Skip to content
SMO Generic Banner Image

Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean ga stèidheachadh



Chuir Sabhal Mòr Ostaig UHI fàilte air an naidheachd gum biodh Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (OGE) ga stèidheachadh mar an oilthigh as ùire an Alba.

Chaidh ainmeachadh leis an Ollamh Mata MacÌomhair CBE, Cathraiche Cùirt OGE agus le Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam is Ionnsachadh Fad-beatha, Mìcheal Ruiseal BPA, an dèidh dearbhadh bhon Chomhairle Dhìomhair.

Tha OGE air a dhèanamh an àirde de thrì colaistean deug, ionadan speisealaichte agus ionadan rannsachaidh a tha sgapte air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean.  Tha Sabhal Mòr Ostaig, a tha suidhichte san Eilean Sgitheanach, a’ tairgsinn foghlam àrd-ìre uile tro mheadhan na Gàidhlig.

Thuirt Cathraiche Bòrd Stiùiridh Sabhal Mòr Ostaig, Ruairidh Iain MacLeòid:”™S e latha eachdraidheil a tha seo dhan Ghàidhealtachd agus dha na h-Eileanan; crìoch strì a tha air a bhith an dà chuid fada agus cruaidh agus anns a bheil iomadach neach air a bhith an sàs.  Tha e iomchaidh gun dèanainn-sa, gu h-àraidh, luaidh air a’ phàirt a bha aig an fhear a bha romham mar Chathraiche air an t-Sabhal Mhòr, an Dr Fearchar Mac an Tòisich nach maireann, anns an t-strì a bha sin.  Bha Fearchar an sàs anns an iomairt oilthigh fhaotainn dhan Ghàidhealtachd bho na Seasgadan, nuair a chaidh Sruighlea a thaghadh mar an t-àite anns am bu chòir an ath oilthigh ann an Alba a bhith.  Bhiodh Fearchar air a bhith moiteil an latha seo fhaicinn agus tha e an urra rinne a tha a’ tighinn às a dhèidh dèanamh cinnteach gum bi an oilthigh ùr a rèir a lèirsinn-sa.

‘Bu mhath leam cuideachd meal-an-naidheachd a chur air Bòrd Riaghlaidh an Oilthigh, fon Ollamh Mata MacÌomhair mar Chathraiche, agus gu seachd àraidh, air Seumas Friseal, Prionnsapal an Oilthigh, agus an sgioba aige, a tha air a’ cheann-uidhe eachdraidheil a tha seo a thoirt a mach.

‘Tha sinne aig an t-Sabhal Mhòr a’ dèanamh fiughar ri ar cuid fhèin a dhèanamh ann a bhith a cruthachadh ionad foghlaim aig an ìre as àirde agus is fheàrr agus a bhios airidh air an ainm Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.’

Thuirt an t-Oll Boyd Robasdan, Prionnsapal na Colaiste:’Bha Sabhal Mòr Ostaig aig tùs na h-iomairt airson Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean a stèidheachadh agus ‘˜s e adhbhar riarachais is toileachais a th’ ann gu bheilear a-nis air an ceann-uidhe sin a ruighinn.

‘Tha Sabhal Mòr air aon de chòig cholaistean taobh a-staigh OGE a tha stèidhichte air eilean, agus sin aon dhe na nithean a tha a’ comharrachadh Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean a-mach bho oilthighean eile ann am Breatainn. ‘˜S e nì eile a tha a’ dèanamh OGE sònraichte gu bheil Sabhal Mòr Ostaig na Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, agus gu bheil e buileach àraidh aig ìre àrd-fhoghlaim seach gu bheilear a’ liubhart gach cùrsa tro mheadhan na Gàidhlig agus gu bheil a’ Cholaiste air a ruith tron Ghàidhlig.’

B’ e an Dr Donnie Rothach a’ chiad Reachdadair aig OGE, nuair a chaidh a thaghadh ann an 1998, agus chuir e fàilte air an naidheachd an-diugh:”™S fhada on bu mhiann le muinntir na Gàidhealtachd an oilthigh aca fhèin a bhith aca agus tha e na thoileachas mòr dhomh gu bheilear air a’ chlach-mhìle chudromach seo a ruighinn.  Tha e dha-rìribh ceart gum bi an aon chothrom aig òigridh sa Ghàidhealtachd leantainn orra gu foghlam àrd-ìre agus gum b’ urrainn dhaibh fuireach anns na coimhearsnachdan far an do thogadh iad agus cur ri beatha na coimhearsnachd.

‘Tha cothrom air leth aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, leis an structair sònraichte a th’ air, sàr ionadan speisealta a chruthachadh agus cliù a chosnadh gu h-eadar-nàiseanta mar oilthigh a tha a’ taisbeanadh beartas na sgìre, a’ chultair, an dualchais agus na h-àrainneachd.’

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578