Skip to content
SMO Generic Banner Image

Neach-ealain Lèirsinneach air Mhuinntireas Tosta2016



Mar phàirt den phròiseact ealain #Tosta2016 le Donostia/San Sebastián (European City of Culture2016), agus ann an co-bhanntachd le Golden Tree Productions sa Chòrn, tha Sabhal Mòr Ostaig air leth toilichte innse gum bi  an neach-ealain Zenna Tagney, as a’ Chòrn, an seo mar Neach-ealain Lèirsinneach air Mhuinntireas bho 27 Gearran gu 1 Giblean.  ‘Se co-obrachadh ealain eadar seachd dùthchannan Eòrpach aig a bheil dlùth cheangal leis a’ mhuir a th’ ann an Tosta2016.  Tha sinn cuideachd an dòchas gum bi cothrom ann do neach-ealain Albannach a dhol gu Dùthaich nam Basgach sa Ghiblean. 

Tha na cothroman air Mhuinntireas airson ceanglaichean chultarach eadar choimhearsnachdan mhion-chànain a bhrosnachadh agus aire a thogail do #DSS2016.

Ma tha thu nad Cheòladair/Sgrìobhadair/Neach-ealain Lèirsinneach no Neach-ealain Dràma, nach cuir thu fios gu kl.smo@uhi.ac.uk

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578