Skip to content
SMO Generic Banner Image

Òraid Chuimhneachaidh Shir Iain Noble



’S e An t-Oll  Ùisdean MacIllInnein a bhios a’ toirt seachad an Òraid Chuimhneachaidh air Sir Iain Noble am-bliadhna, agus e gu bhith bruidhinn air a’ chuspair, “Inntinneach”, facal a chluinnte aig Sir Iain gu tric.

Chaidh an Òraid a stèidheachadh dà bhliadhna air ais le Sabhal Mòr Ostaig OGE agus Urras an Eilein, dà bhuidhinn ris an robh dlùth cheangal aig Sir Iain fad iomadh bliadhna, mar chuimhneachan air an obair mhòr a rinn Sir Iain don cholaiste, don sgìre agus don Ghàidhlig.

B’ ann air sgàth lèirsinn agus oidhirpean Shir Iain a chaidh Sabhal Mòr Ostaig a chur air bhonn ann an 1973.  Tha e nis na cholaiste Ghàidhlig a tha a’ tabhann ghrunn chùrsaichean aig ìre fo-cheum is for-cheum tro mheadhan a’ chànain. Choisinn Sir Iain cliù dha fhèin na bheatha mar bhancair, neach-gnothaich agus neach-gnìomhachais, ach air a’ Ghàidhealtachd ’s dòcha gur e as motha a bhios cuimhne aig daoine air, an obair a rinn e a thaobh na Gàidhlig.

Thuirt Iain T. MacLeòid, Leas-Phrionnsapal Sabhal Mòr Ostaig: “Tha an tachartas bliadhnail seo air leth cudromach ann a bhith a’ cuimhneachadh agus a’ comharrachadh dìleab Sir Iain Noble, nan leasachaidhean soirbheachail a stèidhich e agus nan iomairtean cudromach anns an robh e an-sàs, gu h-àraid às leth na Gàidhlig.  Tha sinn air leth toilichte gur e an Dr Ùisdean MacIllinnein, craoladair, ùghdar agus neach-acadaimigeach, a tha gu mòr an sàs ann an leasachaidhean co-cheangailte ri cànan, cultar agus spòrs aig iomadh ìre, a bhios a’ toirt seachad na h-òraid am-bliadhna.  Bidh sinn a’ coimhead air adhart ri òraid sgoileireil, cuimhneachain phearsanta agus oidhche le deagh cheòl agus àbhachdais cuideachd.”

Bha Sir Iain cuideachd gu mòr an sàs ann an Urras an Eilein thar nam bliadhnaichean, urras a stèidhich e fhèin a tha a’ cur air adhart phròiseactan cultarail is foghlaim aig a bheil ceangal ris a’ Ghàidhlig no ris an Eilean Sgitheanach.

Thuirt Murchadh Peutan, stiùiriche phròiseactan Urras an Eilein: “Tha sinn air leth fortanach an sàr òraidiche Ùisdean MacIllinnein fhaighinn am-bliadhna, agus tha sinn cinnteach gum bi oidhche bheothail, inntinneach, bhrosnachail againn a chòrdas ri gach neach.”

Chaidh An t-Oll Ùisdean MacIllInnein a thogail ann an Loch Abar  agus ann an 1978 ghabh e a’ chiad cheum gu obair ann an saoghal na Gàidhlig nuair a thòisich e a’ teagasg ann an Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn ann an Inbhir Nis.  Bhon uairsin, a bharrachd air a bhith na riochdaire naidheachd ann an iomadach cuspair, tha Ùisdean air a bhith an sàs ann am measgachadh de bhuidhnean Gàidhlig a leithid Comunn na Gàidhlig,  Comunn Gàidhlig Inbhir Nis agus Urras Shomhairle. Tha Ùisdean thar a bheatha air a bhith an sàs gu mòr ann an saoghal iomain bho bhith a cur air dòigh turas iomain gu Alba Nuadh, a’ sgrìobhadh mu eachdraidh a’ gheama is a bhith air a’ bhòrd airson a’ Chomainn Iomain.

A’ coimhead air adhart ris an òraid, thuirt An t-Oll  Ùisdean MacIllInnein “Chan eil cus dhaoine a bha ann an còmhradh ri Sir Iain Noble thairis air na bliadhnaichean nach cuala am facal “inntinneach” aige uair no uaireigin.  Tha e na urram agus na thoileachas dhomh cuireadh fhaighinn a lìbhrigeadh òraid 2014.   Tha sinn a’ tighinn beò ann an saoghal gu math inntinneach san latha th’ann agus an saoghal na Gàidhlig s dòcha nach eil mòran ann a tha nas inntinniche na cùisean a dh’ fhuasgail an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich. Tha mi a’ dol a mheòrachadh air cuid de na rudan a thug buaidh orm fhèin nam shaoghal – cò mi agus carson –  cuid de na daoine ris an do choinnich mi tro SMO agus a’ togail ceist no dha a tha mi an dòchas a bhios, uill, inntinneach.”

Thèid an òraid a lìbhrigeadh air Diardaoin 30mh an Dàmhair aig 7.30f ann an Talla Dhonaidh Chaimbeil aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha fàilte ron a h-uile duine agus tha e an-asgaidh. Thèid an òraid a thoirt seachad ann an Gàidhlig, ach bidh innealan eadar-theangachaidh ann do dhaoine aig nach eil Gàidhlig. Bidh ceòl ann cuideachd agus aoigheachd às dèidh làimh.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578