Robyn dhìcheallach air a h-ainmeachadh mar oileanach na bliadhna
Thathas air boireannach òg a tha dealasach airson na Gàidhlig ainmeachadh mar Oileanach na Bliadhna Shabhal Mòr Ostaig UHI airson cho math’s a rinn i na cuid ionnsachaidh agus airson a h-euchd pearsanta.
Rinn Robyn Pheuton, 19, à Rathad Dhoire nam Bochd, Inbhir Nis, Gàidhlig tro UHI, Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a tha an-dràsta ga chruthachadh, airson teisteanas àrd-fhoghlaim. Rinn i An Cùrsa Comais do luchd-ionnsachaidh aig ìre mheadhanach, a chuir fòcas air sgilean labhairt agus sgrìobhaidh, aig a’ cholaiste Ghàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig UHI, san Eilean Sgitheanach.
Agus i an-dràsta air greis gnìomhachas oileanach aig Clì Gàidhlig, comann luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, ann an Inbhir Nis, tha Robyn am beachd a bhith ag ionnsachadh pàirt-ùine airson ceum ann an Gàidhlig agus Cuspairean Co-cheangailte fhad’s a bhios i a’ cumail oirre a’ fuireach agus ag obair ann an Inbhir Nis. Tha i cuideachd an dùil a bhith a’ teagasg dhaoine eile a tha ag ionnsachadh Gàidhlig mar neach-oideachaidh Ùlpain agus cuidichidh i aig Ceuman Beaga, a tha na chròileagan ann an Inbhir Nis.
Thuirt Sìle M. Hamaltan, ceannard sheirbheisean taic oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig UHI:’Tha Robyn na tè òg dhìcheallach, dhìoghrasach, a tha dealasach a bhith ag ionnsachadh agus a’ bruidhinn na Gàidhlig, agus a bhith a’ faighinn theisteanasan adhartach tro mheadhan na Gàidhlig gus an urrainn dhi an t-eòlas agus na sgilean aice a theagasg do dhaoine eile.
‘Fhuair i ìre A anns a h-uile gin de dh’ochd modalan a’ Chùrsa Chomais agus dh’obraich i gu dìcheallach agus gu cunbhalach gus seo a choilionadh. Tha Robyn a’ riochdachadh nan amasan aig UHI a bhith ga dhèanamh comasach do dhaoine òga a bhith a’ fuireach san sgìre aca fhèin le bhith a’ tabhann chothroman ionnsachaidh sùbailte dhaibh, a’ gabhail a-steach a’ chothruim a bhith ag obair agus ag ionnsachadh aig an aon àm.’
Riochdaich Robyn a cùrsa air comataidh co-chomhairleachaidh oileanaich na colaiste, agus ghabh i pàirt ann an Abair Thusa, cearcall còmhraidh Gàidhlig airson coimhearsnachd na colaiste.
Thuirt Robyn, a bha na sgoilear aig Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn, Inbhir Nis, agus a tha a’ buannachadh £100:’Is e rud snog fhèin a bh’ann, ris nach robh mi idir am fiughair, an duais seo fhaighinn, agus is prìseil leam i. Cha b’ urrainn dhan teagasg neo na goireasan a bhith na b’fheàrr, agus mholainn an cùrsa do dhuine sam bith a tha airson a chuid Gàidhlig a leasachadh. Chan urrainn dhomh a’ cholaiste agus an luchd-obrach a mholadh gu leòr.
‘Bha tòrr dhaoine is Gàidhlig aca san teaghlach agam agus tha mi ag iarraidh gum bi i na pàirt chudromach de mo bheatha-sa cuideachd.’ Is i an òigridh a chumas an cànan beò san àm ri teachd agus tha mi airson cur ris an ath-bheothachadh.’