Skip to content
SMO Generic Banner Image

Malairt Shònraichte Eadar Alba agus Èirinn



Bha e na adhbhar tlachd do sgioba Leabharlann an t-Sabhail Mhòir fàilte a chur air Séamus Mac Dhaibhéid bho Ghaeláras Mhic Ardghail ann an Contae an Dúin, Èirinn, an t-seachdain sa chaidh. Bha Séamus anns an Eilean Sgitheanach mar phàirt de mhalairt shònraichte de leabhraichean eadar Gàidheil na h-Alba is na h-Èireann.

‘S e ionad cultarail a th’ anns a’ Ghaeláras a chaidh fhosgladh ann an 2013 agus a tha mar chridhe do choimhearsnachd na Gàidhlig ann an Iúr Cinn Trá ann an taobh sear Ulaidh. Tha goireasan cultarail is sòisealta sa Ghaeláras a leithid leabharlann, tasglann, seòmraichean teagaisg, talla agus àite taisbeanaidh far an urrainn do mhuinntir na sgìre a thighinn cruinn còmhla agus an cuid Gàidhlig a chleachdadh.

Bha Séamus aig an t-Sabhal fad seachdain as t-samhradh air cùrsa Gàidhlig na h-Alba do luchd-labhairt Gàidhlig na h-Èireann. Fhuair e cothrom an uair sin beagan eòlais a chur air an Leabharlann agus bha còmhraidhean ann bhon uair sin air ciamar a b’ urrainn don dà aonad taic a thoirt do chàch a chèile. Chaidh aontachadh gun dèanadh Gaeláras Mhic Ardghail agus Leabharlann Shabhal Mòr Ostaig malairt eatarra agus ceudan de leabhraichean dùbailte ann an cruinneachaidhean an dà ionaid a chur a-null don ionad eile.

Tha fìor mheasgachadh de leabhraichean is goireasan eile, sean is ùr, am measg na chuir an Gaeláras don t-Sabhal, eadar goireasan teagaisg, cùrsaichean cànain, rosg is bàrdachd, ceòl is òrain, eachdraidh is eile. Agus tha cruinneachadh math de leabhraichean bhon t-Sabhal air a dhol a-null a dh’Èirinn far a bheil fèill agus ùidh mhòr air goireasan anns a’ Ghàidhlig Albannaich.

Tha an Leabharlann an taing Shéamuis Mhic Dhaibhéid airson a chuid saothrach agus airson a’ mhalairt a rèiteachadh cuide ri sgioba an Leabharlainn. Bidh na goireasan seo a’ cur gu mòr ri cruinneachaidhean Gàidhlig na h-Èireann aig an t-Sabhal Mhòr agus tha iad cuideachd mar shamhla air na ceanglaichean dlùth eadar Alba agus Èirinn agus eadar na Gàidheil air gach taobh de Shruth na Maoile.

Fhuair am pròiseact taic airgid bho Cholmcille: Èirinn is Alba airson a’ mhalairt leabhraichean a rèiteachadh.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578