Skip to content
SMO Generic Banner Image

Prionnsapal agus Iar-sheansailear ùr aig OGE a’ tadhal air Sabhal Mòr Ostaig



Choinnich am Proifeasair Clive Mulholland ri luchd-obrach Sabhal Mòr Ostaig OGE Diluain, dìreach 4 seachdainean às dèidh dha tòiseachadh na dhreuchd mar dàrna Prionnsapal agus Iar-sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Tha am Proifeasair Mulholland a’ tighinn don oilthigh bho Oilthigh na Cuimrigh a Deas, far an robh e na leas-iar-sheansalair (rannsachadh is beatha nan oileanach).

Na neach-saidheans bith-mheidigeach, aig a bheil sàr-eòlas air bith-cheimigeachd chlionaigeach agus ionnsachadh air-loidhne, dh’obraich e anns an t-seirbheis chatharra shaidheansail agus anns an NHS cho math ri roinn nan oilthighean.

Thuirt am Proif Mulholland: “Tha mi ro thoilichte a bhith a’ tighinn do dh’ Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean aig àm brosnachail na leasachadh.  Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ stiùireadh an oilthigh mar stèidheachd adhartach ùr-ghnàthach a bhios daingeann na rùn agus suidhichte gu diongmhalta air a’ chùrsa a tha roimhe. Tha mi airson comas air feadh na sgìre a leudachadh agus a leasachadh, sàr bheatha-oilthigh a thoirt do na h-oileanaich againn agus taic a thoirt do dh’fheumalachdan cultarach agus eaconamach na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

“An t-eòlas a th’ agam air àrd-fhoghlam agus foghlam adhartach, ionnsachadh le taic bho theicneòlas, rannsachadh agus feabhas a thoirt air na dh’ fhiosraicheas oileanaich, tha mi an dòchas gun tèid agam air a thoirt leam gus taic a thoirt do dh’amasan ro-innleachdail a’ chom-pàirteachais shònraichte againn, a bhios a’ lìbhrigeadh n dà chuid, foghlam aig ìre oilthigh agus aig ìre colaiste.

“Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair leis na com-pàirtichean againn feuch an cruthaich sinn eisimpleir air leth de stèidheachd a tha suidhichte air diofar làraichean do luchd-ionnsachaidh an 21a linn air feadh ar sgìre agus nas fhaide às.”

Chuir Prionnsapal SMO, am Proifeasair Boyd Robasdan, fàilte air an tadhal ag ràdh “‘S e cothrom a bha seo dhan Phrionnsapal ùr eòlas a chur air an t-Sabhal agus cluinntinn mun liuthad taobh a tha air obair an Ionaid Nàiseanta.  Bha coinneamhan glè fheumail agus mhisneachail againn leis anns an do chuir e an cèill a shealladh air an t-slighe air adhart dhan oilthigh.  Buinidh am Proif Mulholland do cheann a Tuath na h-Èireann agus tha e air a bhith ag obair aig àrd-ìre ann an oilthighean an Ulaidh agus sa Chuimrigh agus bidh an t-èolas sin air dùthchannan agus dualchasan Ceilteach eile na dheagh bhun-stèidh dha ann a bhith a’ stìùireadh Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus a’ togail air na ceanglaichean leis an t-Sabhal a thaobh foghlam tron Ghàidhlig.”

Tha am Proifeasair Mulholland na Chaidreabhach de dh’Institiud nan Saidheansan Bith-mheidigeach, na Àrd-chaidreabhach de dh’ Acadamaidh an Àrd-fhoghlaim, na Chaidreabhach de Chomann Rìoghail an Eòlais-leighis, na Chaidreabhach de Chomann Rìoghail nan Ealain agus na Neach-saidheans Cùmhnantaichte. Tha dreuchdan air a bhith aige aig Oilthigh Ulaidh, Oilthigh na Bànrigh ann am Beul Feirste, Oilthigh Swansea, an NHS agus Roinn an Àiteachais ann an Èirinn a Tuath.

Tha am Proif Mulholland, a bhuineas do Bangor, Èirinn a Tuath, a’ tighinn an àite Sheumais Fhriseil, a leig dheth a dhreuchd aig deireadh na Dùbhlachd 2013.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578