Oifigear Gàidhlig Mheadhanan is Thachartasan Cruthachail – Taigh Chearsabhagh
Tha Taigh Chearsabhagh ag iarraidh Oifigear Gàidhlig Mheadhanan is Thachartasan Cruthachail fhastadh los gum bi ar conaltraidhean uile anns a’ Ghàidhlig, agus airson sreathan thachartasan Gàidhlig a chur air dòigh le beum sònraichte air ceòl agus litreachas.
Bidh an dreuchd seo làn-ùine agus bidh an tuarastal air sgèile tuarastail eadar £20,000-23,000, a rèir meud ro-eòlais.
An lùib na dreuchd feumar ar conaltraidhean is ar postaichean Gàidhlig air meadhanan eug-samhail a stiùireadh, agus obair còmhla ris an oifigear-fhoghlaim agus -fhor-ruigheachd againn gus dràma is sgrìobhadh Gàidhlig a leasachadh agus buidheann-sgrìobhaidh Ghàidhlig a stèidheachadh do dh’inbhich, le ion-chur bhon bhuidhinn-sgrìobhaidh a tha againn an-dràsta.
Bidh na h-amasan is na builean mar a leanas –
- Trì postaichean-bloga air na h-ealain Ghàidhlig san t-seachdain, (le taic bhon sgioba)
- Postaichean-Facebook làitheil air na h-ealain Ghàidhlig
- Buidheann litreachais Ghàidhlig a chruinnicheas gach dàrnacha mìos
- Dà phrògram de bhùithtean-obrach anns na bun-sgoiltean air sgrìobhadh (dràma) sa Ghàidhlig
- Bùth-obrach dràma gach mìos san àrd-sgoil, le taic bhon phròiseact ‘Àite Cruthachail’ a tha le Taigh Chearsabhagh
- Co-obrachadh le FilmUibhist, roinn-fhilme Taigh Chearsabhagh, agus leis an Neach-trèanaidh Ghàidhlig a tha againn, gus aon riochdachadh fhilmeadh
- Taic a chumail ri Manaidsear Tachartasan a’ Gheamhraidh gus prògram bliadhnail Taigh-Chiùil a phlanachadh agus fhoillseachadh
- Co-obrachadh le com-pàirtichean gus Fèill-Leabhraichean Uibhist (Às an Tobar/Wellspring) a chur air dòigh a-rithist ann an geamhradh 2019
Tha an dreuchd-sa mar phàirt den dòigh againn air amasan is builean a’ Phlana Ghàidhlig againn a choileanadh, nam measg sin tha;
- Faicsinneachd na Gàidhlig a mheudachadh tro na seirbhisean againn
- Cunbhalachd is faotainneachd na Gàidhlig a leasachadh
- Cleachdadh, ionnsachadh, agus aithne na Gàidhlig a leudachadh san àite-obrach
- Inbhe na Gàidhlig àrdachadh
- Ionnsachadh na Gàidhlig a bhrosnachadh
- Leudachadh cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh
- Gàidhlig a chur aig cridhe a h-uile conaltraidh againn
- Pròiseachtan cruthachail fhosgladh anns a’ Ghàidhlig
- Cosnadh a sholarachadh ann an dreuchd le beum air a’ Ghàidhlig
Cuiribh cunntas-beatha agus litir-chòmhdaich gu norman@taigh-chearsabhagh.org ’S e an 14mh den Mhàrt aig 5f as ceann-ùine do thagraidhean.