SMO Generic Banner Image

Rionnagan ciùil na Gàidhlig am measg luchd-ceumnachaidh an t-Sabhail



Bha Julie Fowlis, a choisinn an duais airson Seinneadair Dùthchasach na Bliadhna bho BBC Radio 2, agus Gillebrìde MacIllemhaoil, a bhuannaich Bonn Òr a’ Chomuinn Ghaidhealaich agus a tha air duais bho Na Trads fhaighinn, am measg nan 45 oileanach a choisinn ceuman agus a fhuair teisteanasan cùrsa bho Phrionnsapal na Colaiste, An t-Oll Boyd Robasdan aig Ceumnachd bhliadhnail Sabhal Mòr Ostaig Dihaoine.

Bha Julie agus Gillebrìde am measg a’ cheathrair a cheumnaich bhon chùrsa MA Cultar Dùthchasach is an Àrainneachd, còmhla ri Gòrdan Camshron, a tha ag obair airson Ionad Dualchas na Comraich agus air an deach Duais Cuimhneachaidh Fhearchar Mhic an Tòisich a bhuileachadh airson an oileanaich a rinn obair aig ìre bharraichte thar nan cùrsaichean gu lèir, agus Emily Edwards a tha na h-Oifigear Gàidhlig airson Dualchas Nàdair na h-Alba. 

Thuirt an t-Oll Uisdean Cheape, a tha os cionn a’ chùrsa,’Leis an MA Cultar Dùthchasach agus an Àrainneachd tha sinn a’ tarraing air iomadh cuspair gus tuigse ùr a chruthachadh agus sùil ùr a thoirt air eachdraidh na Gàidhealtachd.  Tha sinn ag obair tro mheadhan na Gàidhlig agus leis a sin is urrainn dhuinn a bhith a’ leantainn obair rannsachaidh a tha a’ tarraing air eòlas agus dualchas nan coimhearsnachdan agus a bhith ga thoirt air ais do na coimhearsnachdan tro shaothair na h-obrach aca.  Tha mi an dochas gun tig leabhar às an obair rannsachaidh a rinn an ceathrar a tha air ceumnachadh an dràsta!’ 

Cuideachd a’ faighinn moladh bha na ciad oileanaich a cheumnaich bhon chùrsa ciùil BA (Urram) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta, Roya NicIlleathain agus Lisa Moyes.  Fhuair Lisa cuideachd Duais Chaluim Bhàin’ ag aithneachadh sàr chomasan ann an ceòl is seinn na Gàidhlig’ mar chuimhneachan air Calum Robasdan, nach maireann, a bha uair os cionn Seirbhisean Corporra na Colaiste. ‘˜S i Heather Clyne a bhuannaich duais OGE airson Oileanach SMO na Bliadhna.

Thuirt An t-Oll Boyd Robasdan,’B’ e seo a’ chiad cheumnachd bhon a chaidh inbhe làn oilthigh a bhuileachadh air Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus bha e freagarrach gun robh Fiona Larg, Rùnaire OGE, an làthair a’ riochdachadh an oilthigh agus a’ toirt seachad cuid dhe na duaisean.  B’ e seo a’ chiad cheumnachd cuideachd bhon a dh’™eug neach-stèidheachaidh na Colaiste, Iain Noble, agus  rinn Cathraiche a’ Bhùird-stiùiridh, Ruaraidh Iain MacLeòid,  luaidh air an dìleib phrìseil a dh’™fhàg e againn agus mar a bha e mar uallach oirnn dh’™fheumas togailair an dìleib sin.  Bha e iomchaidh gun deach bonn sònraichte a bhuileachadh leis an oilthigh ùr air Lachie Dick, fear a rinn uiread airson leasachadh acadaimigeach an t-Sabhail agus an Oilthigh thar mòran bhliadhnaichean.’

‘˜Si Donalda NicComb, Ceannard Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, a thug seachad Òraid na Ceumnachd. Bhrosnaich i na ceumnaich gu dhol air adhart leis a’ Ghàidhlig agus chuir i an cèill dhaibh na buannachdan a bha a’ sruthadh bho bhith dà-chànanach.  Bhruidhinn i mu na ceangalan a th’™ann  an-dràsta eadar Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus Sabhal Mòr Ostaig agus mhiannaich i gum biodh fiù ‘˜s barrachd ceangail eadar an dà ionad foghlam Gàidhlig as motha san àm ri teachd.

