Duais Oileanach na Bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig OGE
‘S e oileanach a bha roimhe na cheannard-sgoile airson iomadach bliadhna agus a tha air a’ Ghàidhlig ionnsachadh a tha air ainmeachadh mar Oileanach na Bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig OGE.
Stèidhichte san Eilean Sgitheanach ach à Dùn Phrìs bho thùs, tha Iain Howieson air a bhith ag ionnsachadh agus a’ cur taic ris a’ Ghàidhlig airson grunn bhliadhnaichean, agus leasaich e a’ chuid sgilean cànain tro bhith a’ frithealadh sgoil-shamhraidh an t-Sabhail. Bha e gu mòr an sàs ann a bhith a’ leasachadh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig mar cheannard Àrd-sgoil Phort Rìgh eadar 1998 is 2007 agus thòisich e air chùrsa làn-ùine aig SMO ann an 2013. Bhon uair sin, tha e air crìoch a chur air an treas bliadhna de cheum BA (le urram) Gàidhlig is Cultar agus e a’ dol a-steach dhan bhliadhna mu dheireadh aige san t-Sultain. Mar phàirt den bhliadhna urraim, tha oileanaich air an Sgeama Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte a’ faighinn a’ chothroim a dhol air iomlaid a dh’Èirinn no a Chanada agus tha Iain a’ gabhail a’ chothroim a dhol a-null a dh’Alba Nuadh far an cuir e seachad ceithir mìosan ann an Oilthigh Cheap Bhreatainn.
‘S e seinneadair Gàidhlig a th’ ann an Iain le ùidh mhòr aige ann an òrain Ghàidhlig. Chuir e air chois buidheann seinn aig a’ Cholaiste an-uiridh far an robh cothrom aig oileanaich tighinn còmhla gach seachdain airson òrain Ghàidhlig ionnsachadh agus a sheinn. Mar bhall de Chòisir Ghàidhlig an t-Sratha agus a’ seinn leis fhèin, bidh e tric a’ gabhail pàirt sa Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Agus ann an 2014, chaidh duais Neach Ionnsachaidh Gàidhlig na Bliadhna a thoirt dha aig a’ Mhòd an Inbhir Nis – duais a tha ag aithneachadh neach a th’ air oidhirp mhòr a dhèanamh gus fileantachd a ruighinn.
Mar oileanach, tha e air fìor àrd ìre fhaighinn sna modalan aige gu lèir, a’ sealltainn cho dìcheallach ‘s a tha e air a bhith na chuid obrach. A bharrachd air a shoirbheas acadaimigeach, tha Iain air pàirt mhòr a ghabhail ann am beatha na Colaiste agus nan oileanach, a’ cuideachadh luchd-ionnsachaidh eile len comasan labhairt agus a’ dol an sàs ann an tachartasan acadaimigeach agus sòisealta na Colaiste. Tha e air a bhith taiceil taobh a-muigh agus taobh a-staigh na Colaiste agus e na shàr eisimpleir bhrosnachail do luchd-ionnsachaidh ann an iomadh ceàrnaidh.
A’ bruidhinn mun duais, thuirt Iain Howieson, ‘Tha mi glè thoilichte gun do choisinn mi an duais seo.’S e urram mòr a th’ ann. Tha a h-uile duine aig SMO air a bhith cho taiceil dhomh – òraidichean, luchd-obrach eile agus oileanaich – agus bu chaomh leam taing a thoirt dhaibh uile. Le cuideachadh mar sin, tha min dòchas gum bi mo chuid Gàidhlig a’ dol air adhart gu bràth tuilleadh!’