
Òraid an t-Sabhail 2012
Thuirt Stiùiriche BBC Alba Coinneach MacGuaire gum bi an dleastanas a bhios air a’ BhBC naidheachdas ùghdarrasail,
neo-eisimeileach agus cothromach a lìbhrigeadh a’ sìor fhàs nas cudromaiche ann am margaidh dhùmhail nam meadhanan.
A’ toirt seachad Òraid Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach Dimàirt (11 Sultain), thuirt stiùiriche BBC Alba gun robh na meadhanan didseatach a’ sìor fhàs nas iom-fhillte.
Ach tha an dearbh iom-fhillteachd sin ga dhèanamh fìor dheatamach gu bheil craoladair seirbheis phoblaich air fhàgail san gabhar earbsa a chur agus a dh’aithriseas na naidheachdan gu neo-eisimeileach agus gun leth-bhreith, thuirt MacGuaire.
“Faodaidh e a bhith cho doirbh an saoghal didseatach a thuigsinn,’s rian a chur air a iom-fhillteachd charraidich, agus a tha e do shlighe a dhèanamh troimhe gu sàbhailte’s gu h-earbsach.’S e saoghal a th’ ann a tha an eisimeil mean-leasachadh agus atharrachaidhean gun sgur.
“Dhòmhsa, mar chraoladair, tha sin ga dhèanamh nas cudromaiche buileach nach eil mean-leasachadh mar sin a’ tachairt an lùib call a tha neo-riatanach agus nach urrainn dhuinn gabhail ris – cha bu chòir do dh’adhartas a bhith ciallachadh gu bheil na luachan agus na prionnsapalan, a tha air a bhith nan seirbheisich dhuinn o fada is cian, a’ dol à sealladh oirnn ,” thuirt e ris an luchd-èisteachd.
Ach uaireannan tha an cus fiosrachaidh a tha ri fhaotainn air an Lìon a’ gabhail a-steach nithean mearachdach – tha Facebook fhèin, mar eisimpleir, a’ dèanamh a-mach gum faodadh mu 85 millean làrach-lìn a bhith meallta.
“‘S ann air an adhbhar sin, os cionn dad eile, a tha mi a’ cumail a-mach gu bheil am feum a th’ againn air stuthan anns am faod sinn earbsa a chur, gu h-àraidh naidheachdas ùghdarrasail, cothromach agus neo-eisimeileach san gabh creideas a bhith againn, a cheart cho bunaiteach’s a bha e riamh.
“Tha uallach soilleir air craoladair seirbheis phoblaich a bhith a’ toirt a guth fhèin do gach diofar choimhearsnachd agus bu chòir gum biodh ioma-ghnèitheachd a’ sruthadh à compàirteachas a tha ag èirigh beag air bheag ann an comann-sòisealta deamocratach sam bith. Ach’s ann a-mhàin aig craoladairean a tha air am maoineachadh gu poblach a tha an togradh sin gus leithid de shealladh adhartach a lìbhrigeadh.
“Tha an t-adhbhar a tha sinn ann aig cridhe na tha a’ dèanamh seirbheis craolaidh phoblaich na nì sònraichte. Gheibhear fiosrachadh, foghlam agus dibhearsain bhuainn – ach’s e ar rùn barrachd luach a thoirt do bheatha an luchd-dùthcha uile air feadh gach nàisein.’S e sin ar prìomh-adhbhar an coimeas ri feadhainn eile a tha, gu ceart, a’ dèanamh prothaid.’S i ar dreuchd, ar dleastanas, a bhith a’ cumail suas, a’ leasachadh agus a’ neartachadh ar dàimh rir luchd-cleachdaidh, dàimh a tha stèidhichte air onair is treibhdhireas.
“An nì as cudromaiche, tha a bhith a’ cur dìon air ar neo-eisimeileachd agus cothromachd, an aghaidh gnothach poilitigeach, malairteach, roinneil no buidhne strì, bunaiteach don dàimh eadar craoladair seirbheis phoblaich agus a luchd-cleachdaidh.
