Skip to content
SMO Generic Banner Image

Pròiseact foghlaim còmhla ri cloinn à Bun-sgoil Shlèite, agus Bun-sgoil Chrois na Cìse



Sabhal Mòr Ostaig 5 an t-Ғgmhios’” 25 an t-Iuchar 2010
Fosgladh Oifigeil Disathairne 5 an t-Ogmhios 6:30f – 8:30f

Is e pròiseact foghlaim glòir-mhiannach a tha ann Air Iomlaid a’ toirt a-steach 60 sgoilearan bun-sgoile bho Bhun-sgoil Chrois na Cìse an Dùn Èideann agus bho Bhun-sgoil Shlèite sanEilean Sgìtheanach. Air a thòiseachadh le neach-ealain Julie Brook agus Manaidsear Prògram Òigridh Chloinne is Dhaoine Òga The Fruitmarket Gallery, Johnny Gailey, an dèidhpròiseas a dhealbh Julie Brook, tha am pròiseact seo air a’ chlann a thoirt an sàs ann am pròiseas dian de theagasg ealain thairis air 18 mìosan.

Dh’™ionnsaich a’ chlann a bhith a’ dealbhadh agus a’ peantadh a-muigh nan àrainneachd fhèin agus an àrainneachd a chèile, agus a bhith a’ nochdadh na grad-fhreagairtean aca ann an dealbhan, peantadh, bàrdachd, fiolm is beothachadh fa-leth agus gu co-obrachail. Tha an taisbeanadh seo mar mholadh air a’ phròiseact agus na chothrom air obair na cloinne a chur air adhart .

Le taic bhon Chrannchur Nàiseanta tro Ionmhas Brosnachaidh Comhairle Ealain na h-Alba le taic a bharrachd bho Bòrd na Gàidhlig, Dualchas Nàdair na h-Alba, Ionnsachadh is Teagasg na h-Alba agus Urras Ernest Cook.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578