Luchd-rannsachaidh an t-Sabhail air Aithneachadh aig Àrd-ìre
Chaidh obair rannsachaidh agus sgoilearachd dithis de luchd-teagaisg an t-Sabhail Mhòir aithneachadh o chionn ghoirid aig fìor àrd-ìre.
Chaidh inbhe proifeasair a bhuileachadh air Dr Richard Cox le Oilthigh na Gàidhealtachd mar chomharra air a shàr obair sgoilearachd is fhoillseachadh ann an Gàidhlig. Chuir Proifeasair Cox ùine seachad ag obair air Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig agus a’ teagasg ann an Oilthigh Ghlaschu mus deach e a dh’obair mar sgrìobhadair air a’ phrògram ainmeil telebhisein Speaking Our Language. Chaidh e an uair sin a theagasg ann an Oilthigh Obar Dheathain fo stiùireadh Proifeasair Dòmhnall Meek. Tha e air cur gu mòr ri stòras foillsichidh na Gàidhlig agus air iomadh leabhar, pàipear agus aithisg chudromach fhoillseachadh co-cheangailte ri cànan is cultar na Gàidhlig, nam measg Brìgh nam Facal agus The Gaelic Place-names of Carloway, Isle of Lewis .
Thàinig Proifeasair Cox a dh’obair aig an t-Sabhal ann an 2006 far a bheil e a’ teagasg air cùrsaichean ceuma na Colaiste agus a’ stiùireadh a’ bhuidhinn fhoillsichidh, Clò Ostaig. Tha e cuideachd na fhear-deasachaidh Ghàidhlig air an iris, The Year’s Work in Modern Language Studies.
Fhuair Decker Forrest, a tha na Stiùiriche air a’ chùrsa BA Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta, PhD bho Oilthigh Chill Rìbhinn agus an RSAMD leis an tràchdas aige mu Cheòl Beag,’Ceòl Beag: The Development and Performance Practice of the’small music’ of the Highland Bagpipe c.1820-1966’. ‘S e seo fear de na ciad tràchdais air ceòl na pìoba a chaidh aithneachadh riamh aig ìre for-cheum.
Gu h-inntinneach , chaidh pìosan a chlàradh airson an tràchdais le Dr Forrest a’ cluich seann phìob agus feadan a chaidh a dhèanamh a dh’aona ghnothaich san aon chruth ri fear a rinn Dòmhnall MacDhòmhnaill à Ghleann Hinnisdail san Eilean Sgitheanach tràth san naoidheamh linn deug. Rinn Dr Forrest an fhor-cheum aige fo stiùir Dr Ruairidh D. Cannon agus Iain MacAonghais agus tha e air pìosan rannsachaidh fhoillseachadh o chionn ghoirid san iris The Highland Bagpipe: Music, History, Tradition.
Thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, Proifeasair Boyd Robasdan;”S e aithneachadh iomchaidh is dligheach a tha seo air sgoilearachd agus obair rannsachaidh Richard agus Decker. ‘S e urram a th’ ann dhaibh fhèin gu pearsanta agus dhan Cholaiste.’