Skip to content
SMO Generic Banner Image

MacLaverty gu bhith leughadh aig Sabhal Mòr Ostaig



Bidh an sgrìobhadair ainmeil Bernard MacLaverty an làthair aig oidhche litreachais an ath sheachdain aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach.’S e seo an dàrna tachartas ann an sreath fon ainm’˜Agus Dàin Eile’™, far a bheil sgrìobhadairean bhon Rìoghachd Aonaichte aig a bheil cliù eadar-nàiseanta a’ nochdadh còmhla ri sgrìobhadairean Gàidhlig aithnichte agus ùra.

Thèid an tachartas a chumail air Diardaoin 29 Màrt aig 7.30f aig Àrainn Ostaig ann an Slèite, agus bidh am bàrd òg Gàidhlig Niall O’™Gallagher agus a’ bhana-bhàrd Miriam Gamble à Èirinn a Tuath a’ leughadh còmhla ri MacLaverty. Chaidh a’ chiad oidhche litreachais san t-sreath seo a chumail aig toiseach a’ mhìos seo far an robh Alan Gillis, Rody Gorman agus Dàibhidh Eyre a’ leughadh, agus thèid an treas oidhche a chumail air 19 Giblean far am bi Frances Leviston, Paul Batchelor agus Meg Bateman a’ leughadh.

Thuirt Pàdraig MacAoidh, an sgrìobhadair air mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig a chuir na tachartasan air dòigh:’Anns an t-sreath’˜Agus Dàin Eile’ tha sinn airson sgrìobhadairean iongantach sa Ghàidhlig agus sa Bheurla a thoirt còmhla gus leughadh air an eilean. Agus’s e cothrom a th’ ann cuideachd dha sgrìobhadairean a tha air ùr-thoiseachadh sa Ghàidhlig an cuid obrach a leughadh air an àrd-ùrlar. Tha sinn cho toilichte gum bi triùir cho inntinneach agus brosnachail a’ leughadh an ath-sheachdain: Bernard MacLaverty agus Miriam Gamble à Èirinn a Tuath o thùs, a tha a’ sgrìobhadh rosg agus bàrdachd sa Bheurla, agus Niall O’™Gallagher, bàrd ùr sa Ghàidhlig. Tha Bernard, gu h-àraidh, ainmeil chan ann dìreach airson a chuid sgrìobhaidh, ach cuideachd airson cho beothail’s a tha na leughaidhean aige.’

Thuirt Kath NicLeòid, an t-Oifigear Leasachaidh airson nan Ealain aig a’ cholaiste:’Tha Pàdraig MacAoidh, an sgrìobhadair air mhuinntireas aig SMO, air sreath inntinneach de chuirmean litreachais a chur ri chèile le caochladh sgrìobhadairean’ cuid dhiubh aithnichte, cuid ùr’ à Alba fhèin agus à àiteachan eile. A thuilleadh air sin, leis gu bheil e na phàirt de dhreuchd Phàdraig sa cholaiste a bhith a’ brosnachadh dhaoine gu bhith a’ leasachadh an sgilean sgrìobhaidh cruthachail, tha e a’ cumail buidheann sgrìobhaidh gach ceala-deug a dh’fhaodas duine sam bith sa choimhearsnachd a fhrithealadh. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh o Phàdraig fhèin aig an t-seòladh a leanas: sm01pm@groupwise.uhi.ac.uk.’

Tha Bernard MacLaverty air duaisean agus ainm a chosnadh dha fhèin mar sgrìobhadair ruisg. Tha e air còig cruinneachaidhean de sgeulachdan goirid fhoillseachadh agus ceithir nobhailean, agus chaidh filmichean a dhèanamh den dà nobhail aige, Cal agus Lamb.’S ann à Beul Feirste a tha e bho thùs, ach tha e fhèin agus a theaghlach a-nis a’ fuireach ann an Glaschu. Bha an nobhail aige Grace Notes air a’ gheàrr-liosta airson na Duaise Booker.

‘™S e neach-naidheachd aig BBC Alba agus BBC Radio nan Gàidheal a th’ anns a’ bhàrd Niall O’™Gallagher, agus tha e air PhD ann an Litreachas na h-Alba a thoirt a-mach. Fhuair e an Tabhartas airson Sgrìobhadairean ٙra aig Urras Leabhraichean na h-Alba ann an 2009.

‘™S e bàrd agus critig a th’ ann am Miriam Gamble, a bhuineas do Bheul Feirste bho thùs. Ghlèidh a’ chiad chruinneachadh aice The Squirrels are Dead (Bloodaxe, 2010) an Duais Somerset Maugham. Tha i cuideachd air an duais Eric Gregory a ghleidheadh, duais Proifeasair Bàrdachd na h-Èireann agus an duais bàrdachd Vincent Buckley. Tha i an-dràsta ag obair mar òraidiche ann an sgrìobhadh cruthachail aig Oilthigh Dhùn Èideann.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578