                                                                                                                         
Duaisean nan Sàr Ghaidheal

A bharrachd air duaisean nan oileanach, chaidh an obair ionmholta a rinneadh le dithis Ghàidheil a thaobh na Gàidhlig a chomharrachadh le Sabhal Mòr Ostaig le duaisean Shàr Ghàidheal na bliadhna sa gam buileachadh air Eòin Dòmhnallach, à sgire Chile Mhoire ann an
ceann-a-tuath an Eilein Sgitheanaich, agus Iain Fearchar Rothach, à Gleann Seile ann an Sgìre Chinn
t-Sàile, mar aithneachadh air na rinn an dithis aca às leth
a’ chànain.

An dèidh frithealadh sgoil Chille Mhoire, dh’™fhàg Eòin Dòmhnallach an sgoil le ùidh aige anns gach seòrsa de dh’ obair-làimhe.  Dh’ ionnsaich e figheadaireachd agus crèadhadaireachd agus anns a bhliadhna 1951, thoisich e bùth obrach-làimhe anns a’ bhaile anns an do thogadh e.  Ann an 1963 fhuair Eòin cuireadh a bhith na bhall de Choimisean nan Croitearan agus chuir e seachad an ath shia bliadhna a’ siubhal na Gàidhealtachd agus nan eilean as leth a’ Choimisein.  Ged a bha e a’ siubhal fad agus farsaing anns na bliadhnaichean sin, a’ feuchainn ri croitearachd a thoirt air adhart, bha e trang aig an taigh cuideachd, agus ann an 1965 dh’™fhosgail e taigh-tasgaidh ann an Cille-Mhoire.  Ann an 1970 ghabh Eòin thairis Tigh Òsta Dhun Tuilm far an robh e na òsdair gu 1997.  Eadar bùth obair-làimhe, taigh-tasgaidh agus taigh-òsta, rinn Eòin an t-uamhas airson turasachd a bhrosnachadh ann an Ceann-a-tuath an Eilein Sgitheanaich thar faisg air leth-cheud bliadhna agus chuir e a chànan is a dhualchas air adhart anns gach meur dhe bheatha.

Chuir Iain Fearchar Rothach seachad dusan bliadhna aig muir, a’ siubhal an t-saoghail, as dèidh dha  an sgoil fhàgail.  Às dèidh sin, bha e na chroitear, bha e a’ ruith companaidh còmhdhail agus bha e na chomhairliche, a bharrachd air a bhith an sàs ann an iomadh iomairt agus buidheann saor-thoileach, Sabhal Mor Ostaig nam measg.  Chuir e seachad deich bliadhna, bho 1997 gu 2007, mar urrasair air an
t-Sabhal.  Sheas e airson a’ Pharlamaid Albannaich ann an 1999 agus chaidh a thaghadh mar Bhall-Pàrlamaid airson Sgìre Rois, an Eilean Sgitheanaich agus Taobh Siar Inbhir nis.  Bha meas mòr air anns an Eilean agus bha e an sàs san iomairt airson cìsean a thoirt far drochaid an Eilein, a shoirbhich ann an 2004.  Bha e gu mòr an sàs ann an gnothaichean dùthchail agus’˜s e na rudan a bha cudromach do mhuinntir na sgìre a bha cudromach dhàsan.  Thug Ruairidh Iain MacLeòid, Cathraiche a’ Bhòrd-stiùiridh aig Sabhal Mòr Ostaig, iomradh air mar’fhear dhe na Libearalaich mu dheireadh dhen an t-seann sheòrsa’.

Chaidh cuideachd Bonn an Iar-Sheansalair a bhuileachadh air Lachaidh Dick’˜s e air seirbheis air leth a thoirt do dh’™fhoghlam air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan thairis air mòran bhliadhnaichean, an toiseach mar Cheannard Roinn na Gàidhlig aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, an uairsin mar Neach-Comhairleachaidh Gàidhlig aig Comhairle nan Eilean agus a-rithist mar Iar-Stiùiriche an Fhoghlaim leis an aon Chomhairle.  Tha ceangal fada agus tarbhach air a bhith aig Lachaidh le Sabhal Mòr Ostaig bho 1975. Ghabh e ri cuireadh  a bhith na Urrasair aig an t-Sabhal Mhòr ann an 1982 agus bha e na bhall dhen Urras airson 10 bliadhna.  Thòisich e mar neach-obrach aig an t-Sabhal ann an 1996 a’ gabhail na dreuchd Co-òrdanaiche Leasachaidh Acadamaigeach.  Bha am fiosrachadh agus an t-eòlas a fhuair Lachaidh tro na bliadhnaichean a bha e ag obair aig Comhairle nan Eilean glè fheumail dhan t-Sabhal Mhòr ann a bhith a’ leasachadh oighreachd na Colaiste agus chaidh a thàlantan an cleachdadh a chum maith an t-Sabhail Mhòir agus Oilthigh na Gàidhealtachd gu cunbhalach thar ùine fhada ann an leasachadh an oilthigh.

