Fosgladh oifigeil Ionad Iain Nobail agus Òraid Bhliadhnail Sabhal Mòr Ostaig le Nicola Sturgeon, BPA, Ciad Mhinistear na h-Alba
Chaidh a’ chiad togalach an lùib Leasachadh na Cille Bige fhosgladh gu h-oifigeil an-diugh, (Diciadain), le Ciad Mhinistear na dùthcha, Nicola Sturgeon BPA. ‘S e “Ionad Iain Nobail” a thugadh air an togalach ùr aig Sabhal Mòr Ostaig OGE, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, air ainmeachadh air Sir Iain Nobail, nach maireann, fear a bha gu mòr an sàs ann a bhith stèidheachadh na Colaiste o chionn còrr is 40 bliadhna.
Thòisich obair air Ìre 1 den phròiseact mhòr, ùr,’Leasachadh Baile na Cille Bige’, a tha air a stiùireadh le Sabhal Mòr Ostaig, ann an Slèite san Eilean Sgitheanach sa Ghearran 2014. Cho math ri seirbheisean is bun-structar, ris an tèid eileamaidean eile de Mhòr-phlana Baile na Cille Bige a chur, chaidh Ionad Iain Nobail a thogail airson Obair Sgoilearachd, Rannsachaidh, Aiseag Eòlais agus Tionnsgalachd. Tha pàirt den ionad ùr seo cuideachd na dhachaigh do luchd-obrach na Colaiste a b’ àbhaist a bhith ag obair san t-seann’shabhal’ aig Àrainn Ostaig.
Thuirtam Morair Minginis , Cathraiche a’ Bhùird Stiùiridh aig an t-Sabhal Mhòr: “Tha mi airson meal-a-naidheachd a chur air a h-uile duine a thug sinn gu far am bheil sinn an-diugh. Tha iad ro lìonmhor airson an ainmeachadh ach bhiodh e iomchaidh taing a thoirt dhan riaghaltas airson an taic aig a h-uile ìre dhen iomairt. Tha an taic a tha sin air a comharrachadh leis a’ Chiad Mhinistear a bhith seo an-diugh airson Ionad Iain Nobail ainmeachadh agus fhosgladh. Tha sinn gu mòr an eisimeil gach buidheann a chuidich le maoineachadh cuideachd. ‘S e là mòr eachdraidheil a tha seo dhan an t-Sabhal Mhòr, do Shlèite agus dhan an Eilean Sgitheanach: a’ chiad cheum ann an leasachadh a mhaireas suas ri fichead bliadhna.”
Fhuaireas taic-airgid le cosgaisean £6.2m airson Ìre 1 den leasachadh aig a’ Chill Bhig bho Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba, Riaghaltas na h-Alba, Mhaoin Leasachaidh Roinnean na h-Eòrpa (Convergence) aig an Aonadh Eòrpach, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Chomhairle na Gàidhealtachd agus Urras Leasachaidh Sabhal Mòr Ostaig, a tha a’ gabhail a-steach Maoin na Gàidhealtachd a chleachd a bhith ann agus Urras na h-Aiseirigh.
Thuirt Raibeart Muir, Manaidsear Sgìreil airson Loch Abar, An Eilein Sgitheanaich agus Taobh Sear Rois aig Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean: “Tha e na thlachd mhòr do dh’Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean gu bheil a’ chiad ìre de leasachadh Baile na Cille Bige air a coileanadh gu soirbheachail. Tha sinn a’ dèanamh fiughair cuideachd ri coileanadh nam buannachdan an lùib a’ mhaoineachaidh seo sa bhun-structar tro phròiseactan a thèid an leasachadh leis an t-Sabhal Mhòr air an làraich fhèin.”
Chuir cunnradairean a’ phròiseict, Robertson Northern Ltd, crìoch air an obair sa Ghiblean 2015 agus thuirt Stiùiriche Sgìreil na companaidh, Frank Reid: “Bha sinn mothachail le pròiseact Baile na Cille Bige nach ann air togalach a-mhàin a bha sinn ag obair, ach air pròiseact a chuireas ri leasachadh eaconamach an Eilein Sgitheanaich agus, gu dearbh, ri leasachadh na Gàidhealtachd agus nan Eileanan gu lèir. Mar sin, bha e riatanach gum freagradh an leasachadh seo ri mòr-mhiann, inbhe agus cudromachd an Ionaid Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, agus tha sinn air leth moiteil gu bheil e air tighinn gu buil agus cinnteach gun coilean e an t-amas seo. Bha e na urram dhuinn gun robh dleastanas deatamach againn an lùib leasachadh Sabhal Mòr Ostaig, airson Shlèite, an Eilein Sgitheanaich agus cultar na Gàidhlig gu lèir.”
Thuirt banntrach Shir Iain, a’ Bhaintighearna Lucilla Nobail: “Tha e a’ toirt toileachas mòr dhomh gur e Ionad Iain Nobail a bhios air a’ chiad togalach ann an Leasachadh na Cille Bige. Bha aige ri aghaidh a chur ri iomadh dùbhlan ann a bhith stèidheachadh Sabhal Mòr Ostaig, agus bha e ag obair agus a’ strì gus cànan, dualchas is foghlam na Gàidhlig a thoirt air adhart fad a bheatha. Mar sin, tha e gu math iomchaidh gum mair ainm Iain mar phàirt den Cholaiste fhèin cho fad’s a tha i ann.”
