategies for Moving Forward, Oilthigh Hawaii, àrainneachd Manoa, Honolulu. Thug mi seachad taisbeanadh,’To Sow and to Reap: An Ceathramh, a community based initiative in language revitalization and documentation, in Sutherland, Scotland’, mun ionad a bh’ agam ann an Cataibh. B’ e an co-labhairt a b’ fheàrr a bh’ agam riamh on a bha measgachadh dhe dòighean obrach prataigeach agus gnothaichean sgoileireil. Chaidh ar cumail a’ dol eadar pàipearan, taisbeanaidhean agus tachartasan – chì thu gu bheil mi a’ cheart cho odhar sa bha mi nuair a dh’fhalbh mi – cha robh gabhail na grèine ann!
San fharsaingeachd, thàinig aon rud am bàrr gu làidir. B’ e sin cho cudromach’s a tha cànan aig an taigh. Gu cinnteach tha foghlam cudromach, mar a tha rèidio, tele, clasaichean, cur-seachadan is eile, ach gun an cànan a bhith a’ dol eadar pàrantan agus clann cha bhi gnothaichean sàbhailte. A bharrachd air sin thachair mi ri tòrr mòr dhaoine inntinneach. Bha mòran thùsanach ann à Aimeireagaidh a Tuath, agus bha Maoris ann agus Aborigines cuideachd.’S ann acasan, nam bharail co-dhiù, a bha am fiosrachadh as inntinniche on a bha iadsan a’ strì ann an suidheachadh mar a th’ againn sa Ghàidhealtachd. Cuideachd bha iad cho càirdeil sa ghabhas agus bha e dha-rìribh math a bhith cuide riù. Uile gu lèir, b’ e turas sònraichte a bh’ ann.
A thaobh nan Hawaiianach fhèin, an-dràsta tha Roinn Hawaiian aca fo sgèith Oilthigh Hawaii, ach tha iad dìreach air talamh a bhriseadh airson togalaichean a bhith aca fhèin. Cha b’ urrainn dhomh ach a bhith mothachail mun ìre de chliù a choisinn obair SMO, is mar bha ùidh aca anns a’ Ghàidhlig. Tha dùil aca gum bi na togalaichean aca fhèin deiseil ann ceann dà bhliadhna nuair a bhios an treas ICLDC gu bhith ann. Nach biodh e math nam b’ urrainn dha sgioba bho SMO a bhith ann!’