SMO Generic Banner Image

Oileanaich SMO a’ tilleadh don eilean’son sreath ùr de Ghleusta



Chruinnich oileanaich a b’ àbhaist agus a tha fhathast aig Sabhal Mòr Ostaig OGE, Ionad Nàiseanta airson Cànan agus Cultar na Gàidhlig,’˜san Eilean Sgitheanach o chionn ghoirid airson filmeadh an dàrna sreath den phrògram chloinne, Gleusta.

Bha measgachadh mòr de dh’ oileanaich anns an sgioba riochdachaidh, bho luchd-camara gu preseantairean, agus a’ chuid as motha dhiubh sin a bha air Diplòma anns na Meadhanan Gàidhlig a dhèanamh aig a’ Cholaiste.

Chaidh Gleusta, a tha air a riochdachadh le Sealladh TV, a chlàradh ann an Stiùidio Fàs, Sabhal Mòr Ostaig.

Oileanaich SMO a’ tilleadh don eilean’son sreath ùr de Ghleusta
© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578