Skip to content
SMO Generic Banner Image

Òraidiche bho SMO a’ dèanamh coimeas eadar coimhearsnachdan is àiteachas ann an Alba is Nirribhidh



Thèid òraid a lìbhrigeadh air 1 Samhain ann am Port Rìgh far am bithear a’ dèanamh coimeas eadar dòighean beatha agus obair àiteachais ann an Tròndairnis san Eilean Sgitheanach agus air taobh siar Nirribhidh.

Rinn Gabhan Mac a’ Phearsain, a tha na òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig, tràchdas MPhil air a’ chuspair ‘Crodh san fhuil – dè tha cumail croitearan ag obrachadh an croitean?’. Bidh an òraid aige, a tha mar phàirt de shreath de dh’òraidean a tha Sabhal Mòr Ostaig air a chur air dòigh gus 40mh ceann-bliadhna na colaiste a chomharrachadh, a’ togail air toraidhean a obair sgrùdaidh far an do rinn e coimeas eadar sgìre anns gach dùthaich a tha coltach a thaobh cruth-tìre, aimsir, meudachd nan croitean/tuathanasan agus àireamh an t-sluaigh, ach far nach ionnan an cleachdadh fearainn.

Am measg nan ceistean a bha Gabhan a’ togail na obair bha: dè tha cumail croitearan ann an Tròndairnis ag obrachadh an croitean, an e na h-aon adhbharan a tha cumail tuathanaich an taobh an iar Nirribhidh a’ dol? Choimhead Gabhan gu sònraichte air co-obrachadh, an dà chuid foirmeil agus mi-fhoirmeil, a tha na neart a dh’fhaodadh  a bhith na bhunait airson taic-airgid.

A’ bruidhinn air an òraid, thuirt Gabhan: “Tha mi fhìn an sàs ann an obair chroit agus mar sin bha e na thlachd a bhith bruidhinn ri croitearan san Eilean Sgitheanach agus tuathanaich an taobh an Iar Nirribhidh mu obair àiteachais agus an cuid smuaintean airson an àm ri teachd.”

Thuirt Gillian Rothach, Àrd-òraidiche agus Iar-Stiùiriche an Fhoghlaim aig SMO a bha na stiùiriche air an tràchdas aig Gabhan: “Tha Sabhal Mòr uasal à Gabhan is an obair rannsachaidh fìor mhath a rinn e ann an com-pàirteachas le muinntir Thròndairnis. Tha a’ Cholaiste air leth fortanach gu bheil càirdeas cho dlùth is taiceil ann eadar daoine ann an Tròndairnis agus a’ Cholaiste, agus tha sinn glè thaingeil airson an taic a thug iad do Ghabhan. Tha sinn an dòchas, leis an òraid seo, gun urrainn dhuinn rudeigin inntinneach agus feumail a thoirt air ais dhan choimhearsnachd a chuidich Gabhan. Tha an rannsachadh a’ sealltainn cho prìseil is cudromach ’s a tha croitearachd is croitearan ann an dualchas agus tuathanachas san latha an-diugh, agus le bhith a’ dèanamh coimeas eadar àiteachas ann an Tròndairnis is Nirribhidh, thèid deagh dheasbad a thogail air nas urrainn dhuinn ionnsachadh bho chèile a bhios gu maith croitearachd sna sgìrean againn sna bliadhnaichean ri teachd.”

Chaidh an òraid a chur air dòigh ann an co-bhuinn ri Lasair – Iomairt Ghàidhlig an Eilein Sgitheanaich.

Thuirt Sìne Ghilleasbuig an t-Oifigear Leasachaidh airson Lasair: “Tha buaidh aig croitearachd oirnn uile san Eilean Sgitheanach, co-dhiù a bheil sinn nar chroitearan gus nach eil. ’S e obair luachmhor a rinn Gabhan air a’ chuspair cuideachd. Chan e a-mhàin gu bheil e na chroitear san eilean, ach tha còrr is deich air fhichead bliadhna bho thug e mach obair na dhuine òg air tuathanas ann an Nirribhidh. Tha e na adhbhar toileachais gu bheil òraidichean an t-Sabhail air a bhith tadhal air coimhearsnachdan an Eilein Sgitheanaich is Ratharsair am bliadhna, a’ tathairnn òraidean air cuspairean inntinneach. Duine sam bith a thèid dhan òraid seo, gheibhear toradh obair rannsachaidh earbsach, togail mhisneachd agus cothrom srùbag a ghabhail còmhla.”

Thèid an òraid a lìbhrigeadh aig 7.30f san t-Seòmar Trèanaidh aig ionad Àrois ann am Port Rìgh. Thèid an òraid a chumail ann an Gàidhlig agus bidh eadar-theangachadh Beurla ann. Tha e an asgaidh agus tha fàilte air a h-uile duine.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578