Skip to content
SMO Generic Banner Image

Ministear na Gàidhlig air chuairt aig an t-Sabhal Mhòr



Chuir An t-Ollamh Boyd Robasdan fàilte chridheil air Alasdair Ailean BPA don t-Sabhal Mhòr o chionn ghoirid is e a’ tadhal air a’ Cholaiste airson a’ chiad uair on a chaidh a chur na dhreuchd mar Mhinistear airson na Gàidhlig.

Fhuair am Ministear cothrom coinneachadh ri luchd-stiùiridh na Colaiste agus cuairt a chur air cuid de ghoireasan agus phròiseactan na Colaiste, Tobar an Dualchais, Faclair na Gàidhlig agus a’ chompanaidh Cànan, a tha ruith na farpais FilmG, nam measg.Sheall e air taisbeanadh leis an neach-ealain Ross Henriksen, a tha air mhuinntireas aig an t-Sabhal air sgeama a tha ga ruith le Alba Chruthachail, agus choinnich e ri pàrantan agus clann òg a tha a’ dol gu Fàs Mòr, ionad cùram-cloinne Gàidhlig na sgìre. 

Thuirt An t-Oll. Robasdan:’Tha sinn fìor thoilichte fàilte a chur air a’ Mhinistear agus cothrom a thoirt dha eòlas a chur air an t-Sabhal agus coinneachadh ri luchd-obrach. Tha mòran rudan inntinneach a’ dol aig a’ Cholaiste an lùib a’ chànain agus a’ chultair a tha a’ togail ìomhaigh na Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd agus air feadh an t-saoghail.

‘Mar Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, bidh sinn ag obair gu dlùth leis a’ Mhinistear agus leis an Riaghaltas gus na h-amasan aca airson na Gàidhlig a chur an gnìomh agus airson an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig fàs aig gach ìre.’

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578