Skip to content
SMO Generic Banner Image

Àrd-mhanaidsear air fhastadh airson pròiseact Soillse



Tha Iain Caimbeul à Gearraidh Bhailteas Uibhist a Deas air fhastadh mar Àrd-Mhanaidsear air a’ phròiseact rannsachaidh ùir Soillse.   

Tha Iain a’ fuireach an-diugh ann an sgìre Chill-Tharaghlain goirid do Inbhir Nis. Thairis air na h-ochd bliadhna a chaidh seachad tha e air a bhith na Stiùiriche air a’ chompanaidh chomhairleachaidh aige fhèin, Hecla Consulting.  Anns an àm sin tha e air a bhith an lùib mòran pròiseactan rannsachaidh ceangailte ri cuspairean leasachadh na Gàidhlig.

Roimhe sin bha e na Àrd-Chomhairliche aig EKOS Consultants agus bha e cuideachd na Mhanaidsear Planaidh aig Iomairt na Gàidhealtachd’s nan Eilean. Tha trì ceumannan MSc aige agus ceum BSc le Urram ann an cuspairean ceangailte ri Leasachadh, Eaconamachd agus Stiùireadh. Chaidh oideachadh an toiseach ann am  bun-sgoil Chill Donnain agus ann an sgoil Dhalabroig an Uibhist a Deas.

Bidh am pròiseact Soillse stèidhichte airson sia bliadhna sa chiad dol-a-mach agus tha maoineachadh luach £5.29m air a chur mu choinneamh a’ phròiseict. Tha leth dhan maoineachadh a’ tighinn bho Chomhairle Maoineachadh na h-Alba (£1.866m); Bòrd na Gàidhlig (£0.541m); agus Iomairt na Gàidhealtachd’s nan Eilean (£0.4m). Tha an dàrna leth gus a bhith tighinn bho na h-Oilthighean a tha gabhail pàirt ann an Soillse.’S iad sin: Oilthigh Obar Dheathain, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Dhùn Èideann agus OGE, oilthigh na Gaidhealtachd is nan Eilean a tha ga chruthachadh an-dràsta.

Tha Soillse gus a bhith rannsachadh chuspairean ann an trì raointean sònraichte, agus’s iad sin: suidheachadh na Gàidhlig ann an teaghlaichean agus coimhearsnachdan; a’ cruthachadh fianais dhearbhte mu thoraidhean cànain ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig diofar ìrean; agus a’ measadh cho èifeachdach is a tha poileasaidhean poblach ceangailte ris a’ Ghàidhlig agus na planaichean cànain aig na buidhnean poblach.

Chuir am Proifeasair Boyd Robasdan, Prionnsapal, Sabhal Mòr Ostaig fàilte air Iain dhan dreuchd ag ràdh:’Tha sinn air leth toilichte cuideigin leis na sgilean sònraichte agus leis an fharsainneachd eòlais a tha aig Iain fhaighinn airson post a bhios cho cudromach ann a bhith a’ cruthachadh lionradh rannsachaidh nàiseanta agus a’ cruinneachadh fiosrachadh air cor agus cleachdadh na Gàidhlig am measg an t-sluaigh.  Tha Iain air a dheagh uidheamachadh airson a dhol an sàs anns an obair ioma-fhillte seo.’

A’ bruidhinn air Soillse agus air an dreuchd aige fhèin, thuirt Iain:’Air mo shon fhìn’s e urram a tha ann a bhith nam Àrd-Mhanaidsear air Soillse agus tha mi moiteil gun d’ fhuair mi an cothrom an obair a ghabhail thairis. Ach’s ann do choimhearsnachd na Gàidhlig a tha na cothroman fa leth a’ dol a thighinn bho thoraidhean Soillse.

”™S e seo a’ chiad uair a thàinig uiread de thaic bho Chomhairle Maoineachadh na h-Alba airson rannsachadh a dhèanamh air cuspairean ceangailte ris a’ Ghàidhlig.  Cuideachd’s e seo a’ chiad uair a tha prìomh Oilthighean na h-Alba a tha a’ cur taic ris a’ Ghàidhlig a’ tighinn còmhla ri Bòrd na Gàidhlig,  ri Iomairt na Gàidhealtachd’s nan Eilean agus ri buidhnean poblach eile airson taic a chur ris an iomairt airson cleachdadh na Gàidhlig a leudachadh air feadh na h-Alba’.

‘Tha Soillse a’ toirt cothrom do choimhearsnachd na Gàidhlig a bhith mun chuairt a’ bhùird nuair a tha poileasaidhean air an deasbad aig àrd ìre air staid ar cànan. Tha mi a’ coimhead romham gu mòr a bhith ag obair gu dlùth ri coimhearsnachdan na Gàidhlig air feadh na h-Alba, ris na h-oilthighean agus luchd-rannsachaidh a bhios an lùib a’ phròiseict  seo agus ris na buidhnean poblach eile a tha a’ cur an taic ri Soillse agus ris an iomairt airson Gàidhlig a chur air bilean an t-sluaigh’.

Bidh an dreuchd aig Mgr Caimbeul stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, agus thathar cuideachd aig an àm seo a’ sanasachd airson Neach-rannsachaidh agus Oileanach PhD a bhios cuide ag obair bhon Cholaiste.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578