Chuir Comhairle Choimhearsnachd Shlèite fàilte air an ìre as ùire de leasachadh na Colaiste agus rinn iad moladh air lèirsinn Shir Iain Nobail. Thuirt Cathraiche na Comhairle, Ruairidh Moireach: “Tha an togalach ùr seo a’ comharrachadh leasachadh leantainneach na Colaiste agus tòiseachadh ìre ùr de dh’obair coimhearsnachd ri linn Baile na Cille Bige. Tha a’ Chomhairle Choimhearsnachd a’ dèanamh fiughair ri lìbhrigeadh ghoireasan ùra adhartach aig a’ Chill Bhig às am faigh an dà chuid a’ Cholaiste agus an sgìre seo buannachd airson iomadh ginealach ri teachd.”
Mar thoradh air iomairt na Cille Bige, thèid a’ chiad’bhaile ùr’ a chruthachadh san Eilean Sgitheanach o chionn cha mhòr 100 bliadhna, agus bidh sin na chloich-mhìle chudromach ann an eachdraidh an Eilein. Cuideachd, togaidh e air a’ bhuaidh a tha air a bhith aig a’ Cholaiste air eaconamaidh is beatha muinntir na sgìre bho chaidh a stèidheachadh le Sir Iain Nobail ann an 1973.
As dèidh an fhosglaidh oifigeil, thug a’ Chiad Mhinistear seachad Òraid Bhliadhnail an t-Sabhail far an do bhruidhinn i mu na ceanglaichean eadar ath-bheothachadh cànan is cultar na Gàidhlig agus dùsgadh eacanomaigeach na dùthcha, agus gu seachd àraid na tha Sabhal Mòr Ostaig air cur ris a seo bhon a chaidh a’ Cholaiste a stèidheachadh.
Rinn i moladh air an lèirsinn a bh’ aig Sir Iain Nobail agus mar a tha Sabhal Mòr Ostaig air fàs tro na bliadhnaichean, an dà chuid a thaobh foghlam agus leasachadh, is gu bheil e an-diugh na shàr eisimpleir don dùthaich gu lèir.
Thuirt i: “Nuair a stèidhich Sir Iain Nobail a’ Cholaiste seo, bha a lèirsinn stèidhichte air a’ bheachd gum brosnaicheadh dùsgadh cultarail an t-ath-bheothachadh eacanomaigeach. Tha na dhà ceangailte gu daingeann. Tha an lèirsinn sin air tighinn gu buil thar dà fhichead bliadhna.”
Chuir i fàilte air pròiseact Baile na Cille Bige ag ràdh gu bheil e dha rìribh misneachail a bhith faicinn togalaichean agus leasachaidhean ùra sa Chill Bhig a tha a’ neartachadh na sgìre agus, nas fharsainge, a tha a’ sealltainn nan cothroman a tha againn airson Gàidhlig a bhrosnachadh gus buannachd sòisealta agus eacanomaigeach fhaighinn.
“Tha ballachan ùra leasachadh na Cille Bige a’ sealltainn na tha Sabhal Mòr Ostaig air cur ri foghlam na Gàidhlig; ri ath-bheothachadh Shlèite; agus ri cultar is eaconamaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean.”
Mhìnich a’ Chiad Mhinistear mar a tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air fàs a thoirt air luchd-labhairt na Gàidhlig agus cho fìor chudromach’s a tha e gun cùm na h-àireamhan a’ sìor fhàs.
Thuirt i: “Tha sinn a’ feuchainn ri dearbhadh a-nis gu bheil na laghan foghlaim agus siostam nan sgoiltean againn a’ cur ri leasachadh na Gàidhlig an àite bacadh a chur air. Mar sin dheth, tha sinn a’ gabhail ri dòigh iomchaidh agus phractaigeach a bhios na cuideachadh ann a bhith a’ dìon a’ chànain. Tha sinn ag iarraidh gun ionnsaich barrachd dhaoine a’ Ghàidhlig, gun cleachd iad i, agus gum faic iad i mar phàirt chudromach dem beatha. Ma nì sinn sin,’s urrainn dhuinn a bhith cinnteach gun cuir a’ Ghàidhlig ri neartachadh sòisealta is eacanomaigeach nan coimhearsnachdan ionadail.”
Thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, Proifeasair Boyd Robasdan: “‘S e latha eachdraidheil a bha seo ann an sgeulachd an t-Sabhail Mhòir is a’ Chiad Mhinistear an dà chuid a’ fosgladh togalach ùr na Colaiste, Ionad Iain Nobail, mar a’ chiad cheum ann an leasachadh Baile na Cille Bige, agus a’ toirt seachad Òraid Bhliadhnail an t-Sabhail. B’ i an ceathramh Ciad Mhinistear a tha air an òraid a liubhart agus bha sinn air ar misneachadh gu mòr leis an taic a chur i an cèill do dh’obair na Colaiste agus leis an tuigse a nochd i mu shuidheachadh na Gàidhlig is mu àite foghlam agus craoladh ann an ath-bheothachadh ar cànain.”