Skip to content
SMO Generic Banner Image

Òraid an t-Sabhail ri toirt seachad le Àrd-Oifigear Alba Chruthachail



Thèid feartan cruthachail na h-Alba agus an t-àite a th’ aig luchd-ealain ann an cultar na dùthcha a dheasbad aig Òraid an t-Sabhail Mhòir aig deireadh a’ mhìos.

Bidh Anndra Dixon, Àrd-Oifigear Alba Chruthachail, aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach air Latha Naoimh Anndra airson òraid na bliadhna sa a thoirt seachad do dh’™oileanaich, luchd-obrach is aoighean na Colaiste

Tha Mgr Dixon a’ leantainn iomadh neach cliùiteach eile san t-sreath de dh’™òraidichean, Máire Mhíc Róibín, Ceann-suidhe na h-Èireann, Dòmhnall Mac an Deòir BPA nach maireann, Prìomh Mhinistear na h-Alba, an sgrìobhadair is eòlaiche eachdraidh, an Dr Seumas Mac an t-Sealgair, agus an neach-ciùil is sgrìobhaiche-ciùil ainmeil, an t-Àrd Ollamh Mícheál Ó Súilleabháin nam measg.

Thuirt an Dr Donaidh Rothach, Stiùiriche Leasachaidh is nan Ealain aig Sabhal Mòr Ostaig:’Tha sinn air leth toilichte gum bi Anndra Dixon còmhla rinn airson Òraid an t-Sabhail a thoirt seachad is e a’ toirt cothrom dhuinn ar cuid taic a fhuair sinn bho Alba Chruthachail aithneachadh.

‘On a thòisich Òraid an t-Sabhail ann an 1990, tha an sreath ionmholta seo air leigeil don Cholaiste an fheallsanachd aig cuid dhe na h-eòlaichean as sgileile a th’ againn ann am poileataics, foghlam, an eaconomaidh is na h-ealain a chur fa chomhair an t-sluaigh airson deasbaid. 

‘Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ris an òraid aig Mgr Dixon agus ri bhith ag obair còmhla ri Alba Chruthachail fon stiùir aige.’

Mar phàirt den turas aige don t-Sabhal, bidh Mgr Dixon cuideachd a’ fosgladh taisbeanadh ealain le Chris Drury,’˜Land, Water and Language’™, a th’ air a chur air bhonn cuide ri Taigh Chearsabhagh ann an Uibhist a Tuath.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578