Soirbheachadh leis am BA (Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta

Ghabh Sabhal Mòr ceum eachdraidheil eile am bliadhna leis na ciad oileanaich a’ ceumnachadh bhon chùrsa ciùil BA (Urram) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta.  Chuir Roya NicIlleathain (22) às a’ Bhlàr Dhuibh agus Lisa Moyes (22) à Baile Màiri, crìoch air 4 bliadhna de dh’ obair làn-ùine aig a’ cholaiste far an d’ rinn iad measgachadh de mhodailean Ghàidhlig agus modailean ciùil, a’ gabhail a-staigh leasanan air na prìomh ionnsramaidean aca, obair buidhne, 
obair-sgrìobhaidh’˜s deasachaidh, a’ teagasg ceòl agus obair clàraidh agus riochdachaidh.  Chuir Moyes, a tha na fìdhlear, seachad teirm aig Oilthigh Cheap Bhreatainn ann an Alba Nuadh far an d’ rinn i obair-rannsachaidh air stoidhle fìdhlearachd Cheap Bhreatainn airson a tràchdas.  Tha Moyes a-nis ag obair air a ceann fhèin mar neach-ciùil agus tòisichidh i air cùrsa trèanadh mar neach-teagaisg a dh’ aithghearr.

Tha NicIlleathain mar thà air ainm a dhèanamh dhi fhèin mar aon dhe na cluicheadairean bocsa as fheàrr an Alba agus i air dà chlàr a chur a-mach gu ruige seo.  Bhon a chuir i crìoch air a ceum, tha i air a bhith ag obair na neach-ciùil làn thìde,’Seach gu bheil mi a-nis ag obair air mo cheann fhèin’, tha i ag ràdh,’Tha mi a’ teagasg ann am bun-sgoiltean beagan làithean san t-seachdain tro Fhèis Rois agus tha mi  a’ teagasg a’ bhocsa gu prìobhaideach.  Tha  mi cuideachd a’ cluich tric le còmhlain, mo chòmhlan fhèin nam measg, agus tha mi a’ co-phreseantadh prògram a’ phrìomh dà fhichead ann an Gàidhlig’˜s Beurla air Moray Firth Radio’¦’s fìor thoigh leam e!’

Ged a tha duilgheadas mòr aig ceumnaich air feadh na rìoghachd obair fhaighinn, tha sgeulachd nas dòchasaiche aig Roya,’Tha mi a’ smaoineachadh air sgàth gun d’ fhuair mi ceum ann an Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta gu bheil e air cothroman a bharrachd a thoirt dhomh obair fhaighinn air a’ Ghàidhealtachd agus gu bheil e air mo chuideachadh cho mòr le mo chuid cheòl.  Bhon a dh’ fhàs mi fileanta anns a’ chànain, tha mar a tha mi a’ tuigsinn ceòl air a thighinn air adhart gu mòr.  Tha an ceum seo air mo chuideachadh obair fhaighinn tron Fhèis agus cuideachd an obair Rèidio agam fhaighinn,’˜s tha mi gu math taingeil air a shon.. ‘˜Se obair chruaidh a bh’™ann Gàidhlig ionnsachadh, ach’˜s math a b’ fhiach i.’
Thòisich an cùrsa BA (Urram) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta ann an 2007 agus’˜se fhathast an aon seòrsa cùrsa dhe leithid a th’ air a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin.  Am measg an luchd-obrach tha cuid dhen luchd-ciùil’˜s luchd-acadaimigich as fheàrr air an t-saoghal, mar Dr Decker Forrest, Ailean MacEanraig, Ingrid NicEanraig, Dr Iain MacSporain agus Cairistìona Primrose.  Bidh cuid eile a’ tadhal air a’ cholaiste airson teagasg, nam measg tha Ailean Dòmhnallach, Fergie Dòmhnallach, Mairead Stiùbhart agus Dr Will Lamb.  Airson tuilleadh fiosrachaidh mun chùrsa seo, thèid gu www.smo.uhi.ac.uk/foghlam

Rionnagan ciùil na Gàidhlig am measg luchd-ceumnachaidh an t-Sabhail
© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578