Skip to content
SMO Generic Banner Image

OGE a’ foillseachadh plana Gàidhlig ùr



Agus Am Mòd Nàiseanta Rìoghail fo làn sheòl ann an Inbhir Nis, dh’fhoillsich Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean an dàrna Plana Gàidhlig aige air Diciadain (14 Dàmhair).

Tha an sgrìobhainn a’ cur an cèill ro-innleachd an oilthigh airson a bhith a’ leantainn air ag adhartachadh agus a’ leasachadh an fheuma a nithear den Ghàidhlig anns na cleachdaidhean, an curraicealam agus na conaltraidhean aige gu 2018. Am measg nam molaidhean tha a bhith a’ solar barrachd ghoireasan dà-chànanach, a’ brosnachadh an luchd-obrach a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig mar phàirt de na planaichean fèin-leasachaidh aca agus a’ cumail barrachd thachartasan sa Ghàidhlig.

Is e darna plana Gàidhlig an oilthigh a tha san sgrìobhainn seo. B’ e an t-oilthigh a’ chiad stèidheachd àrd-fhoghlaim an Alba a dh’fhoillsich plana Gàidhlig ann an 2010. Chuidich a’ chiad phlana leis an oilthigh a bhith a’ cleachdadh barrachd Gàidhlig sna seirbheisean a bheir e do dh’oileanaich, do luchd-obrach agus don mhòr-shluagh, agus a bhith a’ solar chothroman nas fharsainge airson ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig agus a’ Ghàidhlig fhèin ionnsachadh. Tha dioplòma for-cheum proifeiseanta ann am foghlam (bun-sgoile), a tha a’ gabhail a-steach roghainn a bhith a’ trèanadh mar thidsear bun-sgoile ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, am measg chùrsaichean Gàidhlig ùra an oilthigh.

Tha an luchd-obrach an dòchas gun cuidich am plana as ùire an t-oilthigh ann a bhith a’ togail air na choilion e. Anns an ro-innleachd ùir tha earrann shònraichte air na dh’fhiosraicheas oileanaich, a tha ag aithneachadh cho cudromach is a tha e seirbheisean a thoirt do dh’oileanaich sa Ghàidhlig. Tha na geallaidhean cuideachd a’ gabhail a-steach a bhith a’ cur ris an t-susbaint-lìn a tha ri faotainn do dh’oileanaich sa Ghàidhlig, a’ ruith thachartasan mu dhreuchdan Gàidhlig agus a’ solar dhòighean air fios air ais a thoirt sa Ghàidhlig.

Mhìnich An t-Àrd-Ollamh Clive Mulholland, prionnsapal agus iar-sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean cho cudromach ’s a tha am plana: Leis nach eil oilthigh ann air a shuidheachadh air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan ach sinn fhèin, tha sinn gu math mothachail air na dleastanasan a tha oirnn a bhith a’ cur ri inbhe na Gàidhlig agus ris an fheum a nithear dhith. Ged a tha sinn pròiseil às na rinn sinn gu ruige seo, tha sinn gun teagamh airson togail air na choilion sinn. Tha am plana ùr seo a’ sealltainn dealas leantainneach an oilthigh airson leasachadh agus adhartachadh na Gàidhlig.”

Thuirt Sgotaidh Mac Con Ulaidh, a riochdaich oileanaich ann an leasachadh a’ phlana, agus a tha a’ dèanamh MSc ann an cultar dùthchasach agus eachdraidh na Gàidhealtachd tron oilthigh: “Bidh am plana seo na dheagh chuideachadh do dh’oileanaich a tha ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh no a chleachdadh anns an obair làitheil aca. Tha oileanaich aig a bheil a’ Ghàidhlig no aig a bheil ùidh ann an Gàidhlig sgapte air feadh na Gàidhealtachd agus tha e gu math cudromach gu bheil an t-oilthigh ag aithneachadh an àite aige ann an ath-bheothachadh a’ chànain”

Thuirt Iain Aonghas MacAoidh, ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Tha àite cudromach aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann a bhith a’ brosnachadh ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig o latha gu latha. Tha sinn a’ cur fàilte air dàrna Plana Gàidhlig an oilthigh a tha a’ togail air soirbheachadh a’ chiad phlana aca agus a leanas air a bhith a’ cur ri ionnsachadh na Gàidhlig air feadh lìonra farsaing an oilthigh.”

Chaidh dàrna Plana Gàidhlig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a chur ri chèile a rèir nan slatan-tomhais reachdail ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 an co-chomhairle ris an t-sluagh. Chaidh aontachadh le buidheann leasachaidh nàiseanta na Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig, san t-Sultain. Faodar am plana fhaicinn agus a luchdachadh a-nuas aig www.uhi.ac.uk/planagaidhlig

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578