Skip to content
SMO Generic Banner Image

Òraid Chuimhneachaidh Shir Iain Noble & Neach Òg na Bliadhna



Chaidh an t-siathamh Òraid Chuimhneachaidh air Sir Iain Nobail a thoirt seachad leis a’ Mhorair Mhinginis, Ruaraidh Iain MacLeòid, aig Sabhal Mòr Ostaig air Dimàirt 14 Samhain agus b’ e an cuspair a bh’ aige, “Smuaintean air Eachdraidh Lagh an Fhearainn”.

Chaidh an òraid a stèidheachadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Urras an Eilein, dà bhuidheann aig an robh dlùth cheangal le Sir Iain fad iomadh bliadhna, mar chuimhneachan air an obair mhòr a rinn e don Cholaiste, don sgìre agus don Ghàidhlig.

Thuirt Prionnsapal na Colaiste, an t-Oll Boyd Robasdan: “Bha an òraid aig Ruaraidh Iain, mar a bhite an dùil, brìghmhòr is breithneachail.  Mhìnich e gu soilleir an liuthad tionndadh a tha air tighinn air lagh an fhearainn thar còrr is ceud bliadhna agus thog e ceistean bunaideach mun cheangal a tha aig Gàidheil ris an fhearann is ri croitearachd.”

As dèidh dha an òraid a lìbhrigeadh, thuirt a’ Mhorair Mhinginis, Ruaraidh Iain MacLeòid:  “Bha e na urram dhòmhsa gun deach iarraidh orm Òraid Chuimhneachaidh Iain a thoirt seachad.  Seach gur e uachdaran air oighreachd chroitearachd a bh’ ann an Iain, shaoil mi gum biodh e iomchaidh bruidhinn mu dheidhinn eachdraidh lagh an fhearainn, gu h-àraidh aig àm nuair a thathas a’ beachdachadh air atharraichean eile a dhèanamh anns an lagh sin.  Mar a thuirt mi anns an òraid, nach bochd nach urrainn fios a bhith againn dè na h-atharraichean a bhiodh Iain fhèin a’ moladh.  Chan eil teagamh nach bitheadh a bheachdan inntinneach fhèin aige; sin aon rud cinnteach!”

A bharrachd air an òraid, chaidh duais shònraichte a thoirt seachad air an oidhche le Urras an Eilein airson “Neach Òg na Bliadhna” agus b’ e Màrtainn MacLeòir às an Àird, san Eilean Sgitheanach, a thog an duais.  ‘S e Manaidsear nan Cùrsaichean Goirid aig a’ Cholaiste a th’ ann agus b’ e seo an dàrna bliadhna a shoirbhich le neach-obrach an t-Sabhail.  

As dèidh dha an duais fhaighinn, thuirt Màrtainn:  “Tha e cho math gu bheil Urras an Eilein a’ cumail taic ri daoine òga às an Eilean aig a bheil ùidh agus ag obair sa Ghàidhlig agus tha mi an dòchas, sna bliadhnaichean a tha ri thighinn, gun toir seo beagan misneachd dhan òigridh gus cumail orra leis a’ chànain.   ’S e tlachd mhòr a th’ ann gun deach m’ ainm a chur air adhart airson a leithid agus cha robh mi fhèin idir an dùil ris a seo.”

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578