Skip to content
SMO Generic Banner Image

MA Cultar Dùthchasach is an Àrainneachd, Dòigh-beatha is Dualchas: an-dè, an-diugh is a-màireach



Sar Chùrsa

Gheibhear sealladh farsaing is deagh thuigse air dòigh-beatha agus dualchas na Gàidhealtachd is nan Eilean air a’ chùrsa shònraichte fhor-cheum seo. Bithear a’ rannsachadh cultar dùthchasach, cànan is cleachdaidhean na sgìre cho math ri cruth na tìre agus na h-àrainneachd. Gheibh oileanaich cothrom togail air cuspairean sònraichte anns a bheil ùidh aca fhèin leithid ainmean-àite, litreachas, òrain agus eachdraidh shòisealta. 

Sàr Sgioba

Tha an cùrsa ga stiùireadh le fìor eòlaiche eachdraidh, Proifeasair ٙisdean Cheape, agus an sàr sgioba luchd-teagaisg, Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart agus Gabhan Mac a’ Phearsain.   Gheibhear cothrom air stòras prìseil de leabhraichean, dealbhan agus goireasan eile ann an Leabharlann an t-Sabhail a chuireas gu mòr ris an ionnsachadh a gheibhear air a’ chùrsa. 

Sàr Chothrom

‘™S e cùrsa pàirt-thìde air-loidhne a mhaireas trì bliadhna a th’ ann, le oileanaich a’ faighinn deagh thaic bhon sgioba fad na h-ùine. Faodar modalan a’ chùrsa a dhèanamh fa leth no còmhla ri chèile, ag obair a dh’™ionnsaigh Pg Cert, Pg Dip agus MA. 

Am measg nam modalan a thèid a sgrùdadh, tha Cultar Dùthchasach agus Tìr Mòr na Roinn Eòrpa, Dòighean Rannsachaidh, Thar nan Linn, Bailtean agus Iomairean, Seasmhachd air an Talamh, Cruthachadh agus Àrainneachd, agus Nuadh Bheachdan. Feumar tràchdas rannsachaidh a chrìochnachadh airson MA a choisinn. 

Feumar ceum le urram aig 2:2 no nas fheàrr a bhith agaibh ann an cuspair iomchaidh.  Thathas a’ cur fàilte air tagraichean aig nach eil na teisteanasan seo ach aig a bheil eòlas proifeiseanta ann an cuspairean iomchaidh fios a chur thugainn. 

 

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578