Skip to content
SMO Generic Banner Image

Plana Cànain a’ cur ri inbhe na Gàidhlig aig Colaiste Ghàidhlig na h-Alba



Chaidh Plana Cànain Sabhal Mòr Ostaig fhoillseachadh an-dè (25 Giblean), plana a chuireas ri inbhe na Gàidhlig aig an Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig anns gach raon de dh’obair na colaiste.

Fhuair Sabhal Mòr Ostaig iarrtas bho Bhòrd na Gàidhlig plana cànain a dheasachadh fo chùmhnantan Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus iad air aon de bhuidhinn de cholaistean is oilthighean air an deach iarraidh plana a sgrìobhadh. Chaidh am plana a dheasachadh le Oifigear Leasachaidh Cànain na Colaiste, Janni Diez, agus luchd-obrach eile a tha mion-eòlach air leasachadh is planadh cànain. Tha am plana a’ togail air Poileasaidh Cànain na Colaiste agus a’ neartachadh cleachdadh na Gàidhlig am measg oileanaich agus luchd-obrach an t-Sabhail. Tha am plana a’ cur ri inbhe na Gàidhlig a bha mu thràth làidir is daingeann aig a’ cholaiste, agus bheir e cothrom don t-Sabhal iomairtean sònraichte a chur air adhart a bheir inbhe nas àirde buileach don chànan.

Thuirt an t-Ollamh Boyd Robasdan, Prionnsapal na Colaiste: “Tha uallach sònraichte air Sabhal Mòr Ostaig, mar an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan agus Cultar na Gàidhlig, a bhith a’ cur air adhart adhbhar na Gàidhlig agus a bhith a’ neartachadh suidheachadh a’ chànain.  Tha am Plana seo a’ togail air poileasaidh Gàidhlig na Colaiste a tha stèidhichte air feallsanachd agus prionnsapail planadh cànain. Tha àit-obrach is coimhearsnachd Ghàidhlig againn an seo le bun-structair iomchaidh airson rùintean a’ Phlana agus a’ phoileasaidh a chur an gnìomh.

“Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ creidsinn gu mòr ann an co-phàirteachadh agus bidh sinn ag obair gu dlùth leis an Riaghaltas, le Bòrd na Gàidhlig agus le ionadan is buidhnean poblach eile gus amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig a choileanadh.”

Thuirt Ceannard Bòrd na Gàidhlig, Iain Aonghas MacAoidh: “Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur meal-a-naidheachd air Sabhal Mòr Ostaig air a’ chiad Phlana Gàidhlig aca fhoillseachadh. ’S e clach-mhìle shònraichte eile a tha seo air ar slighe a dh’ionnsaigh amas Achd na Gàidhlig a choileanadh ann a bhith a’ faicinn inbhe na Gàidhlig ag èirigh mar chànan oifigeil ann an Alba air fad, ag àithneadh spèis co-ionnan ri Beurla. Tha Sabhal Mòr Ostaig na eisimpleir fìor mhath mar-thà de dh’aitreabh airson foghlam Gàidhlig ann an Alba, agus tha e cudromach gun lean iad orra nam modal sàr-mhathais de dheagh chleachdadh ann an ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig.”

Thuirt Janni Diez, Oifigear Leasachaidh Cànain na Colaiste: “Leis a’ phlana seo tha sinn air bun-stèidh a chruthachadh a bheir ro-innleachd dhuinn sna 5 bliadhna a tha romhainn – plana a nì cinnteach gum bi sinn nar sàr eisimpleir de dh’iomairt cànain. Tha sinn gu sònraichte airson misneachd nan oileanach agus an luchd-obrach a thogail gus Gàidhlig a chleachdadh fad na h-ùine.”

Chaidh am plana a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig an-uiridh às dèidh do cho-chomhairle phoblach far an robh cothrom aig daoine beachdan a chur a-steach mun phlana. Mairidh am plana còig bliadhna gus am feumar ùrachadh.

Gheibhear leth-bhreac den phlana air làrach-lìn na Colaiste aig:

http://www.smo.uhi.ac.uk/PDFs/Colaiste/Plana%20Gaidhlig/Plana-Gaidhlig%20lion.pdf

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578