Na gaisgich ciùil a’ comharrachadh 40 bliadhna den t-Sabhal Mhòr
Bha Talla a’ Bhaile ann an Glaschu loma-làn oidhche Shathairne (19 Faoilleach) airson cuirm-ciùil shònraichte, SMO@40, far an tàinig iomadach neach-ciùil iomraiteach còmhla gus buaidh Sabhal Mòr Ostaig thar nam bliadhnaichean agus an dlùth cheangal a tha air a bhith aig a’ cholaiste ri ceòl sna 40 bliadhna bhon a chaidh a cur air chois a chomharrachadh.
Mar phàirt de Celtic Connections 2013, bha a’ chuirm-chiùil mar urram dhan cholaiste is an obair phrìseil is thorrach a tha i air a dhèanamh mar Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, agus gus comharrachadh mar a tha Sabhal Mòr air buaidh mhòr a thoirt air beatha chultarach na h-Alba thar nan dà fhichead bliadhna a dh’fhalbh.
Am measg an luchd-ciùil is seinneadairean a nochd air an àrd-ùrlar bha: an seinneadair Gàidhlig Julie Fowlis, an neach-piàna is sgrìobhadair-ciùil ainmeil à Èirinn Proifeasair Mícheál Ó Súilleabháin, am fìdhlear Albannach Alasdair Friseal, Christine Primsrose, Feargaidh Dòmhnallach, Mairead Stiùbhart, Seumas Greumach, Ailean Dòmhnallach, Decker Forrest, Màiri Anna NicUalraig, Dàimh, Ailean MacEanraig, Iain Dòmhnallach, Aonghas MacNeacail, Ingrid NicEanraig, Anndra Mac a’ Phearsain, Murchadh Camshron, Alasdair MacIlleBhàin, Eilidh NicPhàidein, Natalie Haas, Niall Keegan, Sandra Joyce agus Coinneach Edge.
A’ bruidhinn às dèidh na cuirm-ciùil, thuirt Cathraiche Sabhal Mòr Ostaig, an Siorraidh Ruaraidh Iain MacLeòid: “Tha oidhche sgoinneil air a bhith againn a-nochd ann an Glaschu. Bha fios againn gur ann mar sin a bhitheadh. ’S e a bha seo ach cruinneachadh mòr de chuid dhen luchd-ciùil as fheàrr a tha ann an Alba – agus cuid à thall-thairis – a bha airson tighinn còmhla airson meal-a-naidheachd a chur air Sabhal Mòr Ostaig. Bha ceangal air choreigin aig gach fear is tè dhiubh ris a’ Cholaiste agus tha a’ Cholaiste moiteil gu bheil an leithid de chàirdean aice. ’S e oidhche a bh’ ann airson aoibhneas agus taingealachd. Aoibhneas gu bheil a’ Cholaiste air a’ chlach-mhìle seo a ruigheachd ann an staid cho fallainn agus taingealachd airson saothair gach fear is tè a thug sinn gu far a bheil sinn an-diugh; mòran dhiubh a bha còmhla rinn a-nochd, mòran nach b’ urrainn a bhith agus cuid, gu mì-fhortanach, nach eil maireann. Às leth an t-Sabhail Mhòir, ar taing do-labhairt dhaibh uile.
“Leis na planaichean a th’ againn airson baile ùr a chruthachadh ri taobh na Colaiste agus obair na Colaiste a sgapadh agus a sgaoileadh gu àiteachan eile, tha sinn deiseil airson a dhol an sàs anns an ath dhà fhichead bliadhna. Tha Urras Leasachaidh an t-Sabhail a-nochd air iomairt a chur air chois airson maoin a thional airson na h-obrach sin. Tha a’ Ghàidhlig ann an Alba fhathast fada bho bhith tèarainte agus tha na dùbhlain a tha romhainn a cheart cho mòr, mura bheil nas motha, na bha iad bho chionn dà fhichead bliadhna. Mar sin, tha sinn an dòchas gum freagair daoine a’ ghairm-maoineachaidh seo gu fialaidh. Tha bliadhna de thachartasan sònraichte romhainn aig an t-Sabhal Mhòr. Ge brigh cò sibh no càite bheil sibh, thigibh thuca. Abair tòiseachadh a-nochd!”
Thuirt Donaidh Rothach, An Stiùiriche aig Sabhal Mòr Ostaig airson Leasachaidh, Tional-airgid agus nan Ealain agus a chuir an tachartas air adhart còmhla ri Stiùiriche Celtic Connections Dòmhnall Seathach: “Cha b’ urrainn dòigh na b’ fheàrr a bhith againn airson tòiseachadh a’ comharrachadh na bliadhna shònraichte seo ann an eachdraidh an t-Sabhail. Tha mar a tha cruinneachadh iongantach agus air leth tàlantach de luchd-ciùil is seinneadairean eadar-nàiseanta air tighinn còmhla gus urram a shealltainn dha SMO na chomharra air a’ bhàidh is an spèis a th’ aig daoine don cholaiste. Tha e cuideachd a’ sealltainn mar a tha àite sònraichte aig Sabhal Mòr Ostaig ann an saoghal cultarach na h-Alba.
“Tha e air leth iomchaidh sa bhliadhna seo far am bi sinn a’ dèanamh gàirdeachas ri eachraidh is obair na colaiste, gu bheil sinn a’ tòiseachadh le ceòl is òrain, dà shnàithlean bho ar dualchas a tha air a bhith cho cudromach ann a bhith giùlan ar freumhan cultarach bho ghinealach gu ginealach. Agus a cheart cho cudromach, tha iad air a bhith na dà shlighe air an tàinig iomadh neach, aig an robh Gàidhlig agus aig nach robh, gu bhith mothachadh dha beartas dualchas nan Gàidheal.”
Cuideachd mar phàirt den bhliadhna shònraichte seo, tha Urras Leasachaidh Sabhal Mòr Ostaig air Gairm-maoineachaidh a chur air bhonn gus an 40mh ceann-bliadhna a chomharrachadh. Bithear ag iarraidh air daoine bho air feadh an t-saoghail a tha bàidheil ris a’ Ghàidhlig is a cultar is a tha airson a glèidheadh do na ginealaichean ri teachd an cuid taice a chur ris a’ Ghairm-mhaoineachaidh seo a bheir cuideachadh do dh’obair dheatamach Sabhal Mòr Ostaig. Tha grunn dhòighean sam faod daoine is buidhnean tabhartas no taic a thoirt don cholaiste (a dh’fheumas, mar bhuidhinn-carthannais 47% den mhaoineachadh aice a lorg i fhèin gach bliadhna). Faodaidh daoine tabhartas a thoirt seachad mu choinneamh phròiseactan fa leth, no cosgaisean coitcheann na colaiste, agus gach seòrsa taice a’ cur ri amasan farsaing na colaiste. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun iomairt air làrach-lìn Sabhal Mòr Ostaig aig http://www.smo.uhi.ac.uk
Tha na dealbhan © Graeme MacDonald www.graemephotography.com/