“Sin carson a tha mi a’ creidsinn gu bheil a’ Chìs Ceada a’ ciallachadh fada barrachd na pàigheadh poblach airson seirbheis no susbaint.’S e th’ ann ach an cunnradh a tha ann eadar craoladair agus luchd-cleachdaidh. Na iomlaid airson na cìs bhliadhnail – an-dràsta £145.50 – gu dearbh gheibh sibh seirbheisean rèidio agus TBh a’ BhBC air fad, air-loidhne agus iPlayer, OS na Alba., Clann ann an Èis agus tòrr mòr a bharrachd. Ach gu ro chudromach,’s e gheibh sibh craoladair anns am faod earbsa a bhith agaibh anns na chanas e.’S e gheibh sibh ach dàimh stèidhichte air earbsa,” cho-dhùin e.
Thuirt an-Ollamh Boyd Robasdan, Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig:
“Tha am BBC air a bhith na prìomh mheadhan ann an cumail suas agus ath-bheothachadh na Gàidhlig agus a cultar agus tha fèill mhòr air seirbheisean rèidio, telebhisein agus air-loidhne a’ Chaidreachais agus daoine glè thaingeil tarsainn Gàidhealtachd a tha a’ fàs, barrachd is barrachd, gu bhith eadar-nàiseanta. Air feadh an t-saoghail, tha daoine a’ toirt urram dhan BhBC agus a’ cur luach oirre mar chraoladair agus tha e deatamach gum bi a dreuchd mar sheirbheis phoblaich air a dìon’s air a’ cur am muthad ann an saoghal cultarach, teicneòlach agus mheadhanan a tha sìor atharrachadh. Tha e air toileachas a thoirt do Shabhal Mòr Ostaig ceangal fada agus buannachdail a bhith aca le BBC Alba agus tha sinn a’ cumail oirnn a’ toirt seachad trèanadh sna meadhanan, rannsachadh luchd-cleachdaidh agus a’ dèanamh phrògraman do BhBC Alba agus Radio nan Gàidheal.”
Chaidh a’ chiad Òraid Sabhal Mòr Ostaig a thoirt seachad ann an 1991 leis an ùghdar agus eachdraiche iomraiteach, an Dr Seumas Mac an t-Sealgair agus tha Coinneach MacGuaire a’ dol ri sreath fhada de chompàirtichean cliùiteach a ghabh pàirt san t-sreath òraidean chudromach seo.
Anns an liosta dhrùidhtich de òraidichean ainmeil, air an tarraing à roinn fharsaing agus eadar-dhealaichte de bheatha phoblaich na h-Alba agus gu h-eadar-nàiseanta, gheibhear cuideachd: An Ceann-suidhe Máire Mhic Róibín, Ceann-suidhe na h-Èireann; Dòmhnall Mac an Deòir BPA, Ciad Mhinistear na h-Alba aig an àm; Anndra Dixon, Àrd-cheannard Alba Chruthachail; agus Alex Salmond BPA, Ciad Mhinistear na h-Alba.
Chaidh Coinneach MacGuaire a dhèanamh na Stiùiriche air BBC Alba sa Ghiblean 2009. Bha e air a bhith na Neach-riaghlaidh bhon Ghiblean 2004 agus Ceannard Phrògraman bho 2000 nuair a bha e os cionn a bhith dèanamh agus a’ barrantachadh gach nì a bha a’ dol a-mach bhon BhBC ann an Alba air telebhisean, rèidio agus air-loidhne.
Air tùs à Muile agus na neach-labhairt Gàidhlig,’s e Coinneach an Cathraiche aig Bòrd Nàiseanta Alba Skillset agus Iar-Cheann-suidhe Comann Rìoghail an Telebhisein. Tha e cuideachd na bhall air bòrd Institiud Naidheachdas Eadar-nàiseanta, buidheann chruinneil a tha ag amas air saorsa nam pàipearan-naidheachd a dhìon.